N – Caol
Anns an leasan mu dheireadh, bha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim N leathann, mar a chluinnear ann am faclan leithid nàbaidh, Nollaig, ceann agus tunnag. Anns an leasan seo, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim N - ’s e sin N caol - fuaim a tha a’ nochdadh nuair a tha N agus tè de na fuaimreagan caola – the slender vowels - na fuaimreagan caola, e no i na chois. Cluinnidh sinn seo ann am facail mar nead, nighean agus neach.
Airson am fuaim seo a dhèanamh, an àite a bhith a’ cur bàrr do theanga ri cùl d’ fhiaclan aghaidh mar a dhèanadh tu leis an fhacal Bheurla “nest”, tha thu a’ cur do theanga ri mullach do bheòil. Instead of putting your tongue behind your teeth as you would when saying the English word “nest”, flatten your tongue against the roof of your mouth.
Le sin, tha sibh a’ dèanamh fuaim rudeigin mar seo - “nyuh”. “Nyuh”. Mar eisimpleir, ’s e nead am facal Gàidhlig airson “nest”. Ann am Beurla, “nest” le fuaim n Beurla. Ach ann an Gàidhlig, nead le N caol Gàidhlig. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh? “Nest” agus nead. “Nest”. Nead. Nead.
Agus ann am facal no dhà eile.
Nighean. Nighean. Agus neach. Neach.
Seo agaibh eisimpleir no dhà eile:
Neoni. Neoni.
Neul. Neul.
Nimh. Nimh.
Tha am fuaim “nyuh” cuideachd a’ nochdadh aig deireadh agus ann am meadhan fhaclan. Tric ann an Gàidhlig sgrìobhte, chì thu seo air a chòmharrachadh le dà N. Mar eisimpleir, ann am faclan leithid seinn, grinn, cluinn, bainne agus cinnteach.
Seo eisimpleir no dhà eile:
Acainn. Acainn.
Cainnt. Cainnt.
Inntinn. Inntinn – tha e a’ nochdadh dà thuras san fhacal seo! Inntinn. Sloinneadh. Sloinneadh.
Spùinneadair. Spùinneadair.
Acainn. Cainnt. Inntinn. Sloinneadh. Spùinneadair.
Agus tha sinn a’ dol a leantainn oirnn leis a’ chòrr den phrògram a-nise, ach tha mi an dòchas gu robh e feumail dhuibh a bhith a’ cluinntinn mun fhuaim N caol ann an Gàidhlig! Bheir sinn sùil air fuaim eile an ath sheachdain!