Seinneadair na Seachdain: Mairead NicLeòid
Is mise Mairead NicLeòid. Rugadh 's a thogadh mi ann an Dùn Èideann agus nuair a bha mi deich bliadhna a dh’aois chaidh mi suas a Cheann Phàdraig. An-diugh bidh daoine ag ràdh gur e mise Mairead na h-Òganaich.
Bha mo phàrantan à Leòdhas agus gu fortanach bha iad a’ bruidhinn Gàidhlig anns an dachaigh agus sin mar a dh’ionnsaich mise a’ Ghàidhlig.
Cha robh ùidh agam ann an seinn gu bha mi aon-bliadhna-deug nuair a chaidh mi suas a Cheann Phàdraig agus thagh tidsear a bh’ agam, thagh i mi airson seinn leam fhìn aig consairt ann an Ceann Phàdraig. Agus bha mo mhàthair anns an luchd-èisteachd agus thuirt i, ‘hia, cha robh i nearbhach, eil fhios an tèid i steach chun a’ Mhòd?’ Agus dh’ionnsaich mise amhrain airson a dhol a-steach dhan a’ mhòd ann an naoi ceud deug leth cheud ‘s a naoi agus bhuannaich mi agus sin mar a thachair e, sin mar a thòisich mise a' seinn.
Bha mi air am bonn òir a bhuannachd ann an naoi ceud deug 's seachdad anns an Òban agus ron a sin, ann an naoi ceud deug trì fichead 's a dhà bhuannaich mi am bonn airgid. Tha na bliadhnaichean a’ dol seachad cho luath.
Bha mi a' dèanamh tòrr phrògraman ann an Gàidhlig, a’ seinn ann an Gàidhlig agus tha cuimhn' a'm air aon sreath de phrògraman, ’s e ‘’S e Ur Beatha’ an t-ainm a bh’ air, agus bhiodh muinntir Ghlaschu gam fhaicinn a’ coiseachd sìos an t-sràid agus bhiodh iad ag ràdh, ‘Are you the lassie in Sheena Bertha?’.
Ann an naoi ceud deug seachdad 's a h-aon rinn mi an àirde m’ inntinn gun robh mi dol a dhèanamh buidheann agus rinn mi buidheann comhla ri Dòmhnall mo bhràthair agus Noel Eadie agus chaidh sinn a-steach gu co-fharpais agus bhuannaich sinn sin air an telebhisein. ’S e Celtavision Song Contest an t-ainm a bh’ air. Agus chaidh sinn a-null a dh’Èirinn gu Pan Ceilteach agus bhuannaich sinn ann a sin cuideachd, agus sin mar a thachair na h-Òganaich.
Bha aon uair a bha mi a’ seinn ann an Ameireagaidh agus bha Bill Clinton anns an luchd-èisteachd. Bha turas eile bha mi seinn ann an àite ann an Alba - ’s e taigh-òsta ainmeil a bh’ ann agus dh’fhosgail na cùrtairean 's bha am Prionnsa Anndra agus a’ Bhana-phrionnsa Anna ann agus daoine mar Jackie Stewart agus Sean Connery agus bha aon turas eile bha mi ag obair agus bha mi ag obair còmhla ri Jimmy Tarbuck agus Ronnie Corbett. Agus bidh thu ag ràdh riut fhèin, smaoinich air an àrd-ùrlar le na daoine sin 's a’ seinn amhrain Gàidhlig ach bha sin uabhasach èibhinn cuideachd.
Tha e caran diofraichte an-diugh, tha stoidhle air seasamh air an àrd-ùrlar caran neo-fhoirmeil. Nuair a bha sinne seinn, bha e caran foirmeil ann an dòigh agus bha sinn air ar sgeadachadh cuideachd agus a’ dol a-null air tour gu Ameireagaidh, ’s dòcha gun robh mise ann an deisichean còig turais ann an aon show agus bha thu a' dèanamh dealbhan-cluiche cuideachd, can an-dràsta, ma bha thu a' dèanamh rudeigin, a’ seinn amhran Burns agus bhithinn a’ seinn cuideachd ann an cànain eile. ’S urrainn dhomh seinn ann an Fraingis agus Gearmailtis agus Beurla, Gàidhlig agus Cuimris. Tha sin a’ còrdadh rium cuideachd anns na cànanan eile, ach ’s e Gàidhlig a tha aig an àrd-ìre.
An-diugh tha mi a' teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh agus tha e a’ còrdadh rium gu mòr. Thòisich mi a' dèanamh clasaichean le pàrantan a tha a' cur an cuid chlann dha na sgoiltean Gàidhlig agus tha e a' còrdadh rium gu mòr gu bheil iad ag iarraidh a’ chànan prìseil againne ionnsachadh. Chan eil càil cho math ri cluinntinn daoine ag ionnsachadh a’ chànan againn agus gun tig iad chun an ìre far a bheil iad fileanta is comasach Gàidhlig a bhruidhinn ach bidh mi a' seinn fhathast agus dhà na trì bhliadhnaichean air ais thàinig mi fhèin, Donnie agus Noel air ais a’ seinn air àrd-ùrlar agus bha e uabhasach math a’ seinn ris an luchd-èisteachd. Gu h-àraid ris a’ ghinealach òg a tha ag èirigh suas an-dràsta ach bha na seanairean agus na seanmhairean còmhla riutha cuideachd agus b’ e sin an luchd-èisteachd a bh’ againn nuair a bha sinn òg.
Tha a h-uile seòrsa amhran a’ còrdadh rium ach gu h-àraidh ’s caomh leam na h-amhrain far a bheil thu a' faighinn cothrom faireachdainn a chur a-null ris an luchd-èisteachd mar òran mòr.
An òran a thagh mi ‘s e Cumha do dh’Uilleam Siosal, agus dh’ionnsaich mi sin airson farpais airson a’ bhonn òr.
’S e eachdraidh a bh’ ann sgrìobhte aig àm Chulodair aig Banntrach Uilleam Siosal agus an rud a bha a' còrdadh rium gun robh a h-uile rann caran diofraichte agus gun robh a’ Ghàidhlig ann cho domhainn agus gum b’ urrainn dhomh faireachdainn na briathran agus brìgh an òran. Chan eil càil coltach ri faighinn faireachdainn ann an òran ’s gum bi thu comasach sin a chuir a-null ri luchd-èisteachd.
Och a Theàrlaich òig Stiùbhairt, 's e do chùis rinn mo lèireadh;
Thug thu uam gach nì bh' agam ann an cogadh nad adhbhar;
Cha chrodh is cha chàirdean rinn mo chràdh ach mo chèile,
On latha dh'fhàg e mi 'm aonar gun sian san t-saoghal ach lèine.
Mo rùn geal òg.