T - Leathann
Anns an leasan seo tha sinn gu bhith a’ toirt sùil air an fhuaim T leathann ann an Gàidhlig. T airson Taigh... Toll... agus Tuath...
Tha am fuaim seo coltach ris an fhuaim T anns an fhacal Bheurla took, ach chan eil e cho cruaidh. An àite a bhith a’ cur bàrr do theanga ri mullach do bheòil – mar a dhèanadh tu le na facail “tank” “toast” agus “tunnel” - tha thu ga chur eadar d’ fhiaclan aghaidh; instead of putting the tip of your tongue to the roof of your mouth – as you would in English – for example, with the words “tank”, “toast” and “tunnel”, it is placed between your front teeth.
Le sin, ann am Beurla “T” (fuaim Beurla) airson “tank” – ach ann an Gàidhlig “T” (fuaim Gàidhlig) airson taigh. Taigh. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh? Tank ACH Taigh, Talamh, Toll, Tog, Tuath.
Agus dè mu dheidhinn eisimpleir no dhà eile?
Talla; Talla. Tobar; Tobar. Toilichte; Toilichte. Tuil; Tuil.
Chan e Talla, Tobar, Toilichte, Tuil ach Talla, Tobar, Toilichte, Tuil.
Cluinnear am fuaim seo aig deireadh agus ann am meadhan fhaclan cuideachd; mar eisimpleir aig deireadh an fhacail “at” –, a swelling - at. Èistibh ri mar a tha am facal seo eadar-dhealaichte bho “ad” – le fuaim D - ann am Beurla, a hat. Ad – a hat, ach at – a swelling. Ad ACH At. Ad. At.
Seo eisimpleir no dhà eile leis an fhuaim T aig deireadh no ann am meadhan an fhacail:
Bàta; Bàta. Còta; Còta. Putan. Putan. Astar. Astar. Murt. Murt.
Tha am fuaim seo a’ nochdadh ann an tè de na h-abairtean as cumanta a th’ againn – sin “Tapadh leat”, no “Tapadh leibh”. Tapadh leat. Tapadh leibh. Ma tha am fuaim seo duilich dhuibh, carson nach fheuch sibh ri fhaighinn ceart anns an abairt seo an toiseach? Tapadh leat. Tapadh leibh. Neo mòran Taing – tha e a’ nochdadh an sin cuideachd! Tapadh leat. No Tapadh leibh. Agus Mòran Taing.
Uill siud agaibh sùil air an fhuaim T leathann – no tiugh - ann an Gàidhlig. Anns an ath leasan bidh sinn a’ Toirt sùil air T caol – no Tana. Tana; sin agaibh T tiugh eile!
Co-dhiù, tha mi an dòchas gun Tug an leasan seo barrachd Tuigse dhuibh air fuaim eile a tha bitheanTa sa Ghàidhlig!