Main content

Seinneadair na Seachdain: Joy Dunlop

Is mise Joy Dunlop agus ’s ann às A’ Chonghail, baile beag faisg air an Òban a tha mi bho thùs.

Thòisich mi ri Gàidhlig ionnsachadh nuair a bha mi anns an sgoil, cha robh Gàidhlig aig mo phàrantan agus cha robh sgoil Ghàidhlig anns an sgìre aig an àm sin 's mar sin, b’ ann nuair a chaidh mi dhan àrd-sgoil a thòisich mi bhith ga h-ionnsachadh gu ceart.

Thòisich mi a bhith seinn anns a’ Ghàidhlig an toiseach nuair a chaidh am Mòd Nàiseanta dhan Òban agus bha iad a’ brosnachadh phàistean anns an sgìre a bhith a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd agus bha ban-Ìleach a’ fuireach anns an aon bhaile rinne agus thuirt i gun robh i gu math deònach duine sam bith a chuideachadh a bha ag iarraidh seinn 's mar sin chaidh i a-staigh dhan a' bhun-sgoil againn agus bha còisir againn anns an robh a h-uile pàiste anns an sgoil leis cho beag ’s a bha a' bhun-sgoil ach cuideachd, thuirt i gun dèanadh i 'solos' le duine sam bith a bha ag iarraidh seinn nan aonar 's mar sin gach oidhche Luain às dèidh na sgoile bha sinn uile dol dhan taigh aice agus leis nach robh Gàidhlig againn idir idir bhiodh ise feuchainn ri comhairle a thoirt dhuinn fhios agad, fiù ’s ciamar a chanadh sinn na faclan, dè seòrsa fuaimneachadh a bh’ ann agus an uairsin, ciamar a bha an ceòl ag obair. Bha ise a' cluich na fìdhle cuideachd ’s mar sin uaireannan chluicheadh ise air an fhidheall agus bhiodh sinne feuchainn ri bhith seinn aig an aon àm.

Mar a thubhairt mi, 's ann às A’ Chonghail a tha mise agus tha Karen NicMhathain à Taigh an Uillt, an ath bhaile rinne 's mar sin bha sinn uile eòlach air Capercaille agus air Karen ach bhithinn a’ dol dhan fhèis cuideachd anns an Òban agus bhiodh Màiri NicAonghais a’ tighinn airson òrain Ghàidhlig a theagasg dhuinn agus cha robh mòran sheinneadairean anns an sgìre aig an àm ud ach mar as trice, cha bhiodh ann ’s dòcha ach mì-fhèin agus feadhainn a bharrachd ann an clas ach bha iad uile gu math brosnachail is gu math, dìreach gu math cuideachail dhomh gu h-àraidh leis nach robh Gàidhlig agam fhios agad. Cha robh mise ach ag ionnsachadh fuaimean mar gum biodh ach bha rudeigin uabhasach tarraingeach dhomh mun a’ cheòl agus ged a bha mi fhathast a' seinn anns a’ Bheurla, saoilidh mi gura h-iad na h-òrain Ghàidhlig a bha a' còrdadh rium na bu mhotha.

Tha mi gu math fortanach an-dràsta gu bheil mi ag obair air mo cheann fhèin agus tha sin a’ leigeil leam iomadach rud a dhèanamh. Tha seinn na phàirt mhòr dhe mo bheatha le cinnt. Bidh mi seinn anns a’ chòmhlan agam fhèin agus cuideachd bidh mi seinn ann an còmhlan air a bheil Las agus tha sin a’ tarraing ceòl na h-Èireann agus ceòl na h-Alba còmhla. Bidh mi a' seinn còmhla ri mo bhràthair, tha esan a’ cluich a’ phiàna gu tric so tha an dithis againn a’ dèanamh tòrr le chèile agus ’s ann gu proifeiseanta a tha mi a’ dèanamh na rudan seo ach cuideachd tha mi gu mòr an sàs ann an còisirean. Bha e daonnan a’ còrdadh rium a bhith seinn le daoine eile agus tha rudeigin, chan eil fhios a'm tha rudeigin sònraichte mu bhith seinn ann an còisir leis nach eil a h-uile rud a’ crochadh ort fhèin agus feumaidh tu èisteachd ri daoine eile. Feumaidh sibh uile bhith air an aon ràmh agus a bhith ag obair còmhla gus brìgh an òrain a chuir an cèill. Ach cuideachd dìreach a bhith a’ leantainn a’ chiùil agus ag obair air a sin.

Nuair a tha mi a' feuchainn ri òrain a lorg a sheinneas mi mar as trice, chan eil mi a’ cur romham gun tagh mi òran seach òran eile ach bidh rudeigin ann a ghlacas m’ aire. Uaireannan ’s e na faclan as cudromaiche, uaireannan eile tha rudeigin ann mun a’ cheòl agus tha cuimhne a'm o chionn beagan bhliadhnaichean gun d’ fhuair mi cothrom a dhol a-staigh dhan Sgoil Eòlais, fhios agad Sgoil Eòlas na h-Alba ann an Dùn Èideann agus bha mi rùrachadh tron tasglann aca agus ghlac tiotal an òrain seo m’ aire. ’S e ‘Ma Phòsas Mi Idir, Cha Ghabh Mi Tè Mhòr’ an t-ainm a bh’ air an òran agus leis gu bheil mise uabhasach àrd, shaoil mi gum biodh e èibhinn a bhith a' gabhail rannan anns a bheil facail an leithid ‘Cha ghabh mi tè mhòr, cha ghabh mi tè àrd, ’s fheàrr leam tè bheag a bhios faisg air an làr’. Bha sin a’ còrdadh rium gu mòr agus tha fhios agad mar as trice gur e fear a ghabhas an òrain seo, ach bha mi faireachdainn leis cho àrd ’s a tha mi gum b’ urrainn dhomh sin a ghabhail agus ’s ann bho chlàradh, seann chlàradh a thog mi seo. Clàradh de dh’fhear air an robh Dùghall Camshron agus chlàraich iad sin an toiseach ann an Eilean Mhuile 's mar sin, bha deagh cheangal ann dhan sgìre dham buin mi agus bha mi a' faireachdainn gum biodh e iomchaidh fiù ’s feuchainn air.

Ma phòsas mi cha ghabh mi tè mhòr,
Cha phòs, cha taobh, cha ghabh mi tè mhòr,
Ma phòsas mi idir cha ghabh mi tè mhòr,
'S ro bheag an tè dh'fhòghnas dhòmh-sa.