Main content

Seinneadair na Seachdain: Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein

’S mise Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein. Rugadh is thogadh mi ann an Siadar an Rubha, ann an Eilean Leòdhais.

Tha mi cinnteach gu robh mi a' seinn bho riamh ann an dòigh ach thòisich mi ceart nuair a bha mi seachd bliadhna dh’aois. Bhiodh m’ athair, agus tha m’ athair fhathast a’ seinn agus bhiodh e a’ dol gu cèilidhean agus chaidh iarraidh orm a dhol còmhla ris gu dìnnear na Nollaig aig luchd nam peinnsean ann an Talla Choimhearsnachd na h-Àird nuair a bha mi seachd bliadhna dh’aois agus chaidh mi ann agus sheinn mi Teann a-nall ’s thoir dhomh do làmh. Sin a’ chiad òran a dh’ionnsaich mi riamh.

Bha mi fortanach, gu math fortanach aig an àm. Bha tòrr seinneadairean às an sgìre fhèin anns an Rubha, bha leithid Hoddan Dòmhnallach, aon dha na seinneadairean as fheàrr leam, bha esan a’ seinn fhathast aig na cèilidhean aig an àm ud ’s bha Iain MacAoidh, Iain MacAmhlaigh, Murdigan Dòmhnallach, Costello, tòrr fireannaich a bha seinn, agus m’ athair fhèin cuideachd nam measg agus bha sin a’ toirt togail dhut agus brosnachadh.

Tha pàirt mhòr aig seinn na mo bheatha, tha mi air iomadach cothrom fhaighinn tron t-seinn a thaobh siubhal agus seinn aig consairtean gu math sònraichte. Tha mi gu math fortanach gun do bhuannaich mi am Bonn Òr aig a’ Mhòd 's thug sin cothrom dhomh siubhal a-null dha na Stàitean Aonaichte. Tha mi air beagan clàradh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean. Tha mi air dà chlàr a dhèanamh mi-fhèin ’s bha mi cuideachd mar phàirt dhen chòmhlan Dàimh 's rinn mi dà chlàr leis a’ chòmhlan sin agus bha mi cuideachd mar phàirt dha na Seòid còmhla ri Màiri Anna NicUalraig. ’S e cothroman sònraichte tha sin a bhith siubhal agus a’ cur eòlas air dùthchannan eile, mion-chànain eile, agus faicinn an àite a th’ aig a’ Ghàidhlig anns an t-saoghal mhòr agus an ùidh a th’ aig daoine, agus ma tha mise faighinn an cothrom beagan seinn a dhèanamh agus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh anns na sgìrean 's na dùthchannan sin, tha mi gu math... ’s e urram a th’ ann agus tha e air còrdadh rium gu mòr.

’S e cunntasachd is ionmhais a bha mi a’ toirt a-mach às an oilthigh ach fhad ’s a bha mi a’ deanamh sin bha mi an sàs ann am mòdan ’s bha mi a' dèanamh beagan teagasg agus seinn air feadh an àite agus chaidh iarraidh orm, a’ tighinn gu deireadh an ùine agam ann an Obar Dheathain a dhol an sàs anns a’ chòmhlan Dàimh ’s ged nach robh mi riamh làn-ùine leis a’ chòmhlan bha sinn a' dèanamh gu leòr, ach an uair sin, fhuair mi obair le Fèisean nan Gàidheal ann an dà mhìle sa sia, 's chùm mi orm ag obair le Fèisean nan Gàidheal agus a bhith seinn le Dàimh aig na deireadh-sheachdainean agus a’ cleachdadh cuid dha na làithean-saor agam airson beagan siubhal a dhèanamh.

Tha mi fhathast ag obair le Fèisean nan Gàidheal. Tha mi nam mhanaidsear leasachaidh aig a’ bhuidheann agus tha sin ga mo chumail gu math trang 's tha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair le daoine òga, a’ feuchainn ri cothroman a thoirt dhaibhsan a bhith a’ dol an sàs ann am pròiseactan inntinneach agus cuideachd a bhith ag ionnsachadh ceòl traidiseanta agus òrain Ghàidhlig agus barrachd mun an dualchas aca fhèin.

Tha mi fhathast a’ seinn. Bho chionn dà bhliadhna thug mi mach clàr eile is chòrd sin rium. Tha mi air a bhith a’ dèanamh barrachd rannsachadh a thaobh òrain tha mi cinnteach anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha mi a' cur seachad ùine gun chiall air Tobar an Dualchais agus ceann ann an leabhraichean a’ feuchainn ri òrain ùr a lorg agus barrachd ionnsachadh mu na diofar bhàird a th’ anns... gu h-àraidh bàird às an eilean agam fhèin.

’S e an òran a tha mi air a thaghadh an-diugh, ’s e Thug Iad a Thung Thu, le Murchadh MacPhàrlain. Chuala mi an òran an toiseach aig m’ athair. Chlàr esan e le na Lochies, tha mi cinnteach anns na h-ochdadan. ’S caomh leam an òran, a’ fonn a chuir a’ bhàrd ris, agus bha e a’ còrdadh rium mar a chlàr m’ athair e, agus bha mi riamh airson a dhèanamh mi-fhèin agus mar a dh’obraich mi le Dòmhnall Shaw, chòrd an dreach a chuir e fhèin air a thaobh ceòl, agus ’s e an òran as fheàrr le mo bhean Angela, 's mar sin, sin adhbhar eile airson a thaghadh.

Gu dè ged a dh'èireadh a' ghrian,
Gu dè ged a ghoireadh na h-eòin?
Ceòl fìdhle no pìoba cha dèan
Dèan sùgraidh dhomh dhùsgadh dham dheòin.

SÈIST
Thug iad a Thung a' bhradain 's a' mhurain thu,
Thug iad a-nall a dh'fhuireach, a lurain, thu;
A-nall air an fhadhail mo bhalachan bàn,
Chaidh nall air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh.