BH
Anns an leasan seo, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim a tha sinn a’ faighinn nuair a tha an litir B air a sèimheachadh.
Sèimheachadh - lenition. Sèimheachadh. Bidh cuimhn’ agaibh gu bheil seo air a chomharrachadh ann an Gàidhlig sgrìobhte le bhith a’ cur H ris a’ chonnraig - no consonant - connrag.
Mar a bhios fios aig mòran agaibh cuideachd, nuair a tha seo a’ nochdadh aig toiseach no deireadh an fhacail, tha e a’ dèanamh fuaim V, coltach ris an fhuaim a gheibhear anns na faclan Bheurla, “Van”, “Vet”, “Vote”, agus mar sin air adhart.
Seo eisimpleirean le ainmearan boireann:
A’ BHonaid. A’ BHonaid.
A’ BHriogais. A’ BHriogais.
A’ BHiodag. A’ BHiodag.
Agus aig deireadh an fhacail:
TarBH. TarBH.
SoirBH. SoirBH.
CraoBH. CraoBH.
Nise, bha siud furasta gu leòr, nach robh? Ach, nuair a gheibhear BH ann am meadhan an fhacail, chan eil cùisean idir cho sìmplidh.
Tha sinn fhathast a’ cluinntinn an fhuaim V a tha seo ann am meadhan an fhacail ann an cuid de shuidheachaidhean.
Mar eisimpleir, eadar fuaimreag fhada, no dà-fhoghar agus fuaimreag eile - between a long vowel or dipthong and another vowel.
Dà-fhoghar – dipthong - dà-fhoghar. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil dà fhuaim fuaimreig còmhla ri chèile ann an aon lideadh – sin syllable. A dipthong is where we have two vowel sounds in the same syllable.
Mar eisimpleir, am fuaim UA anns an fhacal “fuar”. No am fuaim IA anns an fhacal “liath.”
Le sin, mar a thuirt mi, bidh sinn a’ faighinn am fuaim V eadar fuaim fada no dà-fhoghar agus fuaimreag eile.
Seo eisimpleirean le dà-fhoghar – no dipthong – ron fhuaim BH:
UaBHas. UaBHas. Tha BH eadar fuaim UA agus fuaim A. Ua-BH-as.
Agus eisimpleir no dhà eile:
SaiBHear. SaiBHear.
RiaBHach. RiaBHach.
Agus le fuaimreag fhada:
ÀBHachdas. ÀBHachdas.
SgrìoBHadh. SgrìoBHadh.
ÈiBHinn. ÈiBHinn.
Ach, anns a’ chuid as motha de shuidheachaidhean, nuair a gheibhear na litrichean BH ann am meadhan an fhacail, chan eil e a’ dèanamh fuaim V.
Mar eisimpleir, chan eil fuaim V ann nuair a bhios BH air a leantainn le connrag – when BH is followed by a consonant. Seo eisimpleir no dhà:
ÙBHlan. ÙBHlan. Tha am BH air a leantainn le L. ÙBHlan.
SòBHrag. SòBHrag. Tha am BH air a leantainn le R. SòBHrag.
An DùBHlachd. An DùBHlachd.
LòBHradh. LòBHradh.
BoBHla. BoBHla.
CaBHlach. CaBHlach.
Mar a chluinneas sibh, gheibhear fuaim rud beag eadar-dhealaichte le fuaimreag chaol - a slender vowel - fuaimreag chaol. Mar eisimpleir:
CuiBHle. CuiBHle.
AiBHne. AiBHne.
LuiBHre. LuiBHre.
CoiBHneas. CoiBHneas.
’S e suidheachadh eile anns nach cluinnear am fuaim V nuair a tha am BH eadar dà fhuaimreag. Seo beagan eisimpleirean le fuaimreagan leathann - broad vowels - fuaimreagan leathann:
SaBHal. SaBHal.
GoBHar. GoBHar.
DuBHach. DuBHach.
Agus le fuaimreagan caola:
UiBHist. UiBHist.
CuiBHeal. CuiBHeal.
SùiBHeag. SùiBHeag.
Ach thoiribh an àire. Chan eil seo ag obair leis an fhuaim i (ee) air a chomharrachadh ann an Gàidhlig sgrìobhte leis an litir i leatha fhèin. Le sin, ann am faclan far a bheil i goirid agus BH, bidh sinn fhathast a’ cluinntinn an fhuaim V. Mar eisimpleir, anns na faclan “ribheid”, “aibheid” agus “Beinn Nibheis.”
Uill, bha tòrr fiosrachaidh an siud dhuiBH, agus tha mi an dòchas nach eil ceann gach neach fa leth na BHrochan!