R - Leathann
Anns an leasan seo tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim R leathann. R a tha leathann ann an Rathad... roghainn... rud...
An toiseach bheir sinn sùil air an fhuaim R aig toiseach facail. Nise aon rud mus tèid sinn càil nas fhaide air adhart! A bheil cuimhn’ agaibh air na bha mise ag innse dhuibh mu na fuaimreagean leathann – A, O agus U – agus na fuaimreagan caola – E agus I? Gu bheil am fuaim a tha connrag – sin consonant, connrag – a’ dèanamh a’ crochadh air an t-seòrsa fuaimreag a tha na cois agus an ann leathann no caol a tha i?
Uill, tha am fuaim seo rud beag eadar-dhealaichte – gheibhear e nuair a tha an R air a leantainn le fuaimreag leathann – ach cuideachd nuair a tha e air a leantainn le fuaimreag chaol. Le sin, cluinnear e aig toiseach nam faclan Rathad, Roghainn agus Rud – ach cuideachd aig toiseach fhaclan leithid Rionnag agus Rèiteach.
Tha am fuaim seo gu math eadar-dhealaichte bhon fhuaim a chluinneas tu ann am faclan Beurla, leithid rat, rich, agus road. Airson am fuaim R leathann a dhèanamh, tha thu a’ cur bàrr do theanga ri mullach do bheòil, agus a’ leigeil beagan anail a-mach; tha thu ga rolaigeadh agus cha mhòr nach eil thu a’ cur fuaim H ris. To make a broad R sound in Gaelic, put the tip of your tongue to the top of your mouth and roll the R a little and breath out – you almost make a bit of an H sound. R (fuaim Gàidhlig). R. R.
Le sin, ged a chanadh sinn “rat” agus “road” ann am Beurla, ann an Gàidhlig bidh sinn ag ràdh Radan agus Rathad. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh? Ann am Beurla, rat agus road. Ann an Gàidhlig, Radan agus Rathad. Rat ach Radan, Road ach Rathad. Carson nach can sibh fhèin na faclan seo còmhla rium? Bàrr ur teanga ri mullach ur beòil, a’ leigeil beagan anail a-mach: Rathad. Rathad. Radan. Radan. Riochd. Riochd. Reul. Reul. Ròn. Ròn. Rud. Rud.
Gheibh sibh am fuaim seo aig deireadh agus ann am meadhan an fhacail cuideachd; ann an Gàidhlig sgrìobhte tha e air a chomharrachadh le dà R. Seo eisimpleir no dhà: Bàrr. Bàrr. Tòrr. Tòrr. Gàrradh. Gàrradh. Earrach. Earrach. Curran. Curran. Siorrachd. Siorrachd.
Uill, tha sinn air deireadh an leasan seo a Ruighinn – ach an ath sheachdain bheir sinn sùil air an aon fhuaim eile. Sin e ma tha, chun an ath thuRais.