Seinneadair na Seachdain: Anna Latharna NicGillÃŒosa
Anna Latharna NicGillÌosa. ’S e seinneadair a th’ annam agus neach-teagaisg agus sgrìobhadair agus tòrr rudan eile agus rugadh mi ann an Sruighlea, neo faisg air Sruighlea. An uair sin thogadh mi anns an Òban agus tha mi nise fuireach ann an Glaschu.
Bha inbhe na Gàidhlig san teaghlach againne cho àrd ’s a dh’fhaodadh e bhith ach cha robh iad ga bruidhinn. Bha Gàidhlig fìor fhileanta aig mo sheanair ach rugadh mo sheanair ann an Lunnainn - tha seo cho neònach - agus dh’ionnsaich e Gàidhlig gu fileantas buileach, an dà chuid Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann, agus bhiodh e sgrìobhadh anns an dà chànan a bha siud. Ach cha do dh’ionnsaich m’ athair Gàidhlig idir ach rugadh mi ann an Sruighlea agus dh’innis m’ athair dhomh gun robh sinn gu bhith a’ dol a dh’àiteigin far an ionnsaicheamaid a’ Ghàidhlig - chaidh sinn dhan Òban. Bha mise an dùil ri Gàidhlig air a’ chiad latha dhan sgoil – cha robh i ann, cha robh sgeul oirre. Ach feumaidh mi ràdh, ri neach-ionnsachaidh sam bith, ’s e an aon rud gu feum thu dìreach a bhith ga cleachdadh, dìreach dèan e. Agus ‘s e rud a thug diofar dhan a’ chànan agamsa, nuair a fhuair mi mo chuid chloinne fhèin agus chan eil iadsan ag ràdh. ‘Oh, chan e sin an case ceart’ neo, eil fhios agad, faodaidh tu an uair sin a ràdh na thogras tu.
Thòisich mi seinn bho chionn còrr is leth-cheud bliadhna 's leis a sin, tha mi air tòrr a dhèanamh. A-nis, tha seinn, chan eil e mar a bha e na mo bheatha. Tha mi an còmhnaidh ri fealla-dhà ag ràdh nach e an guth as coireach ach na casan! Feumaidh tu bhith glamorous, tha fhios agad, le na sàilean àrda agus rudan mar sin, agus chan eil sin a’ còrdadh riumsa na làithean-sa, ach tha mi ag obair le clann òg cuideachd agus tha sin a’ còrdadh rium. Tha barrachd air dusan ogha agam agus tha feadhainn aca a' dol dhan sgoil Ghàidhlig agus bidh mi dol sìos a siud an dràsta ’s a-rithist agus a’ seinn còmhla riutha, so tha mi fhathast a’ seinn, gu dearbha!
San latha an-diugh, tha mi a’ dèanamh tòrr sgrìobhaidh. An àite bhith sgrìobhadh òrain is leabhraichean cloinne, sgrìobh mi leabhar, Songs of Gaelic Scotland. Bha mi feuchainn ri bhith toirt air daoine a bhith tuigsinn cho prìseil, cho luachmhor ’s a tha na h-òrain againn, chan ann a-mhàin mar fuaim snog ach mar uinneag air saoghal a dh’fhalbh, mar gum b’ e.
Ann an dòigh, ’s e na h-òrain luaidh tha mi smaoineachadh as cudromaiche a th’ ann, air sgàth ’s nach... tha e air a bhith duilich do bhoireannach an àite sam bith - iadsan nach robh sgrìobhadh - tha thu cluinntinn na naidheachdan acasan anns na h-òrain luaidh. Cha robh na fireannaich a’ tighinn faisg air an àite agus bha na boireannaich an uair sin, bha iad ag innse dè bha cudromach dhaibh. So, tha sinn a’ faighinn sealladh air saoghal nam boireannach a tha dìreach cho prìseil.
’S e an t-ainm a th’ air an òran a thagh mi, ‘Mo Ghaol Òigfhear a Chùil Duinn’. ’S e òran buileach air leth a tha seo. Anns an òran tha i - ’s e tè Hiortach a th’ innte à St Kilda - agus tha e coltach gun tàinig fear a bha seo – ‘s e tighearna air choireigin a bh’ ann, thàinig e ann agus thuit an nighean a bha seo ann an trom ghaol. Fhuair mise an t-òran nuair a bha mi ann an Oilthigh Dhùn Èideann, faisg air trì fichead bliadhna bhuaithe, bhon Urramach Uilleam MacMhathain, agus bha co-dhiù trì fichead bliadhna eile ron a sin a bha ise a' gabhail an òrain tha seo. Saoil dè chanadh ise nan robh fhios aicese gu robh sinn a’ bruidhinn mu deidhinn fhathast. Ach tha, tha mise smaoineachadh gur e sin fìor, fìor dhearbhadh air an neart is spionnadh a tha ann am beul-aithris.
Mo ghaol òigear a’ chùil duinn
Dhan tug mi mo loinn cho mòr.
Dhùraiginn dhut pòg san anmoch
Ged bhiodh càch ga sheanchas oirnn.
Mo ghaol òigear a’ chùil duinn
Dhan tug mi mo loinn cho mòr.