Main content

Sùil air Spòrs 260714

An lùib an liuthadach sgeulachd thogarrach a tha sinn air fhaicinn aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis thairis air an t-seachdain mu dheireadh, tha fios nach eil gin a thug uiread de dheòir gu ar sùilean ri Erraid Davies òg à Sealtainn. Thug mi iomradh oirre an t-seachdain seo chaidh mar am farpaisiche as òige riamh aig Alba sna geamachan agus nach dìochuimhnicheadh i seo gu bràth. Uill, faodaidh i a-nis a ràdh gur i an t-Albannach as òige a thog bonn aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis às dèidh bonn umha a thogail san amar-snàmh.

Aig dìreach trì bliadhn’ deug a dh’aois tha e iongantach na tha an nighean bheag seo air a dhèanamh agus cuimhnich cuideachd gu bheil ciorram oirre air sàilleabh nach eil aice ach pàirt dhen chnàimh ann an tè dhe na cruachain aice. Bho aois ceithir gu ochd bha i ann an cathair-chuibhle ach beagan bhliadhnaichean air adhart bhon uair sin tha a h-ainm air bilean an t-sluaigh air feadh an t-saoghail às dèidh na rinn i san amar snàmh aig Tollcross Dìdomhnaich seo chaidh. Tha an saoghal mòr a’ feitheamh oirre a-nis agus ma chumas i a’ dèanamh adhartas cò aig a tha fios cia mheud bonn a thogas i sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Spòrs le Ciorram aig cridhe nan Geamachan

Bha aon rud eile a chòrd rium mu dheidhinn sin cuideachd agus b’ e sin mar a bha Hannah Miley a’ brosnachadh Erraid diogan mus robh aice fhèin ri leum dhan amar agus bonn umha eile a thogail. Tha sin a sealltainn mar a tha an luchd-spòrs àbhaisteach air gabhail ris an fheadhainn le ciorram a tha mar phàirt dhen sgioba aca agus thàinig sin a-steach orm a-rithist anns a’ Velodrome aig Sir Chris Hoy an latha roimhe sin an uair a thog Niall Fachie agus Craig MacIlleathain an dara bonn òir aca air a’ bhaidhsagal.

Às dèidh an rèis mu dheireadh aca thionndaidh fear dhen luchd-amhairc a bha rim thaobh agus thuirt e nach robh e air a thuigsinn chun an sin gun robh Fachie - a tha gann san fhradharc - a’ farpais le ciorram. Ann an sùilean an duine seo bha Fachie mar lùth-chleasaiche sam bith eile agus airson neach-spòrs le ciorram nach e sin a tha iad ag iarraidh - gun tèid gabhail riutha mar neach àbhaisteach sam bith eile? Tha e a’ dearbhadh gur e an co-dhùnadh ceart a bh’ ann spòrs ciorram no ‘para sports’ a chur air an aon chlàr ris na spòrsan àbhaisteach agus mar a chunna sinn uair eile Diluain aig Pàirce Hampden tha am poball a cheart cho moiteil às a’ bhonn òir a thog Libby Clegg seach an dusan eile a chaidh a chosnadh roimhne sin. Seo an t-slighe air adhart agus tha mi an dòchas gun dèan na Geamachan Oilimpaigeach an aon rud a-nis.

Geamachan Eachdraidheil airson Alba

Le sia latha ri dhol tha Alba mar-thà air a dhol seachad air na 34 bonn a thog iad ann an Dùn Èideann air ais ann an 1986. Ann an dòigh cha bu chòir sin cus iongnadh a chuir oirnn oir tha mòran air atharrachadh bho uairsin a thaobh maoineachadh agus leasachaidhean ann an spòrs, nam measg diùdo far a bheil Alba air a bhith air leth soirbheachail sna geamachan le 13 bonn thuige seo. Mu choinneamh sin chanadh tu gum biodh diùdo a’ dol bho neart gu neart sna bliadhnaichean a tha romhainn, ach a chionn’s nach eil an spòrs gu bhith mar phàirt dheth na geamachan ann an 2018, tha teagamh ann an urrainn do Spòrs na h-Alba cumail orra leis an dà mhillein gu leth not a tha iad air a chur ri diùdo thairis air na ceithir bliadhna mu dheireadh. Tha mi an amharas gur e stòiridh a tha sin gun tìll sinn a-rithist as dèidh dha na geamachan a bhith seachad.

Glaschu nam buadh

Ach airson a’ chòrr dhen t-seachdain seo bidh ar n’ aire gu ìre mhòr air Hampden agus co-dhiù a thèid aig leithid Eilidh Child, Lynsey Sharp, Laura Muir is Chris O’Hare air cur ris an àireamh bhuinn airson Alba. Ge-brith dè a thachras ge-tà tha na geamachan seo air a bhith nas soirbheachaile na bhiodh duine sam bith an dùil. Gu dearbh thiginn cho fada ri ràdh gu bheil Glaschu, às dèidh am butarrais ann an Delhi ceithir bliadhna air ais, air Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a shàbhaladh.

Mar a thuirt mi air ‘Spòrs na Seachdain' Dìsathairne seo chaidh, eadar a’ ghrian a bhith a’ losgadh nan creag, brìg eachdraidheil de bhuinn òir, lùth-chleasaichean a’ toirt geallaidhean pòsaidh seachad agus plìonas gàire air aghaidh a h-uile duine ris an coinnich thu, tha Glaschu agus Alba an cunnart a bhith cho soirbheachail ’s cho fasanta ris an Spàinn. Gabhaibh brath air fad ’s a mhaireas e a chàirdean - cha bhith fada gus an till am ball-coise! Ach thuige sin, Vamos Glaschu!