Sùil air Spòrs 221114
‘S e a bhò is caoile sa bhuaile as cruaidhe a dh’eubhas.’ Thàinig an seanfhacal sin a-steach orm an t-seachdain seo chaidh ’s mi a’ leughadh cuid dheth na bh’ aig cluicheadairean Rangers ri ràdh ron ghèam aca an aghaidh Hearts aig Tynecastle.
A rèir choltais cha bhiodh na cluicheadairean aig Hearts comasach air dèiligeadh ris a’ chuideam fuireach aig mullach an Championship agus bhiodh a’ bheàrn air a dhùnadh gu trì puingean. Cha tàinig facal a-mach bho champa Hearts. Chùm iad an ceansail fhèin agus thug iad am freagairt seachad air a’ phàirc le buaidh a bha gu math cofhurtail aig a’ cheann-thall agus tha e duilich fhaicinn cò a chuireas stad air an sgioba à Gorgie a-nise.
Seo dà chlub a tha air a bhith ann an staing ionmhais sna bliadhnaichean mu dheireadh - Hearts a chaidh ann an làmhan luchd-rianachd às dèidh droch stiùireadh Vladimir Romanov agus Rangers a b’fheudar tòiseachadh a-rithist san treas roinn an uair a dh’fhaillich orra a thighinn a-mach à rianachd ann an 2011. Gu h-annasach tha barrachd ùine air a bhith aig Rangers cùisean a chur ceart, ach eu-coltach ri Hearts tha iad air cumail orra a’ cosg airgead nach eil aca, an dà chuid air cluicheadairean agus air a’ mhanaidsear Ally McCoist.
Cha chuirinn-sa coire sam bith air cluicheadair no manaidsear ma thèid airgead gòrach a thabhainn orra, ach mar ghnìomhachas tha an club air an t-slighe cheàrr a thaghadh. An àite cosgaisean a ghearradh, earbsa a chur ann an cluicheadairean òga agus stoidhle cluiche ùr a bhrosnachadh a’ tighinn air ais a nuas tro na roinnean mar a rinn Swansea ann an Sasainn, tha iad air fortan a chosg air cluicheadairean a tha a’ tighinn gu deireadh an làithean cluiche. Cha robh agad ach coimhead ris an dà sgioba Dìsathairne airson dearbhadh air a’ phuing sin - Hearts le naoinear chluicheadair aig 22 no nas òige agus Rangers le naoinear a bha 29 no nas sine.
Bidh gu leòr air a sgrìobhadh ’s air a ràdh mu dheidhinn dreuchd Ally McCoist an t-seachdain sa agus chan eil teagamh orm mura b’e trioblaidean ionmhais a’ chlub gur fhada bho bhiodh iad air dealachadh ris. Tha mi ag ràdh sin a chionn ’s gu bheil fios agam gu bheil feadhainn air a’ bhòrd stiùiridh a tha ag iarraidh atharrachadh fhaicinn cho luath sa ghabhas. Thuige seo ’s e an trioblaid nach eil airgead gu leòr aca a phàigheas dheth e fhèin san sgioba coidsidh, ach ’s dòcha gur e a’ cheist dhaibh a-nis ’s iad naoi puingean air dheireadh air Hearts an tèid aca air an co-dhùnadh sin a sheachnadh?
Chan eil mi airson an còrr a ràdh mu dheidhinn an t-suidheachaidh sin an-dràsta ge-tà oir tha mi airson barrachd a ràdh mu dheidhinn Hearts agus mar a tha iadsan air an staing ionmhais aca a làimhseachadh. Às aonais gearain no cànran tha an luchd-taic air an làmhan a chur nam pòcannan uair is uair airson na Jambos a chumail beò agus tha tè dhiubh Ann Budge air a thighinn a-steach agus an club a chur air stèidh sheasmhach a leigeas leis an luchd-taic a cheannach an ceann grunn bhliadhnaichean.
Air a’ phàirce tha iad air cùisean fhaighinn ceart cuideachd. Far an do chùm Rangers cluicheadairean a tha a’ cosnadh tuarastalan mòra leithid Lee McCulloch is Ian Black, leig Hearts às cluicheadairean leithid Jamie MacDonald is Jamie Hamill. Chan eil iad a’ cosg sgillinn a bharrachd a-nise air na tha a’ tighinn a-steach dhan a’ chlub agus tha àrd-choidse òg comasach aca ann an Robbie Neilson a tha a’ faighinn deagh thaic agus comhairle bho fhear a bha thall sa chunnaic, Craig Levein.
Chur mi seachad madainn bho chionn ghoirid còmhla ri Neilson agus thàinig mi air falbh bhon ghoireas trèanaidh aca aig Riccarton mionnaichte gun robh Hearts a’ dol a thilleadh dhan Phrìomh Lìog air an ath sheusan. Tha feallsanachd chinnteach aige càit’ a bheil an club a’ dol agus ciamar a gheibh iad ann. Tha an deasachadh cho mionaideach sa dh’iarradh tu le trì seiseanan trèanaidh mar is trice, fiù ’s air Didòmhnaich airson ’s gum bi na cluicheadairean cho fut nam bodhaig agus nan eanchainn airson na geamachan a tha romhpa. Ma dh’fhaodas mi seanfhacal eile a chleachdadh san dealachadh air a’ chuspair seo - 'Am fear a sheallas roimhe, seallaidh e fad às a dhèidh' - agus chan eil teagamh nach eil sin fìor an dà chuid mu dheidhinn Hearts agus Rangers.
Duais eachdraidheil airson club Leòdhais sna Hearadh
Meal-an-naidheachd air club Leòdhais sna Hearadh a ghlèidh Cupa Chailleannach a Tuath airson a’ chiad uair an aghaidh sgioba Ghoillspidh Chataibh Disathairne seo chaidh. Tha mi an amharas gum brosnaich seo a-nis tuilleadh deasbaid co-dhiù a bu chòir dhan sgioba a dhol a-steach dhan Lìog leis an aon ainm. Chan eil teagamh nach biodh iad comasach air ceann a’ mhaide a chumail ris na sgiobaidhean as fheàrr mar a tha iad air a shealltainn san fharpais seo, ach bhiodh cnapan-staraidh gu leòr mun coinneamh nan robh iad airson a dhol a-steach dhan lìog fhèin.
Sa chiad àite dh’fheumadh iad na geamachan gu lèir a chluiche air tìr-mòr bho nach biodh na h-aiseagan a freagairt tro mhìosan a’ gheamhraidh. Bhiodh sin ann fhèin a ciallachadh an t-uamhas cosgais a thuilleadh air an ùine a dh’fheumadh cluicheadairean a ghabhail dheth bhon obair agus air falbh bhon teaghlaichean. A thuilleadh air an sin bho nach eil an Lìog Chailleannach a Tuath a’ crìochnachadh gu deireadh a’ Ghiblean, tha mi an amharas gum biodh Comann Ball-coise Leòdhais sna Hearadh agus na clubaichean ionadail draghail mun bhuaidh a dh’fhaodadh sin a thoirt air na farpaisean aca fhèin.
’S dòcha mar sin aig an ìre seo gum biodh e nas ciallaiche dhaibh cumail ris na cupannan - tha farpais eile aca Cupa Jock MhicAoidh aig toiseach na Bliadhn’ Ùire - agus cò aig a tha fios nach fhaodadh iad coimhead ris an seo a-rithist an ceann bliadhna no dhà eile.