Seinneadair na Seachdain: Art MacCarmaig
Is mise Art MacCarmaig agus 's ann à Port Rìgh anns an Eilean Sgiathanach a tha mi. Nuair a bha mi òg bhithinn a' gabhail pàirt aig mòdan ionadail ann am Port Rìgh agus bha mi riamh a' smaoineachadh fiù 's aig aois gu math òg gu robh e caran annasach a bhith a' gabhail òran ann an cànan nach robh mi a' tuigsinn. Leis a sin chuir mi romham a' Ghàidhlig ionnsachadh ri linn 's gu robh mi ag iarraidh gum biodh tuigs' agam air na faclan.
Bha mi a' faighinn 's dòcha leth-uair a thìde de Ghàidhlig ann am Bun-sgoil Phort Rìgh nuair a bha mise innte, fada mus robh guth air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Ach nuair a chaidh mi gu Àrd-sgoil Phort Rìgh bha mi uabhasach fortanach gu robh an luchd-teagaisg a bh' agam uabhasach brosnachail bho Roinn a' Chiùil agus Roinn na Gàidhlig agus bha iad a' toirt cothrom dhomh eòlas a chuir air òrain Ghàidhlig a bharrachd air a' chànan fhèin.
Nuair a bha mi anns an siathamh bliadhna agus a' dèanamh Gàidhlig aig Sàr Àrd-ìre, fhuair mi cothrom a dhol a-mach dhan a' choimhearsnachd agus òrain a chruinneachadh bho dhaoine agus chan e sin a-mhàin, ach gun d' fhuair mi eòlas air na seinneadairean agus air eachdraidh nan òran agus bha sin uabhasach cudromach dhomh agus bhrosnaich sin ùidh annam a tha annam fhathast ann a bhith a' rannsachadh òrain, a' faighinn a-mach mun deidhinn agus an ionnsachadh agus an gabhail.
Tha mi ga mo mheas uabhasach fortanach gun d' fhuair mi iomadh cothrom ri linn 's gur e seinneadair Gàidhlig a th' annam. Tha e doirbh a bhith a' togail air rud no dhà sònraichte anns an robh mi an sàs o chionn tha uiread de rudan air a bhith ann, ach nuair a bha mi còmhla ris a' chòmhlan Cliar fhuair sinn cothrom pàirt a ghabhail ann an cuirm ann an Talla Rìoghail Albert ann an Lunnainn agus bha sin uabhasach math. Agus ged nach eil cho fada bhuaithe, aig Fèis Celtic Connections, fhuair mi fhìn agus iomadh seinneadair Gàidhlig eile cothrom nochdadh air an àrd-ùrlar cuide ri Orcastra Symphony a' BhBC agus iad a' cur an dreach fhèin air Òrain nan Gàidheal.
Eadar seinn agus an obair làitheil a th' agam, dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil mi air a bhith an sàs ann an ceòl làn-ùine airson iomadh bliadhna. Bha mi a' ruith bùth-chiùil aig aon àm, chuir mi fhìn agus triùir eile air dòigh companaidh clàraidh Macmeanmna a tha fhathast a' dol agus anns an obair làitheil a th' air a bhith agam fad còrr is còig bliadhn' thar fhichead aig Fèisean nan Gàidheal, tha mi air cothrom fhaighinn òigridh a bhrosnachadh a thaobh ceòl traidiseanta a thogail agus òrain Ghàidhlig am measg sin ach cuideachd gun d' fhuair mi cothrom a dhol an sàs ann an leasachaidhean na Gàidhlig cuideachd.
'S toigh leam a bhith a' gabhail iomadh seòrsa òran a rèir càite bheil mi agus chan eil càil nas fheàrr dhòmhsa na bhith nochdadh aig cèilidh ann an talla choimhearsnachd an àiteigin far a bheil muinntir an àite no daoine anns an èisteachd a' seinn cuide riut nuair a tha thu a' gabhail òran. Ged nach eil e na thlachd dhomh a bhith ag èisteachd rium fhìn idir tha mi air òran a thaghadh bhon a' chlàr mu dheireadh a rinn mi Buanas. Seo òran a chaidh a sgrìobhadh le Calum agus Ruairidh Dòmhnallach aig Runrig agus chuir Calum thugam faclan an òrain seo nuair a bha mi a' clàradh Buanas agus bha iad fhèin air dreach gu tur eadar-dhealaichte a thoirt air an òran air na clàraidhean aca fhèin bho chionn bhliadhnaichean.
'S e Pòg Aon Oidhche Earraich an t-ainm a th' air an òran, òran gaoil sìmplidh a th' ann. 'S toigh leam a bhith ga ghabhail ach tha mi a' smaointinn gu bheil e cuideachd math a bhith a' smaoineachadh air an dìleab a tha Runrig air fhàgail againn. Agus tha e follaiseach gu bheil na h-òrain aca gu bhith beò fad iomadh bliadhna air thoiseach oirnn leis an uiread de dhaoine a tha gan gabhail. Tha seinn uabhasach cudromach na mo bheatha. Chan eil latha a' dol seachad far nach bi mi a' gabhail òran de sheòrs' a choireigin, fiù 's ged nach biodh ann ach mi fhìn a' dol thairis air faclan na mo cheann agus a' gabhail òran dhomh fhìn agus tha e na thlachd dhomh cuideachd gu bheil an teaghlach agam a' seinn. Ach tha mi an dòchas gum bi cothrom agam fhìn fhathast nochdadh air an àrd-ùrlar agus òran no dhà a ghabhail anns an àm ri teachd.