Main content

Seinneadair na Seachdain: Eilidh NicCarmaig

Is mise Eilidh NicCarmaig agus ’s ann à Port Righ anns an Eilean Sgitheanach a tha mi, ach tha mi an-dràsta a’ fuireach ann an Glaschu.

Thòisich mi air seinn nuair a bha mi gu math òg, mu chòig bliadhna a dh’aois chanainn. Tha mo mhàthair is m’ athair cuideachd nan deagh sheinneadairean agus thug iadsan buaidh orm is brosnachadh dhomh tòiseachadh air.

Dh’inns iad dhomh bho chionn bliadhna neo dhà ge-tà, gun robh iad an dùil nach robh comas seinn agam idir chun an uairsin, agus gum bithinn a’ ruith timcheall an taighe a’ sgreuchail an àite a bhith seinn.

A dh’aindeoin sin, thòisich mi air seinn aig mòdan aig aois gu math òg agus lean mi orm gu cèilidhean is cuirmean nuair a bha mi beagan na bu shine.

Tha iomadh seinneadair air buaidh a thoirt orm thar nam bliadhnaichean, mo phàrantan nam measg ach bidh mi a’ faighinn tòrr òrain bho Cheana Chaimbeul agus Eilidh NicCoinnich agus chanainn-sa gu bheil an dithis acasan air buaidh a thoirt air mo chuid sheinn ann an dòighean eadar-dhealaichte.

Tha seinn agus òrain Ghàidhlig aig cridhe mo bheatha. Tha mi riamh air a bhith ga dhèanamh agus bidh e a’ toirt toileachas is togail dhomh.

Bha mi gu math fortanach duais Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna a ghleidheadh aig na Trads am-bliadhna, agus gu dearbh chuir sin iongnadh orm ach feumaidh mi ràdh gu bheil mi air mo dhòigh glan. Tha iomadh cothrom air a bhith agam tro bhith seinn a leithid a bhith an sàs ann an còisir G nuair a bha mi nam dheugaire agus a-nis a bhith gan teagasg, agus a bhith a’ tòiseachadh còmhlan còmhla ri dithis sheinneadair eile, Ellen NicDhòmhnaill agus Ceitlin Nic a’ Ghobhainn. ’S e Sian a th’ air a’ chòmhlan agus tha sinn air iomadh cuirm sònraichte a dhèanamh còmhla, anns an SSE Hydro agus aig na Barrowlands am measg àitichean eile.

Chan eil mi an sàs ann an ceòl làn-ùine ach tha ceòl agus seinn aig cridhe gach obair a th’ agam. Bidh mi ag obair air a’ phròiseact, ‘Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig’ aig Oilthigh Ghlaschu air tasglann fuaim a tha làn òrain Ghàidhlig, agus bidh mi a’ teagasg na Gàidhlig do chlann san sgìre tro gheamannan is òrain cuideachd.

Tha mi a' dèanamh barrachd seinn a-nis na bha mi riamh ge-tà, agus tha mi an dòchas gun tèid agam air cumail a’ dol leis an sin. Tha mi fhìn math air òrain slaodach chanainn, chan eil mi idir cho math air puirt-a-beul agus òrain luaidh. Bidh mi a' fàgail iad sin do na caileagan eile ann an Sian.

Seo agaibh an t-òran as fheàrr leam, Iain Ghlinn Cuaich. Chan eil cus fiosrachaidh ann mun tè a rinn an t-òran. Chan eil fiù ’s dearbhadh ann an ann a-mach air Gleann Cuaich taobh Loch Tatha neo taobh a-muigh Inbhir Nis a tha an tè a rinn e. Ach, chaidh a dhèanamh anns an ochdamh linn deug, agus ’s e fear uasal a bh’ ann an Iain. Is tha e coltach gu bheil e air an tè seo fhàgail airson tè eile. Tha e follaiseach gu bheil i fhathast gu trom ann an gaol leis a dh’aindeoin sin ge-tà. Tha na briathran brèagha agus gu math duilich aig an aon àm. Bristidh e mo chridhe gach turas a chluinneas mi e. Dh’ionnsaich mi an t-òran o Maggie Dhòmhnallach, nach maireann, is chuala mi an toiseach e nuair a bha mi gu math òg ach tha mi air an cothrom fhaighinn bho chionn ghoirid a bhith ga ionnsachadh agus a bhith ga chlàradh mar phàirt de cheòl an geama, Bard’s Tale Four.

O Iain Ghlinn Cuaich
Fear do choltais cha dual da fàs,
Cùl bachlach nan dual
'S e gu camlùbach suas gu bhàrr.
'S i do phearsa dheas ghrinn
A dh'fhàg mise cho tinn le gràdh,
’S nach eil cron ort ri inns’
O mhullach do chinn gu d' shàil