Sùil air Spòrs 070215
An t-seann duan aig an t-seann phrìs? Chan e buileach ach sin an seòrsa faireachdainn a bh’ ann às dèidh a’ chiad ghèam aig Alba ann am farpais rugbaidh nan Sia Dùthchannan. Bha na h-uidhir a dhòchas ann ro làimh gum b’ urrainn dhan sgioba nàiseanta fo stiùir a’ choidse ùr Vern Cotter a dhol gu Paris agus an gnothach a dhèanamh air na Frangaich air an starsach fhèin. Ach airson an naoidheamh bliadhna an sreath a chèile chaill Alba a’ chiad ghèam a’ ciallachadh gu bheil iad a-nis a’ snàmh an aghaidh an t-sruth mar as àbhaist.
Gun teagamh bha rudan ann a bheireadh misneachd dhan luchd-taic leithid an dòigh san do chluich Stuart Hogg, Finn Russell is Mark Bennett. Aig amannan bha a’ chluiche aca dàn is breàgha air an t-sùil, ach às dèidh sin a ràdh thug iad seachad dusan breab-pheanais, agus a dh’aindeoin gearain mun rèitire, Nigel Owens chan urrainn dhut sin a dhèanamh aig an ìre seo. Tha mi a’ leughadh sa cluinntinn cuid ag ràdh gun robh Alba mì-fhortanach, ach an urrainn dhut da-rìribh sin a ràdh an uair a dh’fhaillich orra puing fhaighinn san dara leth?
A’ coimhead air a’ ghèam bha e follaiseach gu bheil na cluicheadairean air gabhail gu tur le feallsanachd Cotter a thaobh a bhith a’ cluiche a’ ghèam len cinn suas agus ‘s e comharra math a tha sin airson na geamachan ri thighinn, ach feumaidh iad ionnsachadh ciamar a ghabhas iad brath an uair a tha smachd aca air a’ ghèam. Chan e sgioba mhath Fhrangach a tha seo idir, idir ach a chionn ’s gun robh barrachd neart aca chaidh aca air Alba a phutadh air ais san dara leth agus brath a ghabhail air mearachdan gòrach mar a rinn Dougie Fife aig àm an uair nach robh ach puing eadar an dà sgioba.
Feumaidh iad an leasan sin ionnsachadh gu math luath le sgioba leòinte Chuimreach a’ dèanamh an slighe gu Murrayfield Didòmhnaich seo tighinn. A-rithist bu chòir dhaibh pèin bho bhith ann an suidheachadh làidir a’ chiad ghèam aca a ghleidheadh an aghaidh Sasainn, ach b’ e an naidheachd as motha a thàinig a-mach às a’ ghèam sin agus gu dearbh dhòmhsa thairis air an deireadh sheachdain gu lèir, a’ chonnspaid timcheall George North agus co-dhiù am bu chòir dha a bhith air cumail air a’ cluiche às dèidh dà bhuile fhaighinn mun cheann.
‘S e cuspair connspaideach a tha seo ann an iomadach spòrs ach gu sònraichte ann an rugbaidh far a bheil uiread de neart agus bualadh na chèile. Bha na dotairean aig a’ Chuimrigh cinnteach gu leòr gum faodadh North tilleadh às dèidh breab fhaighinn mun smiogaid, ach tha e duilich fhaicinn ciamar a leig iad leis tilleadh air a’ phàirce an dara turas an uair a fhuair e sgleog eile mun cheann bho Richard Hibbard. Bho na dealbhan bha e a' coimhead coltach gun robh e air mothachadh a chall fiù ’s mus do thuit e gu làr agus ma tha sin fìor cha bu chòir dha a bhith air tilleadh.
Mar a thubhairt mi chan ann air rugbaidh a-mhàin a tha seo a’ bualadh agus tha fiosam fhèin bho bhith san dearbh shuidheachadh dà thuras an luib geamachan ball-coise cò ris a tha tachartasan mar seo coltach. Chuir mi seachad aon oidhche san ospadal agus an dara turas às dèidh a dhol a-mach fuar thill mi air ais air às dèidh beagan uisge a dhortadh air mo mhaoil. Gòrach ach sin mar a bha e an uairsin. Gu fortanach fhuair mise às gun an còrr cron a dhèanamh orm fhèin, ach às dèidh na thachair dhan bhalach òg Ben Robinson ann an 2011 feumaidh spòrs de gach seòrsa a bhith nas faiceallaiche a thaobh slàinte nan cluicheadairean aca.
Dhan fheadhainn aig nach eil fios mu dheidhinn sgeulachd Ben, chaill e a bheatha an uair a chaidh a thilleadh air a’ phàirce às dèidh an treas buile fhaighinn mun cheann ann an gèam rugbaidh sgoile. Chaidh a dhearbhadh a-rithist gur e 'Second Impact Syndrome' a thug bàs dha aig aois ceithir bliadhn’ deug agus chan eil e na iongnadh gun robh athair, Peadair a tha a-nis ag obair gus aire a tharraing chun a’ chunnart seo, am measg a’ chiad fheadhainn a thàinig a-mach sa thubhairt gu bheil feum air “atharrachadh cultarail” ann an rugbaidh. Tha e ceart. Chan eil sinn ag iarraidh tubaist dhen aon t-seòrsa fhaicinn beò air telebhisean agus mar sin feumaidh a’ bhuidheann riaghlaidh Rugbaidh na Cruinne teachdaireachd làidir a chur a-mach agus aig a’ char as lugha cronachadh a dhèanamh air Aonadh Rugbaidh na Cuimrigh airson an dòigh san do làimhsich iad cùisean ann an Cardiff Dihaoine seo chaidh.
Ross County an cunnart tuiteam sìos dhan Championship
Aon ghèam deug gun bhuinnig. Nam biodh sin air tachairt aig toiseach na seusan bhiodh manaidsear sam bith ann an cunnart obair a chall. Ach bhon a tha Ross County air am manaidsear aca atharrachadh cheana, le Derek Adams a’ faighinn a’ bhròg aig deireadh an Lùnastail an uiridh, tha mi an amharas gur e sin as coireach gu bheil am fear a thàinig na àite Jim McIntyre a’ faighinn barrachd ùine gus feuchainn ri cùisean a thionndadh mun cuairt.
Tha a h-uile manaidsear feumach agus airidh air ùine gus e fhèin a dhearbhadh agus aig amannan leithid an gèam mu dheireadh aca air an robh mi ag aithris an aghaidh Cille Mheàrnaig aig Rugby Park, tha comharran ann gu bheil adhartas a’ tighinn air an sgioba. Ach dìreach an uair a tha thu a’ smaointinn gu bheil piseach a’ tighinn orra tha iad an uairsin a’ gabhail ceum no dhà eile air ais agus tha thu an uairsin air d’ fhàgail a’ tachas do chinn le cuid de na cluicheadairean a thug Mac an t-Saoir a-steach san Fhaoilleach - Raffaele de Vita, Darvydas Šernas agus Ruben Palazuelos - triùir a th’ air a bhith aig sia deug club eadar-dhealaichte thairis air na trì bliadhna mu dheireadh.
Cha b’ ann an-diugh no an-dè a thòisich am fasan seo aig County - tha iad air 63 cluicheadair a chleachdadh thairis air an dà sheusan gu leth mu dheireadh - ach feumaidh mi a ràdh gun do ghlac e m’ aire an uair a chuala mi an cathraiche Roy MacGriogair ag ràdh ri luchd-taic an t-seachdain seo chaidh gun robh iad air cluiche mar “headless chickens” an aghaidh St Mirren. Nam bithinn ann am brògan Mhic an t-Saoir agus Billy Dodds bhiodh e na uallach dhomh sin a chluinntinn agus le sia puingean a-nis eadar iad fhèin is Tobar na Màthar aig a’ bhonn tha an t-uamhas cuideam air an dithis aca a’ dol a-steach dhan ghèam eadar an dà sgioba ann an Inbhir Pheotharain Disathairne.
Chan eil e do-dhèanta nach urrainn dhaibh a’ bheàrn sin a dhùnadh fhathast, ach mura tòisich iad a' gleidheadh gheamachan aig an taigh, far nach eil iad ach air buinnig aon turas air an t-seusan seo, tha eagal orm gum bi na Staggies air an slighe air ais sìos dhan Championship.