T - Caol/Tana
Anns an leasan mu dheireadh, dh’ionnsaich sinn mun fhuaim T leathann – sin T agus fuaimreag leathann na cois. Fuaimreag leathann – a broad vowel, fuaimreag leathann. Bidh cuimhn’ agaibh gur h-iad na fuaimreagan leathann A, O agus U. Tha T leathann a’ nochdadh ann am faclan leithid Latha, Lom, agus Luch. Ach anns an leasan seo tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim T caol – T airson Tè...Teanga... Teich... Tìr... Tioram...
Airson T tana, no caol a dhèanamh, tha bàrr do theanga eadar d’ fhiaclan aghaidh, tha mullach do theanga a’ dol gu mullach do bheòil agus am fuaim a’ tighinn às na pluicean – no gruaidhean – agad no cliathaich do bheòil; le sin tha thu a’ dèanamh fuaim mar seo – “chuh.” Chuh. To make a narrow T sound, the tip of your tongue is between your front teeth and the top of your tongue is flat against the roof of your mouth and the sound comes from your cheeks, or the sides of your mouth. So you make a sound like this - "chuh". Chuh. T airson Teine. Teine. T airson Teann; teann. T airson Teagamh; teagamh.
Seo eisimpleir no dhà eile den fhuaim T aig toiseach facail:
Teich; Teich. Tìde; Tìde. Tiodhlac; tiodhlac. Tiugh; tiugh.
Agus mar a bhiodh dùil, bidh am fuaim seo a’ nochdadh ann am meadhan agus aig toiseach fhaclan cuideachd – seo eisimpleirean dhen sin:
Àite; àite. Cait; cait. Iteag; iteag. Litir; litir. A’ Chèitean; a’ Chèitean. Caisteal; caisteal. Bailtean; bailtean. Seist; seist.
Nise, aon phuing eile; mar as trice, chan eil faclan-iasaid – sin loanwords, faclan-iasaid – a thàinig a-steach dhan Ghàidhlig bhon Bheurla – a’ cumail ri na riaghailtean seo. Le sin ann am faclan leithid tidsear, teatha agus tiocaid agus anns an ainm “Ceitidh” chan eil an T a’ dol caol idir.
Uill, tha an leasan seo an impis Tighinn gu crìch an-dràsta, ach Tillidh sinn gu fuaimneachadh na Gàidhlig an ath sheachdain – tha mi an dòchas gum bi sibh ag èisTeachd!