Main content

Sùil air Spòrs 020814

Siud iad seachad matha. Aon latha deug de ruith, leum, snàmh, sìnteag is sùrdag dhe gach seòrsa ann an tachartas spòrs a chuir Glaschu agus Alba fa chomhair an t-saoghail mar nach fhacas riamh roimhe. Ma bha teagamh air duine sam bith nach b’urrainn do bhaile Ghlaschu tachartas mòr spòrs leithid Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a chumail gu soirbheachail, fhuair iad freagairt gu math soilleir thairis air a chola-deug mu dheireadh. Bhon a’ chuirm fhosglaidh far an d’fhuair sinn mìneachadh ùr air na tha ‘Pòg Ghlaschu’ a’ ciallachadh, tha am baile air làmh a shìneadh a-mach gu dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis agus am fiathachadh a-steach gu partaidh nach tèid à cuimhne airson iomadach bliadhna.

Na Cuimhneachain as Fheàrr

Mus do thòisch na geamachan thuirt mi gum fàgadh iad cuimhneachain againn a mhaireadh gu bràth agus bho thoiseach gu deireadh chaidh sgeulachdan mìorbhuileach an sgrìobhadh ann an Glaschu. Cò a dhìochuimhnicheas an coltas air aodann Ross Murdoch an uair a rinn e an gnothach air Mìcheal Jamieson, no an uair a theab am mullach tighinn far amar-snàmh Tollcross às dèidh do Hannah Miley a’ chiad bhonn òr a ghlèidheadh airson Alba. Cha robh sùil nach robh a’ sileadh dheòir an uair a thog Erraid Davies, aois trì bliadhn’ deug à Sealtainn, bonn umha agus dè mu dheidhinn am bogsair òg Charlie Flynn a thàlaidh an dùthaich an dà chuid le dhùirn agus le theangaidh? Chan e a h-uile duine a bheireadh taing dha mhàthair airson a chuid nigheadaireachd a dhèanamh às dèidh bonn òir a thogail, ach cha robh an sin ach aon dhe na loidhnichean sgoinneil a thug Flynn dha na meadhanan a dh’aithnich sa mhionaid gun robh rionnag ùr air nochdadh ann am bogsadh na h-Alba.

Spiorad Sharp

Bidh cuimhneachain phearsanta againn uile bho na geamachan, ach a thuilleadh air Usain Bolt a’ dannsa ri òran nam Proclaimers 500 Miles aig Pàirce Hampden, feumaidh mi a ràdh gur e am bonn airgid a thog Lynsey Sharp san rèis 800 meatair an rud a b’fheàrr a chòrd rium fhèin. Cha robh fios againn air aig an àm ach ann an uairean beaga na maidne latha an rèis bha Lynsey san ospadal, tinn le galair stamaig agus le snàthad na làimh a’ feuchainn ri bodhaig a chur ann an òrdugh air choireigin a bheireadh dhith cothrom ruith nas anmoiche an oidhche sin. Bha a h-athair Cameron cho draghail 's gun do dh’fhuirich e air falbh bho Hampden, ach dòigh air choireigin fhuair Lynsey neart èirigh bho leabaidh agus rèis a beatha a ruith airson bonn airgid a thogail.

Geamachan Kerry

Airson spiorad, miann agus comas snàmh an aghaidh an t-sruth chan iarradh tu sgeulachd na b’fheàrr agus gu ìre bha an aon rud fìor mu Kerry Nic a' Phì à Uibhist a Deas. Mura b’e ’s gum b’fheudar dhith fhèin grunn làthaichean a chur seachad san ospadal tha mi an amharas gum biodh Kerry air crìochnachadh na b'àirde na an treas àite deug san rèis baidhsagal beinne. Ach faodaidh i a bhith air leth moiteil às na tha i air a dhèanamh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh agus chan eil teagamh agam nach bi i air an t-uamhas ionnsachadh bho seo ’s gum faic sinn Kerry a’ dol bho neart gu neart sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Dìleab nan Geamachan

Mar as àbhaist às dèidh farpais mhòr spòrs dhen t-seòrsa seo bidh an còmhradh a-nis a’ tionndadh chun an dìleab a dh’fhàgas na geamachan. Tha pailteas dhiubh ann nam bheachd sa, eadar na togalaichean ùra a chaidh an cur suas leithid a’ Velodrome no amar-snàmh Tollcross a chaidh a leasachadh gu baile nan lùth-chleasaichean a thèid a chleachdadh a-nis airson taigheadas ann an taobh sear a’ bhaile. Agus dè an luach a chuireas tu air a’ mhisneachd a thug sgioba na h-Alba le 53 bonn, 19 dhiubh òr - an àireamh as motha riamh aig na geamachan - dhan chòrr dhan dùthaich ach gu sònraichte dhan ath ghinealach?

Bhon diugh a-mach tha mi an dòchas gum bi òigridh air feadh na dùthcha ag ràdh riutha fhein tha mise ag iarraidh leantail ann an lorgan Lynsey Sharp, Eilidh Child no Kerry Nic a' Phì agus nach biodh e math nam faiceadh sinn barrachd cothrom ga thoirt dha na rionnagan sin agus leithid Flynn is Murdoch a dhol a-mach dha na coimhearsnachdan agus clann òg a bhrosnachadh. Chan ann gun adhbhar a dh’ainmich mi triùir bhoireannach. Coltach ri dùthchannan eile chan eil gu leòr chlann-nighean a’ gabhail pàirt ann an spòrs an Alba, ach gu h-annasach b’e boireannaich gu ìre mhòr a thug dhuinn na sgeulachdan as motha aig na geamachan, nam measg Libby Clegg agus fhad ’s a tha mi aige sin nach robh e mìorbhuileach mar a chaidh spòrs le ciorram fhilleadh a-steach ris a’ chlàr spòrs àbhaisteach?

Sin dìreach aon leasan a bhios Astràilia air a thogail airson Geamachan a’ Ghold Coast an ceann ceithir bliadhna eile, ach bidh dùbhlan aca ceann a’ mhaide a chumail ri Glaschu. Sgrìobh mi an seo an t-seachdain seo chaidh gun robh Glaschu air Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a shàbhaladh agus cha robh e na iongnadh mar sin gun cuala sinn ceann-suidhe Co-chaidreachas Geamachan a’ Cho-fhlaitheis, am Prionnsa Imran à Malàsia ag ràdh gur e seo na “Geamachan as Fheàrr Riamh". Cò aig tha fios nach fhaic sinn air ais iad uair eile ann an Glaschu ach dhan fheadhainn againn a bha fortanach gu leòr a bhith mar phàirt dhiubh cha tèid iad as ar cuimhne gu bràth. Abair geamachan, abair partaidh, abair spòrs! Meal do naidheachd Glaschu - bha thu mìorbhuileach.