Sùil air Spòrs 050714
Feumaidh mi rà dh gun robh mi air fear den fheadhainn a thog mo shùilean le iongnadh an uair a thug coidse na h-Òlaind Louis van Gaal an dara fear-gleidhidh aige far na beingidh airson na breaban-peanais an aghaidh Costa Rica Disathairne seo chaidh. Ach ’s gann gun robh an smuain sin air a dhol tro m’inntinn an uair a thuig mi gur e Van Gaal a bha seo agus gum biodh deagh adhbhar aige leithid a dh’atharrachadh a dhèanamh.
Nan robh e air a dhol na aghaidh bhiodh e na chulaidh-mhagaidh agus bhiodh Jasper Cillesen a chaidh a thoirt dheth ann an trum nas miosa buileach. Ach cha b’e sin a thachair ge-tà . Shà bhail Tim Krul, a bha air iasad aig sgioba na h-Eaglaise Brice beagan bhliadhnaichean air ais, a dhà dheth na breaban-peanais airson na Dùidsich a chur troimhe agus tha luaidh a-nis ga dhèanamh air Van Gaal mar dhraoidh ann an saoghal coidsidh. Fortanach no math? Math chanainnsa agus dà n cuideachd. Ged a bha na h-eòlaichean san stiùdeo a’ fanaid air gu ìre, bha fios aig Van Gaal nach robh Cillesen air gin a-mach à sia deug breab pheanais a shà bhaladh airson Ajax fhad’s a bha Krul air a dhà a chumail a-mach airson Newcastle. Aig sia troighean 's ceithir òirlich tha Krul cuideachd dà òirleach nas à irde na Cillesen agus leis an sin tha ruigsinn beagan nas fheà rr aige.
’S ann air na rudan beaga sin a tha geamachan mòra mar seo a’ tionndadh ach feumaidh tu coidse no manaidsear a tha là idir agus misneachail gu leòr na chomasan fhèin airson leithid a dh’atharrachadh a dhèanamh. Chan eil e gu diofar do leithid Van Gaal ma ghabhas aon chluicheadair san t-sròin e gu bheil e ga thoirt dheth mar a thachair le Cillesen a bhreab botal uisge air a shlighe far na pà irce ann an Salvador. ’Se an sgioba an rud as cudromaiche agus mar dhearbhadh air an sin b’e Cillesen a’ chiad fhear a bha na leum a-mach air a’ phà irce as dèidh dhan Òlaind a dhol troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach. Mar a chanas iad san Spà inn feumaidh tu cojones airson co-dhùnaidhean mòra mar sin a ghabhail agus uair eile dhearbh Van Gaal gu bheil an comas sin aige, rud a bu chòir misneachd a thoirt do luchd-taic Manchester United air thoiseach air an t-seusan ùr.
Rionnagan goilf agus luth-chleasachd
Tha sinn air ar milleadh le spòrs air an t-samhradh agus air an deireadh sheachdain seo tha cothrom ann cuid dheth na lùth-chleasaichean agus goilfearan as fheà rr air an t-saoghal fhaicinn air ar starsach fhèin an seo an Alba. Le duais trì millean not agus trì à iteachan anns an Open aig Hoylake an ath sheachdain air chothrom, chan eil e na iongnadh gu bheil farpais Open na h-Alba ann an Obar Dheathain air na rionnagan as motha a thà ladh dhan ear thuath leithid Phil Mickelson a ghlèidh an fharpais an uiridh ann an Inbhir Nis, a thuilleadh air Rory McIlroy, Justin Rose, Henrik Stensson agus Rickie Fowler.
Ged a tha e tà mailteach nach eil Mo Farah a-nis a’ dol a nochdadh san fharpais Diamond League aig Pà irce Hampden air an deireadh sheachdain, bidh gu leòr lùth-chleasaichean ainmeil eile leithid Christine Ohuruogu, David Rudisha agus Yohan Blake an là thair. Thairis air Disathairne ’s Didòmhnaich thèid 34 farpais a chumail aig a’ Phà irce Nà iseanta agus ‘se fìor dheagh chothrom a bhios ann faighinn faisg air cuid dheth na lùth-chleasaichean as ainmeile air an t-saoghal agus faicinn cuideachd mar a tha na rionnagan againn fhèin leithid Eilidh Child, Lynsey Sharp agus Chris O’Hare a’ deasachadh airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis nach eil ach cola-deug air falbh a-nis.
Sgitheanaich air an slighe air ais?
Tha e mìorbhuileach sgioba chamanachd an Eilean Sgitheanaich fhaicinn air ais sna h-iar chuairtean deireannach de Chupa na Camanachd. Bha mi an là thair còig bliadhna fichead air ais an uair a ghlèidh iad an Cupa air latha eachdraidheil sa Ghearasdan an aghaidh Bail’ Ùr an t-Slèibh.
Bha mòran a’ faireachdain gun robh an ainm air a’ Chupa a bhliadhna sin agus ged nach cluinn thu dad dhen t-seòrsa bruidhinn sin bho na Sgitheanaich, bidh iad toilichte chanainn Ceann a' Ghiùthsaich a sheachnadh sna h-iar chuairtean deireannach. Tha iad air an Gearasdan agus Gleann Urchardan, an sgioba a chluicheas iad airson à ite sa chuairt dheireannaich, a thoirt gu ùine a bharrachd mar-thà am bliadhna. Mar sin cha bhith iad gun dòchas, gu sònraichte ma thogas iad Cupa a’ Bhaile Mhòir air an deireadh sheachdain seo an aghaidh Baile Chaolais.
Tha an seusan aca thuige seo na dhearbhadh air a’ mhisneachd a tha e a’ toirt do sgioba a bhith a’ buinnig cha mhòr a h-uile seachdain mar a tha iad air a bhith a’ dèanamh sa Chiad Lìog Mu Thuath agus a’ cluiche le sgioba chunbhalach. Ma chumas iad sin a’ dol, cò aige tha fios nach fhaic sinn an cartùn ainmeil ud a’ nochdadh a-rithist sa Phà ipear Bheag ro chuairt dheireannach Cupa na Camanachd ag iarraidh air an duine mu dheireadh a dh’fhà gas an t-Eilean na soluis a chur dheth!