R air a shèimheachadh
Dh’ionnsaich sinn roimhe mun litir R ann an Gàidhlig, agus mar a tha R a’ dèanamh fuaim eadar-dhealaichte a-rèir an t-suidheachaidh anns a bheil i a’ nochdadh - agus an t-seòrsa fuaimreag a tha na cois.
Thug sinn sùil air an litir R aig toiseach facail agus mar a tha seo a’ dèanamh an aon fhuaim anns a’ chuid as motha de shuidheachaidhean, g’ e bith dè seòrsa fuaimreag a tha na cois. Le sin, cluinnidh sinn an aon fhuaim aig toiseach nam faclan, “ràmh”, “reòthadh”, “rùn”, “rìgh” agus “reul”.
Thug sinn sùil cuideachd air an fhuaim a tha an litir R a’ dèanamh aig deireadh, agus ann am meadhan facail, agus fuaimreag chaol na cois. Mar eisimpleir, anns na faclan, “màthair”, “air”, “obair”, “dìreach” agus “fìrinn”.
Siud dà fhuaim R ann an Gàidhlig. Ach tha aon fhuaim eile ann cuideachd.
Chan fhaighear am fuaim R seo ach aig toiseach fhaclan, agus tha an R seo nas coltaiche ris an fhuaim R a gheibhear ann am Beurla.
Ach cuin a bhios sinn a’ cluinntinn an fhuaim R seo? Uill, bidh ann an suidheachaidhean far am bi sèimheachadh ann leis a’ chuid as motha de chonnragan. You get a different R sound in the situations where most consonants would lenite. Mar eisimpleir, le gnìomhairean a th’ anns an tràth chaithte - with verbs in the past tense - le gnìomhairean a th’ anns an tràth chaithte.
Tha gnìomhairean a tha a’ tòiseachadh le connragan leithid B, C, D agus mar sin air adhart, air an sèimheachadh san tràth chaithte - in most cases, verbs which begin with a consonant are lenited in the past tense. Le sin, canaidh sinn, “coisich” ach “choisich mi”. “Gabh” ach “ghabh mi”. Ach cha ghabh na connragan L, N agus R an sèimheachadh. Le sin, tha dòigh eile ann airson an t-eadar-dhealachadh seo a shealltainn.
Chuala sinn ann an leasanan eile mu na tha a’ tachairt nuair a tha na litrichean L agus N air an sèimheachadh, agus tha an aon rud a’ tachairt leis an litir R. Tha am fuaim R seo nas coltaiche ris an fhuaim a gheibhear ann am Beurla. Tha e tana agus air a roiligeadh bho bhàrr do theanga.
Le sin canaidh sinn, “Ruith”, - Run – Ruith le R leathann, ach, “Ruith mi”, – I ran le R “Beurla” mar gum biodh. A bheil sibh a’ cluinntinn an eadar-dhealachaidh? Ruith ach Ruith mi. Ruith ach Ruith mi.
Eisimpleir eile, “Reic”, – Sell - Reic le R leathann, ach, “Reic mi”, le R air a shèimheachadh mar gum biodh - I sold. Reic mi. Reic mi.
Ma tha thu a’ bruidhinn air rudeigin a rinn thu, seo am fuaim R a bhios tu a’ cleachdadh!
Mar a bhios fios aig mòran agaibh, bidh sèimheachadh cuideachd a’ tachairt le ainmearan anns an tuiseal shealbhach – lenition also occurs with nouns in the possessive case. Seo eisimpleirean dhen sin:
Canaidh sinn, “An Rathad”, le R leathann. An rathad, ach, “Mo Rathad”, le R “Beurla”. My road - mo rathad. Rathad ach mo rathad.
No, “An Roghainn” - the choice - an roghainn. Ach, “Do Roghainn” - your choice - do roghainn. Roghainn ach do Roghainn.
Uill tha eagal orm gun do Ruith an ùine orm agus sin ur cuid airson na seachdain sa!