Main content

Sùil air Spòrs 140315

An luib nan sgeulachdan a dh’fhosgail mu ar coinneamh aig Hampden Didòmhnaich seo chaidh, bha grunn rudan a bhuail ormsa thug a-steach orm cho cudromach ’s a tha e cumail a’ dol ann an saoghal spòrs an uair a tha e a’ faireachdain mar gum biodh an saoghal nad aghaidh.

Chan eil mi a’ bruidhinn an seo air Scott Brown a fhuair e fhèin an teas-meadhain connspaid às dèidh do phàipear-naidheachd 'tabloid' sgeulachd a ruith mu dheidhinn ’s e a rèir choltais, air cus òl ceithir latha ro chuairt dheireannaich Cupa an Lìog. Cha b’ e an rud as ciallaiche a rinn Brown riamh ach cha mhotha a rinn e cron sam bith. Bha dà latha dheth aige agus dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil e an urra ris fhèin dè a nì e na bheatha phrìobhaideach.

Tha sin uile fìor ach mar sgiobair Celtic agus Alba tha dleastanas air Brown cuideachd eisimpleir a thoirt seachad. Mura robh fios aig Brown air an sin tha deagh fhios aige air a-nis ach na bi a’ feuchainn ri innse dhomh gum bu chòir dha a bhith air a chasg agus crios an sgiobair a thoirt bhuaithe mar a bha cuid a’ moladh an t-seachdain seo chaidh. Nan robh Jock Stein air am prionnsabal sin a leantail bhiodh an dara leth dheth na 'Lisbon Lions' air a bhith a’ coimhead a’ ghèam an aghaidh Inter Milan bho oir na pàirce ann an 1967.

Ach ’s e deuchainn eile a bh’ ann dhan mhanaidsear ùr aig Celtic Ronny Deila agus dìreach mar a rinn Stein is liuthad manaidsear eile, chaidh an cronachadh a dhèanamh air cùl dorsan dùinte agus chaidh fhàgail aig an sin. Chan eil teagamh nach biodh e air teachdaireachd làidir a chur a-mach nan robh e air Brown fhàgail a-mach às an sgioba a chluich an aghaidh Dundee United, ach bhiodh e air sgaradh adhbhrachadh cuideachd agus cha bhiodh sin air a bhith math dhan sgioba no airson Deila.

’S e fìrinn na cùise gu bheil Brown air a bhith air cùl Deila bho thàinig e a-steach an àite Niall Lennon agus air a bhith air leth cudromach ann a bhith a’ toirt feadhainn eile a bha teagmhach mu dhòighean an Nirribheach, leithid Kris Commons, leis. Chunnaic agus chuala mi fhèin sin bho chionn ghoirid an uair a bhruidhinn mi ri Commons às dèidh a bhith a’ coimhead Celtic a’ treànadh aig Lennoxtown. Dh’aidich e gun robh duilgheadas aige le Deila an toiseach agus cha b’ e an aon fhear, ach mean air mhean le gèilleadh taobh seach taobh thàinig iad nas fhaisge air a chèile gu ìre far a bheil Commons a-nis a’ faicinn gu bheil Deila ceart ann a bhith a’ smaointinn gun urrainn dhan h-uile cluicheadair barrachd a dhèanamh gus iad fhèin a thoirt gu ìre nas àirde.

Bhiodh e air a bhith furasta do Deila na prionnsabalan aige a thilgeil an dara taobh sa ràdh, 'ok fhearaibh, dìreach cumaibh a’ dol mar a bha sibh a’ dèanamh roimhe,' ach mar a dh’aidicheadh e fhèin, tha mi an amharas nan robh e air sin a dhèanamh, bhiodh a cheart cho math dha a bhith air leum air a’ chiad phlèan dhachaigh a Nirribhidh. Cha do rinn e sin ge-tà agus tha e a-nis air a’ chiad dhuais a thogail mar mhanaidsear Celtic - rud a tha air barrachd ùghdarras a thoirt dha ann an sùilean nan cluicheadairean agus an luchd-taic. Tha cothrom aige a-nis eachdraidh a chosnadh dha fhèin ma ghlèidheas e na trì prìomh dhuaisean ro dheireadh na seusan oir chan eil manaidsear bho thall-thairis riamh air sin a dhèanamh aig Celtic, agus dìreach dithis eile roimhe, Stein (dà thuras) agus Màrtainn O’Nèill ann an 2001.

Bha a’ chuairt dheireannach na chlach-mhìle chudromach dhan fhear-gleidhidh aig Celtic, Craig Gordon cuideachd. Cha choinnich thu ri mòran sa ghèam a tha cho dòigheil ri Craig agus tha e air a bhith duilich ga fhaicinn a’ strì thairis air an dà bhliadhna a bha e a-mach às a’ ghèam. Bha dùil aig gu leòr gun robh a dhreuchd seachad às dèidh a làmh a bhriseadh dà thuras agus trioblaidean le ghlùin aig Sunderland, ach a-rithist dhiùlt e leigeil seachad agus tha an obair chruaidh a-nis air pàigheadh dha ’s e air ais cho math sa bha e riamh.

Tha cuimhne agam an uiridh an uair a chluich e gèam air cùl dorsan dùinte mar dhòigh air e fhèin a dhearbhadh cho draghail ’s a bha e gun nochdadh an trioblaid le ghlùin a-rithist, ach gu fortanach cha robh dad ceàrr air an lathairne mhàireach agus ghabh Celtic teansa le bhith a’ tairgsinn cùmhnant dha. Abair gun d’fhuair iad bargan agus am measg nan ìomhaighean a chunna sinn aig deireadh a’ ghèam cha robh gin a thog mo chridhe cho mòr ri Gordon agus an dithis nighean aige a’ dannsa air a’ phàirce. Mar a tha an seanfhacal ag ràdh gheibh foighidinn furtachd agus tha sin air a bhith fìor airson Ronny Deila agus Craig Gordon.

Cothrom caillte eile sùil a thoirt air cluicheadairean Uibhist is Bharraigh

Mòran taing airson a h-uile duine a chuir fios thugam às dèidh colbh na seachdain seo chaidh far an do thog mi ceist mu dheidhinn sgioba thaghte ball-coise nan Eilean Siar agus mar a tha iad air a bhith a’ seachnadh cothrom a thoirt dha na cluicheadairean as fheàrr an Uibhist sam Barraigh faighinn a-steach dhan sguad a thig gu Geamachan nan Eilean ann an Jersey.

Ged nach eil mi air guth a chluinntinn bhuapa gu pearsanta, tha fiosam gu bheil seo air draghan a thogail air taobh a-staigh Comann Gheamannan Eileanach nan Eilean Siar (WIIGA), ach mar a bhitheas mi tric ag ràdh ’s e an gnìomh a dhearbhas agus chaill an sgioba coidsidh Eric 'Strada' MacLeòid agus Magnus MacIain cothrom eile sùil a thoirt air cluicheadairean bho na h-Eileanan a Deas Disathairne seo chaidh an uair a ghlèidh Saints an Iochdair 8-2 an aghaidh sgioba Charlabhaigh. Mar a thurchair bha dithis a bh’ air dheuchainn aig Saint Mirren bho chionn ghoirid, Ally Downie agus Eòsaph MacAonghais am measg an fheadhainn a fhuair na tadhail air an latha. Math gu leòr airson cothrom fhaighinn aig sgioba ann am Prìomh Lìog na h-Alba ach a rèir choltais chan eil iad fhèin no leithid Harry Luney airidh air sùil a thoirt orra airson an sguad a thig gu Jersey. Annasach da-rìreabh.