Main content

D – Leathann

Ged is ann air connragan – no consonants - a tha sinn a’ dol a thoirt sùil san t-sreath seo – cuimhnichibh gu bheil fuaim connraig gu mòr a’ crochadh air dè an fhuaimreag – sin vowel – fuaimreag a tha tighinn roimhpe no às a dèidh, agus an ann leathann no caol a tha i. The way a consonant sounds often depends on whether the vowel that precedes or follows it is broad or slender. Is iad na fuaimreagan leathann a, o agus u agus is iad na fuaimreagan caola e agus i. Sin na fuaimreagan leathann a, o, u agus na fuaimreagan caola e agus i. Tha fuaim leathann, no tiugh aig na fuaimreagan a, o agus u agus fuaim caol no tana a th’ aig e agus i.

Anns an leasan seo, tha sinn gu bhith a’ toirt sùil air an fhuaim d agus am fuaim a tha e a’ dèanamh le fuaimreagan leathann.

Tha d leathann ann an Gàidhlig glè eadar-dhealaichte bhon fhuaim d ann am Beurla. D an àite d. Tha d ann am Beurla cruaidh – tha thu a’ cur d’ fhiaclan ri chèile agus tha do theanga biorach. Ach ann an Gàidhlig, ’s e fuaim bog a th’ aig d – tha do theanga còmhnard agus a’ tighinn eadar d’ fhiaclan; cha mhòr nach eil thu ga bìdeadh. D in English is a hard sound. You put your teeth together and your tongue is pointed. But in Gaelic, d is a soft sound. Your tongue is more flat and comes between your teeth, almost biting your tongue. An àite d, tha thu ag ràdh d. D ann am Beurla, d ann an Gàidhlig.

Le sin, ann am Beurla, canaidh sinn “dog” agus “dark” – le d cruaidh - ach ann an Gàidhlig, canaidh sinn “Dòmhnall” agus “dachaigh”. “Dòmhnall” agus “dachaigh”. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh? “Dog” ach “Dòmhnall”. “Dòmhnall”. D. “Dòmhnall”.

Dachaigh.
Doras.
Dòcha.
Dotair.

Nise, nuair a tha d leathann aig deireadh facail, tha am fuaim rud beag eadar-dhealaichte. Tha e nas fhaisge air an fhuaim t ann am Beurla, ach chan eil e cho buileach cruaidh agus cha mhòr nach eil h beag ann cuideachd. Mar seo. D. D.

Tha am fuaim t a’ tighinn bho d’ fhiaclan ann am Beurla, ach tha seo nas buige, le do theanga air cùlaibh d’ fhiaclan toisich àrda. It’s a softer sound than the English t and you put your tongue behind your upper front teeth.

Mar eisimpleir, ann am Beurla, chanadh sinn “hat” – le fuaim t cruaidh - ach ann an Gàidhlig, canaidh sinn “ad” – le fuaim bog. An cuala sibh mar a bha an dà fhuaim eadar-dhealaichte bho chèile? Hat. Ad. Ad. Ann am Beurla – “hat”, le t cruaidh – ach ann an Gàidhlig “ad” – le fuaim nas buige. Hat. Ad. Ad.

Seo agaibh eisimpleirean eile, le d leathann aig deireadh an fhacail:

Iasad. Iasad. D.
Grod. Grod. D.
Rud. Rud. D.

Agus d ann am meadhan an fhacail.

Badan.
Rudan.
Ladarna.
Blasadan.

Tha sinn a’ dol a leantainn oirnn leis a’ phrògram a-nise – ach tha mi an dòchas gu robh an leasan seo feumail dhuibh!