Seinneadair na Seachdain: MÃ iri Anna NicUalraig
Is mise Màiri Anna MacUalraig agus ’s ann à Glaschu a tha mi bho thùs. Ach tha mi fuireach an-diugh ann an Ard Gobhar ann an Loch Abar. ‘S ann às an Eilean Sgitheanach a tha mo mhàthair, Ceana, agus ’s ann à Tiriodh a bha m’ athair, Alasdair.
Chaidh mo thogail anns a’ bhaile mhòr le Gàidhlig mar chiad chànan. Bhiodh mi fhèin is mo phiuthar a’ bruidhinn Gàidhlig aig an taigh agus anns an teaghlach. Agus bha cuideachd coimhearsnachd mhòr Ghàidhlig anns a’ bhaile nuair a bha sinn a’ fàs suas. Mar sin, bha tòrr Gàidhlig ri cluinntinn timcheall oirnn ann an Glaschu.
Bha seinn agus ceòl anns an teaghlach agus mar sin saoilidh mi gu robh mi a’ seinn fiù ‘s mus robh mi a’ bruidhinn. Bha ceòl Gàidhlig timcheall oirnn an còmhnaidh, bhon a bha mo mhàthair agus a teaghlach gu lèir, cha mhòr, a’ seinn. Mar sin, mar a chanadh Mam, bha seinn cho nàdarra ri tarraing anail. Agus bhiodh sinn a’ dol gu cèilidhean is cuirmean mòra gu math tric, far an cluinneadh sinn gu leòr sheinneadairean bhon linn a tha sin, agus far an do thog sinn na h-òrain cèilidh air an robh luchd-èisteachd dèidheil.
Tha seinn is ceòl air a bhith aig cridhe gnothaich dhomh fad mo bheatha. Chaidh mi gu sgoil ciùil san àrd-sgoil agus a-rithist don cholaiste ann an Glaschu agus ann am Manchester. Agus bhithinn an sàs ann an cuairtean thall thairis agus iomadh cuirm ri linn sin, le ceòl clasaigeach. A thaobh a’ chiùil thraidiseanta, bha mi grunn bhliadhnaichean sa chòmhlan Cliar, le Art MacCarmaig, mo cho-ogha Maggie Dhòmhnallach agus Blair Dùghlas am measg eile. Bha sin na thlachd air leth dhomh, agus cuid dhen a’ cheòl as grinne as an robh mi riamh an sàs, ‘s ann as na bliadhnaichean sin le Cliar a bha e.
An-diugh, ge-tà, tha mi leantainn slighe ùr dhomh fhèin le seinn is cluich agus sgrìobhadh air mo cheann fhèin. Thug mi clàr de m’ òrain fhèin agus mo cho-obrachadh le sgrìobhaichean eile a-mach ann an dà mhìle sa seachd-deug air an robh An Dàn. Agus bha sin, gu ìre, na chomharra air gu robh mi deònach gun a bhith dol air falach air cùl ceòl dhaoine eile tuilleadh.
Tha mi ag obair làn-ùine ann an ceòl an-diugh, stèidhichte aig an stiùidio clàraidh agam fhèin is an duine agam, Watercolour Music ann an Loch Abar, agus bha mi nam neach-ciùil phroifeasanta an ìre mhath fad mo bheatha, ged a chuir mi seachad grunn bhliadhnaichean cuideachd ag obair ann an seòmar-naidheachd na Gàidhlig aig a’ BhBC. Thug am measgachadh sin de dh’obair sgilean is eòlas dhomh cuideachd a leig leam slighe a leantainn a’ craoladh phrògraman air telebhisean is rèidio co-cheangailte ri ceòl. Ach, is fheàrr leam a bhith dèanamh ciùil seach a bhith bruidhinn mu dheidhinn.
Tha mi trang an-dràsta le grunn nithean a tha co-cheangailte ri baile m’ àraich, Glaschu. ‘S e an dàrna clàr agam, a-mach ann an dà mhìle sa naoi-deug, cruinneachadh de dh’òrain Gàidheil a’ bhaile fhèin. Agus tha mi air mo bheò-ghlacadh leis na sgeulachdan as na h-òrain, oir tha iad gu mionaideach mu dheidhinn àiteachan, pearsachan, tachartasan fa leth, seach cuspairean farsaing, neo far an deach na daoine air dhiochuimhn’. Tha iad nan dearbhadh gur i Glaschu, ann an da-rìreabh, baile mòr nan Gàidheal. Mar thoradh air a sin, tha mi air a bhith gu mòr an sàs ann an ceòl is tachartasan co-cheangailte ris a’ Mhòd Nàiseanta a’ tilleadh a Ghlaschu airson a’ chiad turas ann an trithead bliadhna, agus tha mi air a bhith ag obair gu dlùth cuideachd leis an sgioba a tha dealbh cuairtean-baile stèidhichte air ceòl, òrain agus eachdraidh nan Gàidheal ann an Glaschu.
Is toigh leam a bhith seinn measgachadh mòr de stuth – feuchaidh mi rud sam bith. Ach feumaidh susbaint a bhith anns na briathran, ge bith dè an cànan no nòs anns a bheil mi seinn.
‘S e an t-òran a thagh mi dhuibh, Margadh an t-Salainn a rinn Iain MacPhàidein ann an Glaschu aig deireadh na naoidheamh linn deug. Cha robh na h-Èireannaich agus Gàidheal Alba cho dlùth an uair sin ‘s a tha ’d an-diugh. Agus ann an dòigh, theab nach robh na Gàidheil - aig an robh beatha gu math, gu math cruaidh sa bhaile mhòr – toilichte gu robh coimhearsnachd ann a cheart cho bochd, neo nas miosa dheth, na iad fhèin. Agus tha sin ri fhaicinn ann an cuid dhen sgrìobhadh aig MacPhàidein. Ach tha na dealbhan a tha e tarraing cho dathte, beò nach urrainn ach a bhith air do tharraing a-steach dhan sgeulachd.
Is toigh leam gu robh am bàrd a’ dèanamh a chuid òrain dha choimhearsnachd fhèin, le tuigse is co-fhaireachdainn aige dha cho-Ghàidheil sa bhaile, agus dòigh aige air gàire fhaighinn gun a bhith dèanamh neoni de shuidheachadh. Dh’fhàs mi gu math measail air an duine agus air òrain fhad ’s a bha mi a’ deasachadh a’ chlàir, agus bidh mi smaoineachadh air daonnan nuair a bhios mi a’ siubhal air an trèan air taobh a deas a’ bhaile, oir gur ann an sin a bha e ag obair air an rèile, air na loidhnichean deas a-mach à Sràid na Drochaid.