R – Caol
Anns an leasan mu dheireadh, bha sinn a’ toirt sùil air R leathann – no tiugh – broad – leathann, agus dh’ionnsaich sinn gur e mar as trice an aon fhuaim a chluinnear aig toiseach facail, ge b’ e dè an seòrsa fuaimreag – leathann no caol – a tha na cois.
Le sin, cluinnidh sinn rathad, roghainn, rùn, ach cuideachd reamhar agus rionnag. ’S e an aon fhuaim a th’ ann.
Anns an leasan seo, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim R a chluinnear aig deireadh facail agus fuaimreag chaol – e no i na chois.
Tha am fuaim seo gu mòr nas buige na am fuaim R a chluinneas sibh ann am Beurla, leithid “rich”, “real”, “reasonable”. An àite a bhith a’ cur bàrr do theanga ri mullach do bheòil mar a dhèanadh tu airson fuaim R Bheurla a dhèanamh, tha thu ga chur eadar d’ fhiaclan aghaidh. Instead of putting the tip of your tongue to the top of your mouth as you would to make a hard English “R” sound, you put your tongue between your front teeth. Cha mhòr nach eil thu a’ dèanamh fuaim coltach ris an fhuaim a gheibh sibh aig toiseach an fhacail Bheurla “the”. Le sin, canaidh sinn, mar eisimpleir, “màthair.”
Èistibh a-rithist. Màthair. Màthair. Agus eisimpleir no dhà eile?
Cìr. Cìr.
Dìreach. Dìreach.
Aire. Aire.
Fàire. Fàire.
Aithreachas. Aithreachas.
Aon rud eile. Tha am fuaim seo a’ nochdadh mar as trice aig deireadh agus ann am meadhan fhaclan agus tha e a’ nochdadh aig toiseach an fhacail ann an cuid de shuidheachaidhean. Is dòcha gur e am fear as cumanta dhiubh seo, an ro-bhriathar – no preposition - ro-bhriathar, ri. ’S e R caol a gheibh sibh aig toiseach ri, ris, rithe, ribh agus mar sin air adhart. Airson an dà fhuaim eadar-dhealaichte seo a chluinntinn taobh ri taobh, èistibh ris an t-seantans seo:
Bhruidhinn mi ri Righ na Spàinn. An cuala sibh an dà fhuaim eadar-dhealaichte? Ri agus Rìgh le R. Bhruidhinn mi ri Rìgh na Spàinn. Ri agus rìgh. Ri agus rìgh.
Agus sin agaibh an leasan fuaimneachaidh mu dheireadh dhen t-sreath seo. Tha mi an dòchas gun do chòrd iad ribh, agus gu robh iad feumail!