Main content

Sùil air Spòrs 090814

Sgrìobh mi an t-seachdain seo chaidh gum biodh buaireadh, connspaid is dràma gu leòr againn ann am ball-coise na h-Alba air an t-seusan a tha romhainn agus ’s gann gun robh mi air na faclan a’ chur an clò an uair a nochd a’ chiad sgeulachd mhòr dhen t-seusan le Celtic a’ faighinn air ais dhan Champions League às dèidh mearachd clèireachd a rinn Legia Warsaw. Bha an sgioba às a’ Phòlainn air liodraigeadh a thoirt air Celtic thairis air dà ghèam san treas cuairt dearbhaidh, ach ri linn ’s gun do dh’fhàillig orra cluicheadair a bh’ air a chasg, Bartosz Bereszyński, a chlàradh airson a dhà dheth na geamachan roimhne sin, chaidh an tilgeil a-mach às an fharpais le UEFA.

Peanas cruaidh, ro chruaidh chanadh cuid ach abair suidheachadh fortanach airson Celtic. Tha fiosam bho bhith a’ bruidhinn ri Àrd Oifigear Celtic Peadar Lawwell an oidhche ron a’ cho-dhùnadh agus a’ mhadainn às dèidh sin nach b’ urrainn dha a chreidsinn cho fortanach ’s a bha iad air a bhith. Ged a bhiodh e air leum dhan Abhainn Chluaidh ’s tighinn am bàrr le bradan òr na bheul, cha b’ urrainn dha a bhith na b’ fhortanaiche! Às dèidh mìos a chur seachad ag obair ann an Warsaw aig farpais EURO 2012 bha fiosam cuideachd gum biodh an naidheachd seo gu math duilich dhan h-uile duine co-cheangailte ri ball-coise sa Phòlainn a tha air a bhith a’ feitheamh gu furachail ochd bliadhn’ deug airson club fhaicinn aig ìre na buidhne dhen Champions League.

Fearg agus Faoineas às a’ Phòlainn

Mar a shaoileadh tu ghabh iad an gnothach gu dona, ach ’s e mearachd a bh’ ann feuchainn ris a’ choire a thionndadh air Celtic mar a rinn Cathraiche Legia, Dariusz Mioduski agus Ceann-suidhe Comann Ball-coise a’ Phòlainn, Zbigniew Boniek. Choinnich ri mi Boniek dà bhliadhna air ais - duine gasta agus fìor dheagh chluicheadair airson Juventus na latha - agus bha làn fhios agam gum feuchadh e ri cuideam a chur air a sheann charaid bho Juve, Michel Platini, gus feuchainn ri Legia a chuideachadh. Ach mar a dh’aidich Boniek fhèin, cha robh dad eile a b’ urrainn do UEFA a dhèanamh ach na riaghailtean a chur an cèill.

Aig an aon àm chuir maighstir Mioduski litir fhosgailte gu Celtic ag ainmeachadh laoich mar Willie Maley, Jock Stein is Billy McNeill ’s ag ràdh gum bu chòir dhaibh an cliù a dhìon le bhith a’ seasamh an dara taobh agus Legia a leigeil air ais a-steach dhan fharpais. Bhiodh e mìorbhaileach nam biodh barrachd dhen spiorad Corinthianach sin ann am ball-coise, gu dearbh ann an spòrs san fharsaingeachd, ach an robh Mioduski da-rìribh a' creidsinn gun robh Maighstir Lawwell a’ dol a thogail a’ fòn air ais thuige ag ràdh - 'trobhad ort ille, tha mi ann an deagh thrum an-diugh, dè mu dheidhinn an geam ud a chluich a-rithist no nas fheàrr buileach, dìreach dall ort agus cluicheadh sìbhse na geamachan seo an aghaidh Maribor nar n-àite. Dè a th’ ann am fichead millean not eadar caraidean co-dhiù?'

Fortan nach b’ urrainn Celtic a dhiùltadh

Le faisg air dà mhillean not ri chosnadh às na geamachan an aghaidh NK Maribor agus suas ri fichead millean eile ma gheibh iad seachad air na Slobhìnianaich gu ìre na buidhne dhen Champions League, cha robh dòigh air thalamh a bha Celtic a’ dol a dh’aontachadh ris an sin. ’S d’ fhiach a ràdh cuideachd mar chompanaidh phoblach earranta (plc), nach biodh e air a bhith ceadaichte dhaibh coiseachd air falbh bho ionmhas dhen t-seòrsa sin co-dhiù. Aig a’ cheann-thall, ’s e butarras a rinn Legia fhèin is coireach ris an seo agus chan eil dad a ghnothach aige ri Celtic ach a-mhàin gu bheil iad uamhasach fortanach fhathast a bhith san Champions League. ’S e a’ cheist a-nis dhaibhsan an urrainn dhaibh brath a ghabhail air an deagh fhortan sin? Nas lugha na gheibh iad grunn chluicheairean ùra a thuilleadh air Aleksandar Tonev san t-seachdain a tha romhainn, cha chuirinn cus earbsa annta.

McCoist fo uallach cheana

Air taobh eile baile Ghlaschu tha cuideam air manaidsear Rangers Ally McCoist mar-thà às dèidh a’ chiad ghèam san Championship a chall ri Hearts. Chunna mi Rangers an aghaidh Hibs air an t-seachdain seo chaidh agus dh’fheumainn a ràdh nach robh cus cruthachalas aca ann am meadhain na pàirce. Le Kenny Miller agus Kris Boyd aig an aghaidh, tha dithis aca as aithne am ball a chur dhan lìon gun teagamh, ach às aonais seirbheis chan eil iad a’ dol a dh’fhaighinn nan cothroman sin. Tha Hearts is Hibs air teachdaireachd tràth a chur a-mach gu bheil iadsan gu bhith a’ farpais airson an tiotail agus feumaidh McCoist fuasgladh fhaighinn air an trioblaid seo gu math luath ma tha e gu bhith buan san dreuchd, a’ tòiseachadh leis a’ gheam aca Dihaoine air falbh an aghaidh sgioba na h-Eaglaise Brice.

Latha mòr air fàire dha na Sgitheanaich

Agus a’ bruidhinn air geamachan mòra, abair gu bheil gèam cudromach aig sgioba chamanachd an Eilean Sgitheanaich air an deireadh sheachdain seo ’s iad a’ cluiche Gleann Urchardan san iar chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd Disathairne. Chanadh tu gur e an sgioba às a’ Phrìomh Lìog a bu chòir gleidheadh ach tha na Sgitheanaich air an toirt gu ùine a bharrachd mar-thà air an t-seusan seo sa chiad chuairt de Chupa MhicThàmhais (1-0 às dèidh ùine a bharrachd). Gu dearbh, sin dìreach aon de dhà ghèam a tha na Sgitheanaich air a chall am bliadhna; mar sin bidh iad luma làn misneachd a’ siubhal dhan Ghearastan far an do ghlèidh iad an cupa gu h-ainmeil ceithir bliadhna fichead air ais an aghaidh Bail’ Ùr an t-Slèibh.