Main content

N - Leathann agus Caol

Anns an leasan seo agus anns an ath leasan, bidh sinn a’ toirt sùil air an fhuaim N. Tha trì fuaimean N ann an Gàidhlig – N leathann mar a chluinnear ann an nàmhaid, Nollaig agus nuadh. Agus an dàrna fear, N caol mar a chluinnear ann an nead, nì agus neoni. Agus tha N eile ann cuideachd, ach fàgaidh sinn sin gu leasan eile!

An-diugh, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air fuaim N leathann – sin N le tè de na fuaimreagan leathann - a, o agus u na chois. Tha e rudeigin eadar-dhealaichte bhon fhuaim N ann am Beurla. An àite a bhith a’ cur bàrr do theanga ri mullach do bheòil, mar a dhèanadh tu le faclan Beurla leithid “nap”, “normal” agus “nature”, tha thu a’ cur bàrr do theanga ri bonn d’ fhiaclan aghaidh. You put the tip of your tongue to the bottom of your front teeth.

Le sin, tha thu a’ dèanamh fuaim mar seo: N. Chan e “n” mar a gheibhear ann am Beurla, mar eisimpleir, anns an fhacal Bheurla “nap”, ach N mar a tha san fhacal Ghàidhlig nàbaidh – “neighbour”. Nàbaidh. An cuala sibh an t-eadar-dhealachadh? “Nap” le fuaim Beurla, ach nàbaidh le fuaim Gàidhlig. “Nap” agus nàbaidh.

Seo eisimpleirean eile de dh’fhaclan a tha a’ tòiseachadh le N leathann:

Nàmhaid. Nàmhaid.
Naomh. Naomh.
Nollaig. Nollaig.
Nuadh. Nuadh.
Èistibh a-rithist - Nàmhaid. Naomh. Nollaig. Nuadh.

Agus gheibhear am fuaim seo ann am meadhan agus aig deireadh fhaclan Gàidhlig cuideachd. Ann an Gàidhlig sgrìobhte, tha seo air a chomharrachadh le dà N. Seo eisimpleirean:

Ceann. Ceann.
Fonn. Fonn.
Ceannaich. Ceannaich.
Daonnan. Daonnan.
Tunnag. Tunnag.
Cunntas. Cunntas.
Sin - Ceann. Fonn. Ceannaich. Daonnan. Tunnag agus Cunntas.

Siud agaibh N leathann ma-thà, fuaim eile a tha a’ nochdadh tric ann an Gàidhlig.