Seinneadair na Seachdain: Raibeart MacDhonnchaidh
’S mise Raibeart MacDhonnchaidh, ’s ann às Loch Abar a tha mi. Baile Tòrr Lunndaidh, bhaile beag faisg air a’ Ghearastan.
Thòisich mi a' seinn nuair a bha mi nam bhalach, nuair a bha mi gu math òg bha mi an còmhnaidh a’ seinn. Agus bha mi a’ seinn gu tric ann am Beurla ach uaireannan anns a’ Ghàidhlig. Agus bha mi an còmhnaidh a’ seinn aig cèilidhean agus consairtean.
Bha na mòdan gu math cudromach dhòmhsa nuair a bha mi òg. Nuair a bha mi ’s dòcha aon-bliadhna-deug neo dà-bhliadhna-dheug, bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar agus thòisich mi a’ seinn òrain Ghàidhlig airson na farpaisean aig am Mòd seo, so bha e gu math cudromach. Agus nuair a bha mi seachd-bliadhna-deug, neo ’s dòcha ochd-bliadhna-deug, thòisich mi a' smaoineachadh mu dheidhinn a dhol a-steach airson farpais a’ bhuinn òir. Mar sin thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh airson a dhol a-steach dhan fharpais.
Cha robh m’ athair neo mo mhàthair a’ seinn idir. Uill, mo mhàthair, bha mo mhàthair a’ seinn ann an còisirean ach cha robh i a’ seinn gu tric. ’S ann à Sruighlea a bha iad so cha robh Gàidhlig aca. Ach bha iad gu math dèidheil air ceòl traidiseanta agus bha mo sheanmhair agus mo sheanair ann an Sruighlea cuideachd. Bha iad gu math dèidheil air Calum Kennedy, seinneadairean mar Calum Kennedy agus Alasdair Gillies so nuair a bha mi gu math òg, bha mi dèidheil air seinneadairean mar sin.
Aig an àm seo, tha mi dìreach a’ dèanamh ceòl làn-ùine proifeasanta, ’s dòcha nach e proifeasanta am facal ach co-dhiù! Tha mi ann an còmhlan-ciùil: Tide Lines an t-ainm a th’ air a’ chòmhlan agus tha sinn trang gu leòr. Bha sinn air tour an-uiridh ann an Sasainn agus cuideachd ann an Alba agus tha sinn a’ cluich aig mòran chonsairtean agus fèisean cuideachd air feadh na dùthcha agus an Roinn Eòrpa cuideachd.
Tha mise gu math dèidheil air seann òrain Ghàidhlig ach tha mi smaoineachadh gu bheil òrain Gàidhlig nas ùire gu math cudromach dhan an cultar agus an cànan agus mar sin, air a’ chlàr againn, a’ chiad chlàr aig Tide Lines, tha dà òran Gàidhlig air a’ chlàr. 'S e Muile nam Mòr Bheann an t-ainm a th’ air a’ chiad òran Gàidhlig air a’ chlàr. ’S e seann òran a th’ ann agus tha e gu math traidiseanta agus tha mi smaoineachadh gu bheil siud gu math cudromach. Ach tha an t-òran eile air an aon chlàr, ’s e òran ùr a th’ ann agus sin an t-òran a tha mi a' dol a thaghadh. ’S e cò-thràth an t-ainm a th’ air an òran. Chaidh a sgrìobhadh le Dol Eòin MacFhionghain. Bha Dol Eòin, ’s ann à Sgalpaigh a tha e ach tha e a’ fuireach gu math faisg orm ann an Glaschu, ann am Partaig. Airson an t-adhbhar seo, bha an t-òran gu math cudromach dhòmhsa a chionn ‘s gu bheil an t-òran a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ fàgail àite sa Ghàidhealtachd agus a’ dol gu àite ’s dòcha mar Glaschu neo mar sin agus sin an adhbhar a tha e air a’ chlàr.
Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh’
Gun àite fo shealladh sam b’ fheàrr leinn a bhith
Gu dùthaich a’ mhachair, gun riasladh neo strì
Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh’
Ar cridhe, cridhe.
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh’