Sùil air Spòrs 280315
Eadar a’ chlach san sgrath - deagh abairt Gàidhlig a dh’fhaodadh tu a chleachdadh airson Alba, Gibraltar agus Glasgow City air an t-seachdain seo chaidh ged a bhiodh eadar a’ chreag san sgrath ’s dòcha nas freagarraiche airson a’ ghèam aig sgioba nàiseanta na h-Alba an aghaidh (creag) Gibraltar.
Cha bhiodh buaidh le tadhal no dhà an aghaidh an ‘dùthaich’ as ìsle ann an rangachadh UEFA (54 a-mach à 54) math gu leòr airson sgioba Ghòrdan Strachan agus ged a fhuair iad sia tadhail aig a’ cheann-thall thug iad clisgeadh don mhanaidsear agus dhan luchd-taic an uair a thairg iad cothrom do Gibraltar a’ chiad thadhal farpaiseach aca a chur, agus cha b’ e ruith ach leum do phoileasman fon ainm Lee Casciaro às dèidh naoi mionaid dheug.
Chan fheum esan a làmh a chur na phòca tuilleadh airson pinnt a cheannach, tha mi an amharas, ach dh’fheumadh cridhe gu math cruaidh a bhith agad gun a bhith toilichte airson a h-uile duine co-cheangailte ri Gibraltar sa mhionaid sin. Cuimhnich seo sgioba a bha a’ cluiche an còigeamh gèam farpaiseach às dèidh cead fhaighinn bho UEFA pàirt a ghabhail ann am farpais dearbhaidh EURO 2016. Cha robh ach aon chluicheadair làn-ùine san sgioba a thòisich aig Hampden, Scott Wiseman aig Preston North End, agus le manaidsear Albannach, Daibhidh Wilson à Kilwinning an Siorrachd Àir, bha e ’s dòcha an dàn gur e latha eachdraidheil a bha gu bhith ann air ais san t-seann dùthaich.
Bha balaich na creige air an cuideachadh ge-tà le sgioba Albannach a dh’fhàg mòran againn a’ sgròbadh ar cinn a thaobh dè dìreach a bha fa-near do Strachan. An e triùir a bha e a’ cluiche aig a’ chùl no aon? Tha cuimhne againn uile mar a rinn Craig Levein culaidh mhagaidh dheth fhèin gun a bhith a’ cluiche duine aig an aghaidh air falbh bhon taigh ann am Prague beagan bhliadhnaichean air ais, ach bha seo dàn buileach bho Strachan ...'s dòcha ro dhàna mar a dh'aidich e fhèin às dèidh làimh.
Bha e follaiseach às dèidh beagan mhionaidean gun robh Russell Martin gu bhith air fhàgail leis fhèin aig a’ chùl, cho aonranach ri gobhar air teadhair ann am meadhain an Amazon, agus fiù ’s an aghaidh Gibraltar dhìol sin air Alba an uair a chur Casciaro an tadhal ainmeil aige. Gu fortanach cha robh an còrr masladh ann às dèidh sin agus bha e cofhurtail gu leòr airson Alba aig a’ cheann-thall, ach tha mi an amharas nach fhaic sinn an siostam sin tuilleadh!
A’ bruidhinn air siostaman b’ fheudar do choidse Glasgow City, Eddie Wolecki Black a dhol an rathad eile airson an dara gèam acasan an aghaidh sgioba nam ban aig Paris Saint Germain san Fhraing Disathairne seo chaidh. A dhà gu neoni air dheireadh bhon chiad ghèam ann an Àrd Ruighe, dh’fheumadh iad a’ chiad thadhal fhaighinn sa Pharc des Princes ma bha dòchas sam bith gu bhith aca faighinn gu iar chuairtean deireannach Champions League nam ban. Chaill iad 5-0 aig a’ cheann-thall, ach b’ e fìrinn na cùise nach robh seo ach eacarsaich ann a bhith a’ cumail an sgòr cho ìseal sa ghabhadh an aghaidh sgioba làn-ùine aig a bheil buidseat eadar trì is seachd gu leth millean not a’ rèir aithrisean.
'C’est la vie' mar a chanas iad san Fhraing, ach faodaidh Glasgow City a bhith toilichte gun do ràinig iad an ìre seo dhen fharpais airson a’ chiad uair agus meal-an-naidheachd cuideachd air an luchd-taic aca, nam measg Màiri Anna Chaimbeul à Uibhist a Deas, a rinn an t-slighe a null gu Paris airson taic a chur ris an sgioba.
A’ bruidhinn air Uibhist a Deas agus daoine a bhitheas eadar a’ chlach san sgrath tha mi a’ faicinn gun robh deireadh sheachdain ‘inntinneach’ eile aig Kerry Nic a' Phì ’s i a’ gabhail pàirt ann an rèis shìos ann an Sasainn. A’ fulang galar-ghabhail (infection) na gàirdean, dìreach mar a bha i air thoiseach air Geamachan a’ Cho-fhlaitheis an-uiridh, thuit i far a’ bhaidhsagal aice san rèis ann an Sherwood a’ toirt droch ghearradh eile oirre fhèin.
Bhiodh gu leòr eile air toirt suas ach fiù ’s ged a bha i a’ rànaich leis a’ phian leum i air ais air a’ bhaidhsagal às dèidh obair càraidh airson crìochnachadh san naoidheamh àite. B’ fheudar dhith an uairsin a dhol dhan ospadal airson greabhal a sgrìobadh agus a ghlanadh bho gàirdean, rud a thug leth uair an uaireadair. Bha e cho goirt ’s gun do thairg iad ‘gas and air’ dhith, rud a bhiodh air a bhith feumail ach gu mì-fhortanach bha iad air ruith a-mach às. Mar a thubhairt mi, ‘eadar a’ chlach san sgrath’, abairt a dh’fhaodadh a bhith air a dhealbh airson luchd-spòrs leithid Kerry Nic a' Phì. Meal-an-naidheachd cuideachd air a piuthar Ciorstaidh a chrìochnaich sa cheathramh àite ann an rèis eile air an aon làrach, deagh chomharra airson Geamachan nan Eilean ann an Jersey an uair a bhitheas an dithis aca a’ reìs còmhla airson sgioba nan Eilean Siar.
Dhan fheadhainn againn a tha air a bith a’ leantail sgeulachd Rangers bha sinn a’ gabhail iongnadh dè na cnapan-starraidh a dh’fhàgadh am fear-gnothaich Mike Ashley aig a’ bhòrd-stiùiridh ùr. Tha tuairmse nas fheàrr againn a-nis leis na h-àireamhan eadar-amail a dh’fhoillsich an club an t-seachdain seo ’s a tha a' sealltainn gum feum iad leth mhillean not a phàigheadh airson a’ chòignear chluicheadair a tha air iasad bho Newcastle United ma gheibh iad suas dhan Phrìomh Lìog. Tha sin barrachd air an £342,000 de dh’airgead duaise air am bi Rangers airidh ma gheibh iad a-mach às an Championship.
Mar a tha fios againn chan eil ach aon fhear dhiubh sin, Haris Vuckic, fut airson cluiche agus mar a dh’fhoillsich mi air Spòrs na Seachdain bho chionn cola-deug cha robh cead aig dotair Rangers fiù ’s deuchainn meidigeach a dhèanamh orra. Bidh e inntinneach fhaicinn mar sin co-dhiù a phàigheas Rangers an t-airgead seo ach nas cudromaiche buileach dhaibh feumaidh iad neach-comhairleachaidh margaid no NOMAD a lorg ro fheasgar Diardaoin no thèid an tilgeil far margaidh nan earrannan.
Thubhairt King an latha a ghabh e thairis gum biodh neach-comhairleachaidh ùr aige air taobh a-staigh latha no dhà ach tha sinn fhathast a’ feitheamh. Ma thèid an toirt far margaidh AIM, cluinnidh sinn tha mi an amharas nach e deireadh an t-saoghail a bhios ann agus tha sin fìor gu ìre, ach ’s e droch bhuile a bhiodh ann do luchd-taic aig a bheil earrannan agus bhiodh e a ciallachadh cuideachd nach b’ urrainn dhaibh a dhol chun na margaidhean airson tuilleadh airgid a thogail.
Mar sin, tha a’ cheist a bh’ aig cuid againn mu dheidhinn King fhathast a seasamh - a bheil an t-airgead aige airson Rangers a thionndadh mun cuairt agus mura bheil no nach eil e deònach a chosg, cò as a tha e a’ dol a thighinn? Tha am bòrd-stiùiridh air atharrachadh ach tha na h-aon trioblaidean ionmhais mun coinneamh a’ ciallachadh gu bheil iadsan cuideachd eadar a’ chlach san sgrath.