C - le ro-analachadh
Anns an leasan seo, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim C aig deireadh agus ann am meadhan fhaclan Gàidhlig.
Nuair a chluinneas sibh am fuaim seo aig toiseach facail, tha e coltach ris an fhuaim C a th’ aig toiseach nam facal Beurla “car”, “code”, “cargo” agus mar sin air adhart.
Ach tha e rud beag eadar-dhealaichte ann am meadhan agus aig deireadh fhaclan Gàidhlig anns a’ chuid as motha de dhualchainntean agus, mar a chluinneas sibh, chan e fuaim a th’ ann a tha nochdadh ann am Beurla idir.
Bheir sinn sùil air an fhacal mac – “son” ann am Beurla – mac a tha a’ nochdadh gu tric ann am Beurla ann an sloinnidhean Albannach leithid:
“MacLeod”. MacLeòid.
“MacDonald”. MacDhòmhnaill.
“MacIntosh”. Mac an Tòisich.
Ann am Beurla, tha e air fhuaimneachadh “mack”. Ach ann an Gàidhlig, tha e air fhuaimneachadh mac. An cuala sibh an t-eadar-dhealachadh? “Mack” ann am Beurla, ach mac ann an Gàidhlig. “Mack” agus mac.
“MacLeod”, MacLeòid. “MacDonald”, MacDhòmhnaill. “MacIntosh”, Mac an Tòisich.
Dè mu dheidhinn eisimpleir eile? Ann am Beurla, canaidh sinn “cake”, ach airson “cake” ann an Gàidhlig, canaidh sinn cèic. Cèic. Chan e “cake” ach cèic. “Cake” ach cèic.
Dè tha a’ fagail an dà fhuaim seo eadar-dhealaichte bho chèile? Uill, tha rudeigin ris an canar ro-analachadh – pre-aspiration - ann am Beurla. Ro-analachadh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil thu a’ leigeil anail dìreach mus can thu am fuaim C. You breathe out just before you make the C sound. Le sin, tha thu a’ dèanamh fuaim mar seo. C. Chan e c ach C.
Seo eisimpleir no dhà eile:
Breac. Breac.
Tric. Tric.
Muc. Muc.
An sac. An sac.
Chan ann a-mhàin aig deireadh facail a bhios sinn a’ cluinntinn an fhuaim seo. Seo eisimpleir no dhà ann am meadhan facail:
Poca. Poca.
Bacadh. Bacadh.
Seacaid. Seacaid.
Craiceann. Craiceann.
Bèicearachd. Bèicearachd.
Aon rud eile. Ann an cuid de dhualchainntean nach eil cho bitheanta an-diugh, mar eisimpleir, ann an Cataibh agus ann an Siorrachd Pheairt air tìr mòr Alba, chan eil ro-analachadh ri chluinntinn, agus tha am fuaim C ann an Gàidhlig coltach ris an fhuaim c ann am Beurla. Ach ann an dualchainntean nan Eilean Siar, tha ro-analachadh ann, agus is iad sin na dualchainntean as trice a chluinnear an-diugh.
Agus ’s e sin e son an leasan seo, ach bheir sinn sùil eile air fuaimneachadh an ath sheachdain. Feuch nach caill sibh e!