MH - air a shèimheachadh
San leasan seo, bidh sinn a’ toirt sùil air na fuaimean a gheibhear nuair a tha an litir M air a shèimheachadh. Bidh cuimhn’ agaibh gu bheil sèimheachadh air a chomharrachadh ann an Gàidhlig sgrìobhte le bhith a’ cur H ris a’ chonnraig – lenition is indicated in written Gaelic by adding an H to the consonant - le bhith a’ cur H ris a’ chonnraig.
Thug sinn sùil roimhe air an litir B air a shèimheachadh, agus airson a’ mhòr-chuid, ’s e an aon fhuaim a gheibhear nuair a tha an litir M air a shèimheachadh. V. V. Coltach ris an fhuaim a gheibhear anns na faclan Beurla “Van,” “Vet” agus “Vote.” V.
Seo eisimpleirean de V ann an ainmearan boireann - feminine nouns - ainmearan boireann.
A’ MHadainn. A’ MHadainn.
A’ MHiotag. A’ MHiotag.
A’ MHeur. A’ MHeur.
A’ MHòinteach. A’ MHòinteach.
A’ MHuir. A’ MHuir.
Agus eisimpleir no dhà dhen fhuaim aig deireadh an fhacail?
RàMH. RàMH.
SèiMH. SèiMH.
UaMH. UaMH.
TalaMH. TalaMH.
DèanaMH. DèanaMH.
Nise, le faclan leithid an dà fhacal mu dheireadh a bha siud, anns a bheil barrachd air aon lide - no syllable - lide, bithibh mothachail nach eil am fuaim V ri chluinntinn ann an cuid de dhualchainntean. Mar eisimpleir, ann an cuid de sgìrean ann an Leòdhas, cluinnear “talu”, agus, “dèanu”. Talamh agus talu. Dèanamh agus dèanu.
Nis, dè mu dheidhinn M agus H ann am meadhan an fhacail? Uill, ann an cuid de shuidheachaidhean, ’s e fuaim V a gheibh thu, ach ann an cuid de shuidheachaidhean eile, chan e.
Gheibhear fuaim V, mar as trice, eadar dà fhuaimreag chaol - between two slender vowels - eadar dà fhuaimreag chaol. Mar eisimpleir, anns na faclan a leanas:
DàiMHeil. DàiMHeil.
NiMHeil. NiMHeil.
DeiMHinnte. DeiMHinnte.
Tha M agus H cuideachd a’ dèanamh fuaim V nuair a tha iad a’ nochdadh eadar fuaim A agus fuaimreag eile. Mar eisimpleir, sna faclan:
SàMHach. SàMHach.
AMHaich. AMHaich.
CaMHanaich. CaMHanaich.
Gluaisidh sinn air adhart a-nise gu suidheachaidhean anns nach eil am fuaim V ri chluinntinn ann am meadhan an fhacail.
Mar as trice, chan eil fuaim V ri chluinntinn nuair a tha MH a’ nochdadh eadar tè de na fuaimreagan O agus U agus fuaimreag eile. Seo eisimpleirean:
CuMHachd. CuMHachd.
DoMHainn. DoMHainn.
CoMHarraich. CoMHarraich.
SoMHairle. SoMHairle.
Suidheachadh eile anns nach bi fuaim V ri chluinntinn ann am meadhan an fhacail nuair a bhios connrag – no consonant - connrag a’ leantainn an MH sin anns an fhacal còMHla. CòMHla. Tha L a’ leantainn an MH, agus le sin chan eil fuaim V ann. CòMHla.
Agus geaMHradh. GeaMHradh. Tha R a’ leanntainn an MH. GeaMHradh.
Agus eisimpleirean eile:
SàMHchair. SàMHchair.
SaMHla. SaMHla.
CùMHnant. CùMHnant.
Agus eisimpleir no dhà le fuaimreagan caola:
AiMHreit. AiMHreit.
LàiMHsich. LàiMHsich.
CuiMHnich. CuiMHnich.
Agus a-rithist, bithibh mothachail gu bheil corra fhacal ann nach bi a’ leantainn a’ phàtrain seo – mar eisimpleir, suaiMHneas.
Uill, tha mi an aMHarras gu robh gu leòr an siud airson aon leasan!