N air a shèimheachadh
Thug sinn sùil roimhe air an litir N ann an Gàidhlig agus mar a tha e a’ dèanamh fuaim eadar-dhealaichte a-rèir an seòrsa fuaimreag a tha na chois agus an ann caol no leathann a tha e. We’ve looked previously at the letter N and how the sound it makes differs depending on whether the vowel next to it is slender or broad. Bidh cuimhn’ agaibh gur h-iad na fuaimreagan caola - the slender vowels - ’s iad na fuaimreagan caola E agus I agus gur h-iad na fuaimreagan leathann - the broad vowels - na fuaimreagan leathann A, O agus U.
Ach a bharrachd air N leathann agus N caol, tha fuaim N eile ann an Gàidhlig, agus sin am fuaim a gheibhear ann an suidheachaidhean far am biodh sèimheachadh ann le litrichean a ghabhas sèimheachadh. Mar eisimpleir, anns an tràth sheachadail - in the past tense - anns an tràth sheachadail, no anns an tuiseal shealbhach - the possessive case - an tuiseal shealbhach.
Bidh fios agaibh gu bheil mòran ghnìomhairean anns an tuiseal sheachadail - sin verbs in the past tense - gnìomhairean anns an tuiseal sheachadail a’ sèimheachadh. Mar eisimpleir, canaidh sinn, seall – look – seall, ach sheall mi - I looked - sheall mi. No danns – dance – danns, ach dhanns e - he danced - dhanns e. Ach cha ghabh an litir N a shèimheachadh. Le sin, le gnìomhairean a’ tòiseachadh le N, ciamar a tha sinn a’ sealltainn gu bheil gnìomhair anns an tràth sheachadail? Uill, tha sinn a’ dèanamh seo le bhith ag atharrachadh an fhuaim rud beag. Tha an N a gheibh thu anns an tràth sheachadail nas coltaiche ris an N a gheibhear ann am Beurla.
Le sin, canaidh sinn, “Nigh do làmhan” – Wash your hands – “Nigh do làmhan” – ach, “Nigh mi mo làmhan” – I washed my hands – “Nigh mi mo làmhan”. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh?
Seo eisimpleir le N leathann:
Nochd le N leathann – appear - Nochd. Ach Nochd e le N Beurla. Nochd e – he appeared. Nochd. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh? Nochd le N leathann, ach Nochd le N Beurla.
Tha ainmearan a tha a’ tòiseachadh le connragan cuideachd air an sèimheachadh às dèidh cuid de riochdairean seilbheach – personal pronouns - riochdairean seilbheach agus às dèidh cuid de ro-bhriathran - no prepositions - ro-bhriathran.
Seo agaibh eisimpleir no dhà:
Neamhnaid le N caol, ach mo Neamhnaid le sèimheachadh. Neamhnaid, ach mo Neamhnaid.
Nèapraig le N caol, ach do Nèapraig agus mo Nèapraig. Nèapraig ach do Nèapraig agus mo Nèapraig.
A Neart le N caol - her strength - ach A Neart – le sèimheachadh - his strength - a Neart.
A Neart (her) agus a Neart (his).
Uill, tha mi ’n dòchas gun robh siud feumail dhuibh agus gu bheil am fuaimneachadh agaibh a’ dol bho neart gu neart! Cuimhnichibh gu bheil sèimheachadh ann às dèidh “bho” ach chan eil às dèidh “gu!” Bho Neart gu neart!