Seinneadair na Seachdain: Gillebrìde MacIlleMhaoil
’S mise Gillebrìde MacIlleMhaoil. Thogadh mi ann an Uibhist a Deas agus tha mi a’ fuireach ann an Glaschu a-nis agus ’s e seinneadair Gàidhlig a th’ annam cuideachd.
Bhithinns’ a’ seinn aig cèilidhean ann an Uibhist a Deas nuair a bha mi òg. Bhiodh daonnan cèilidhean ann, ann an tallachan ann an Dalabrog neo ann am Bòrnais, agus dìreach bhithinn a’ seinn aig na cèilidhean sin.
An uair sin, nuair a bha mi beagan na bu shine, bhithinn a’ seinn aig na Mòdan agus bhuinnig mi Bonn Òr an t-Seann Nòis anns a’ bhliadhna 2000 ann an Dùn Omhainn agus Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann am Peairt ann an 2004. Agus bhon uair sin tha mi air trì clàran-ciùil a thoirt a-mach agus tha mi air a bhith fortanach a bhith a’ seinn air feadh an t-saoghail.
Feumaidh mi ag ràdh cuideachd, nach robh mi riamh airson a bhith nam sheinneadair. Nuair a bha mi òg, cha robh mi uabhasach comhfhurtail a bhith a’ seinn air beulaibh an t-sluaigh, bha mi gu math eagallach air beulaibh an t-sluaigh agus ann an dòigh dìreach thachair e: gun do chùm mi orm a’ seinn, gun d’fhuair mi cothrom às dèidh cothrom agus chùm mi orm a’ seinn agus a-nis tha e a' còrdadh rium a bhith seinn agus tha mi faighinn tlachd às.
Tha mi cinnteach gu bheil dithis sheinneadairean a thug buaidh orm nuair a bha mi òg agus ’s e iad sin Iseabail T. NicDhòmhnaill - ’s ann ann an Glaschu a chaidh Iseabail a thogail ach bha a dithis phàrantan à Uibhist a Deas agus bha i uabhasach math gu òrain a theagasg, agus tha i math air ceòl co-dhiù agus dh’ionnsaich mi an t-uabhas de dh’òrain bho Iseabail agus bidh mi ag ionnsachadh òrain bhuaipe fhathast - agus cuideachd nuair a bha mi anns an sgoil ann an Uibhist, bhiodh Catrìona Garbutt gar teagasg, agus tha Catrìona Garbutt ainmeil mar sheinneadair agus cuideachd mar phìobaire agus cuideigin aig a bheil stòras luachmhor de dh’òrain. Agus sin an dithis tha mi cinnteach a thug buaidh ormsa nuair a bha mi òg.
Tha seinn uabhasach fhèin cudromach dhòmhsa a chionn ’s gum bi mi a’ seinn a h-uile latha agus ann an dòigh chan e gum bi mi a’ seinn air beulaibh dhaoine eile ach bidh mi a’ seinn còmhla ris an fheadhainn bheaga agam fhèin. Bidh mi a’ seinn dhan chloinn. Tha e a’ còrdadh riuthasan a bhith seinn. ’S toil leam a bhith ag ionnsachadh òrain dhaibh nuair a tha iad anns a’ chàr agus tha mi toilichte ràdh gu bheil seinn ann an Gàidhlig a’ còrdadh riuthasan cuideachd!
Tha mise dhen bheachd gu bheil e uabhasach cudromach gu bheil sinn a’ dèanamh òrain ùra ann an Gàidhlig. Tha mise uabhasach measail air na seann òrain, na h-òrain a tha ceudan de bhliadhnachan a dh’aois, ach cuideachd feumaidh sinn cuimhneachadh gur e cànan a tha beò, gur e cànan a tha beò anns na coimhearsnachdan, a th’ ann an Gàidhlig agus ma tha cànan dol a bhith beò, feumaidh daoine a bhith a' cruthachadh anns a’ chànan sin. Agus dhomh fhèin, bidh mi a’ dèanamh òrain, bidh mi a’ dèanamh bàrdachd agus a’ cur ceòl ris a’ bhàrdachd a tha sin. Agus bha e gu math eagallach ann an dòigh na h-òrain sin a chur a-mach fa chomhair an t-sluaigh, ach aig an aon àm tha mi air mo mhisneachadh gu bheil ùidh aig daoine ann a bhith cluinntinn òrain ùra, agus a bhith cluinntinn bàrdachd agus òrain ann an Gàidhlig a tha dèiligeadh ri cuspairean a tha pearsanta ach cuideachd cuspairean mòra an t-saoghail anns an latha an-diugh, leithid fògarraich is cogaidhean is rudan mar sin.
’S e Santiago an t-ainm a th’ air an òran a tha mise air a thaghadh. ’S e mi fhìn a rinn an t-òran seo agus bho chionn sia na seachd a bhliadhnachan choisich mise slighe gu Santiago de Compostela agus rinn mi prògram air Radio nan Gàidheal air an t-slighe bha sin agus bha mi a’ fuireach ann am baile eachdraidheil Santiago de Compostela cuideachd agus bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a’ coiseachd ann airson iomadach adhbhar: cuid dhiubh co-cheangailte ri creideamh, cuid ag iarraidh dìreach cuairt, cuid ag iarraidh ùine dìreach a ghabhail a-mach à beatha airson a’ chuairt shònraichte tha seo a dhèanamh agus ’s e dìreach òran a tha seo a rinn mi ann an Gàidhlig agus ann an cànan Ghalicia far a bheil mi a' toirt luaidh agus moladh air a’ bhaile bhrèagha a tha seo – Santiago de Compostela.
Baile a’ ghaoil a th’ ann,
Baile na h-aois a th’ ann,
’S iomadh rud a chunna’ mi,
’S iomadh rud a rinn.
Baile nan laoch a bhios a’ tighinn o gach taobh a th' ann,
A shireadh uaigh an ostail
’S dh’iarraidh Compostelana.
Baile a’ ghaoil a th’ ann,
Baile na h-aois a th’ ann,
’S iomadh rud a chunna’ mi,
’S iomadh rud a rinn.
Baile nan laoch a bhios a’ tighinn o gach taobh a th' ann,
A shireadh uaigh an ostail
’S dh’iarraidh Compostelana.