Fuaimreagan – Fada agus Goirid
Anns an leasan seo, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air fuaimreagan a tha fada agus fuaimreagan a tha goirid. Fuaimreagan – sin “vowels”. Fuaimreagan. Fuaimreagan a tha fada – “long vowels” – fuaimreagan a tha fada. Fuaimreagan a tha goirid – “short vowels” - fuaimreagan a tha goirid. Tha na h-aon fhuaimreagan sgrìobhte againn ann an Gàidhlig ’s a th’ againn ann am Beurla – sin a, e, i, o agus u – ged a tha na fuaimean a tha iad a’ dèanamh uaireannan rud beag eadar-dhealaichte.
Agus coltach ris a’ Bheurla, tha fuaimreagan ann a tha goirid agus fuaimreagan ann a tha fada ann an Gàidhlig. In Gaelic, as well as in English, we have short vowel sounds and long vowel sounds. Ann an Gàidhlig sgrìobhte, tha fuaimreag a tha fada air a còmharrachadh le sràc os cionn na fuaimreig. In Gaelic, a long vowel sound is usually indicated by an accent above the vowel.
Seo agaibh eisimpleir no dhà den eadar-dhealachadh a tha seo a’ dèanamh:
Tha fuaim A goirid aig an fhacal mathan – ann am Beurla, “a bear”. Mathan. Ach tha fuaim A fada aig an fhacal màthair – “mother”. Màthair. An cuala sibh an t-eadar-dhealachadh? Mathan agus màthair. Mathan agus màthair.
A-rithist, tha fuaim goirid aig an fhacal minig – “often”. Minig. Ach tha fuaim fada aig an fhacal mìnich – “explain”. Mìnich. Minig agus mìnich. Minig agus mìnich.
Nise, shaoileadh sibh nach robh anns na fuaimreagan seo ach rud beag bìodach. Ach faodaidh an rud beag bìodach seo diofar mòr a dhèanamh ri brìgh na tha sibh ag ràdh!
Seo agaibh eisimpleir dhen sin:
Ann an Gàidhlig, tha facal againn air a bheil bata – ann am Beurla, “a stick”, “a walking stick”. Bata, le fuaimreag ghoirid. Bata. Ach le fuaimreag a tha fada, ’s e th’ againn a-nise ach bàta – “a boat”. Bàta. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh? Bata – “a stick”. Bata. Ach bàta – “a boat”. Bàta. Bata agus bàta.
Le sin, mura h-eil sibh a’ dèanamh na fuaimreig fada no goirid nuair a bu chòir dhuibh, tha seo gur fàgail le facal gu tur eadar-dhealaichte, agus sibh ag ràdh rudeigin mar, “Chaidh sinn tarsainn na locha ann am bata.” “We went across the loch in a walking stick!” No fiù ’s, “Cha choisich mo mhàthair gun bhàta!” My mother can’t walk without a boat!
Agus eisimpleir no dhà eile:
Sgoth le fuaimreag ghoirid,“a small boat”. Sgoth. Ach tha sgòth le fuaimreag fhada a’ ciallachadh “a cloud”. Sgòth. Sgoth - “a small boat” - ach sgòth - “a cloud”. Sgoth agus sgòth.
Solas le fuaimreag a tha goirid, “a light”. Solas. Ach tha sòlas le fuaimreag fhada a’ ciallachadh toileachas, cofhurtachd - sin “happiness”, “comfort”. Sòlas. Solas – “light” - ach sòlas – “happiness”. Solas agus sòlas.
Thoiribh an aire ge-tà! Tha e cuideachd cudromach gun sràc a chur ann mura h-eil i ann agus cuideachd gun am fuaim fada a dhèanamh ro fhada!
Uill, sin e airson leasan eile. Tha mi an dòchas gun tug sin dhuibh barrachd tuigse air cho cudromach ’s a tha fuaimreagan agus an ann fada no goirid a tha iad. Feuch gun cùm sibh cluas ri claisneachd airson seo an ath thuras a tha sibh ag èisteachd ri daoine a’ bruidhinn Gàidhlig.