Seinneadair na Seachdain: Christine Primrose
Is mise, Christine Primrose. Rugadh agus thogadh mi ann an Càrlabhagh, baile air taobh siar Eilean Leòdhais. Cho fad ’s is cuimhne leamsa tha mi air a bhith seinn. Bha mi a’ seinn nuair a bha mi na mo nighean bheag. Bha seinn gu mòr mar phàirt dhan a’ choimhearsnachd. Bhiodh daoine a' tighinn còmhla aig an àm sin, mus robh an telebhisean anns a’ bhaile agus bhiodh daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile, a' cèilidh ‘s mar sin air adhart.
Bha mise a’ faireachdainn gun robh mi an-còmhnaidh a’ seinn amhran dha cuideigin agus lean sin mi chun an latha an-diugh.
Nuair a bha mise a’ fàs suas ann an Càrlabhagh, bhiodh cuirmean a’ dol fad na tìde agus bhiodh iarraidh ormsa dhol a sheinn amhran neo dhà am measg na seinneadairean eile. Nise bha seo seinneadairean mar Dòmhnall MacRath a bha mun cuairt is daoine bhon a’ sgìre fhèin agus bha sin mar gum biodh e mar apprenticeship dhòmhsa nuair a smaoinicheas mi air ais air, agus bha sin uabhasach feumail.
Tha mise ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha mi a’ teagasg air a’ chùrsa-chiùil agus le sin tha seinn glè mhòr na mo bheatha. A h-uile latha, tha mi, mura h-eil mi a’ seinn agus a’ toirt amhran dha oileanaich, tha mi dhan rannsachadh, dhan ionnsachadh, ag obair am measg na h-amhrain fad na tìde.
An staid anns a bheil seinneadairean a bhios a’ toirt dhuinn òrain Ghàidhlig, chan eil e mar a bha e nuair a bha mise a' fàs suas. Chan eil iad cho fortanach ’s a bha mise: tha an-diugh tòrr dha na seinneadairean ag ionnsachadh na h-amhrain bho chlàran agus ’s e rud eile tha sin. Ach tha e math dha-rìribh a bhith a’ faicinn oileanaich a’ tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig, a’ sealltainn gu bheil ùidh aca anns a’ chultur 's anns a’ chànan 's anns na h-amhrain. Tha sin prìseil.
‘S caomh leam a bhith seinn a’ chuid as motha dha na h-amhrain a th’ againn ach ’s e na feadhainn a tha ga mo bhualadh nas làidir, ’s e na feadhainn a tha a’ toirt dhuinn sgeulachd dhuilich a’ bhàird, stòiridhean pearsanta mu dheidhinn faireachdainn agus dòrainneachd 's pian is rudan mar sin - rudan a tha a' bualadh air a h-uile duine againn uair neo uaireigin nar beatha.
Dh’fhaodainns’ a bhith air iomadach amhran a thaghadh an-diugh ach thàinig mi chun am fear a tha seo, ‘Mo Cheist am Fear Bàn’. Bha mi riamh dèidheil air an fhonn a th’ air an amhran a tha seo, ‘Dh’fhalbh Mo Nighean Chruinn Donn’ ach ’s e amhran fireannach a bh’ ann. Ach an dèidh sin, bha e air cùl m’ inntinn fad na tìde ann an dòigh, bhon bha mi turas ann am Beinn a’ Bhadhla agus bha mi ann am bùth McGillivray’s, far an robh iad an uairsin a’ creic leabhraichean, agus thàinig mi tarsainn air an amhran a tha seo ann an leabhar, ‘The Celtic Garland’ agus ’s e ghlac mo shùil gu robh e ag ràdh gu robh na facail air an fhonn ‘Dh’fhalbh mo Nighean Chruinn Donn’. Chan e sin a-mhàin ach gun e amhran boireannaich a bh’ ann. Bha mi air mo dhòigh glan agus cha b’ urrainn dhomh fuireach gus an ionnsaichinn e.
Tha an nighean anns an amhran a tha seo, tha i air a cràdh le pian an aithreachais. Tha i air roghnachadh fear a’ bheartais a phòsadh seach ciad gaol a cridhe, am fear bàn. ‘S tha an amhran ag innse dhuinn mar a tha i a’ faireachdainn. Mar as tric, bhiodh a pàrantan neo na daoine far an robh i a’ fuireach, cha bhiodh iad math dheth agus bhiodh seo a’ toirt dhaibhsan, ’s dòcha, bhiodh i a’ smaoineachadh, cothrom a bhith beagan nas fheàrr dheth, nan dèanadh ise am pòsadh, am pòsadh ceart a bha seo mar gum biodh.
O, mo cheist am fear bàn,
Miann gach òg-bhean.
O, mo cheist am fear bàn,
Mo chiad leannan ’s mo ghràdh,
'S e nach d’ fhuair e mo làmh
Fàth mo leòn-sa.