Aithris Naidheachd na Seachdain 8
Fàilt’ oirbh gu Aithris Naidheachd na Seachdain còmhla riumsa, Eilidh NicLeòid. Tha na th‘ agam dhuibh an t-seachdain s' stèidhichte air aithris a thugadh dhuinn bho chionn ghoirid leis an neach-naidheachd Derek MacAoidh.
Tha Sìona ag ràdh gu bheil iad air uidheamachd rannsachaidh ùr a chur a dh’ionnsaigh Mars. Seo a’ chiad uair a-riamh a chuir iad rocaid a dh’ionnsaigh na plànaid sin leotha fhèin, gun a bhith co-obrachadh le dùthaich eile. Cuiridh an Tianwen a h-Aon carbad le sia cuibhlichean air uachdar Mars an ceann sia seachdainean no mar sin. An t-seachdain sa chaidh, chuir na h-Iomaratan Arabach Aonaichte soitheach a dh’ionnsaigh Mars; bha NASA sna Stàitean Aonaichte le planichean inneal eile a chur dhan a’ phanaid cuideachd. Tha an t-astar a tha eadar an Talamh agus Mars an còmhnaidh ag atharrachahdh le mar a tha iad a’ cuairteachadh na grèine. Tha e coltach gur e àm gu math freagarrach a tha seo airson iomairt a dhèanamh gu ruige Mars.
Derek MacAoidh le aithris air dùthaich a tha gu mòr anns na naidheachdan na làithean sa – sin Sìona; neo ann am Beurla - China, Sìona.
Dè tha fàgail Sìona anns na naidheachdan an turas seo, ge-tà? Tha gu bheil an dùthaich air uidheamachd rannsachaidh a chur a dh’ionnsaigh Mars.
Uidheamachd – equipment, uidheamachd.
Rannsachadh – research, exploration, rannsachadh.
Uidheamachd rannsachaidh; gu litearail, tha seo a’ ciallachadh rudeigin mar “research equipment” no “exploration equipment”. Ach ‘s e a’ bhrìgh a th’ aige an seo probe, air neo is dòcha space probe. Uidheamachd rannsachaidh.
Chaidh uidheamachd rannsachaidh a chur a dh’ionnsaigh Mars.
A dh’ionnsaigh – ann am Beurla, towards, in the direction of... A dh’ionnsaigh.
Chaidh uidheamachd rannsachaidh a chur a dh’ionnsaigh Mars – a probe has been launched towards Mars, has been sent to Mars. Chaidh uidheamachd rannsachaidh a chur a dh’ionnsaigh Mars.
A-rèir na h-aithris, cuirear carbad le sia cuibhlichean – a six-wheeled vehicle, carbad le sia cuibhlichean – air uachdar Mars – on the surface of Mars, air uachdar Mars - an ceann sia seachdainean, in six weeks time, an ceann sia seachdainean.
Mar a dh’inns Derek dhuinn, ‘s e seo a’ chiad turas a tha Sìona air rocaid a chur a dh’ionnsaigh na planaid sin leotha fhèin agus chan ann ann an co-obrachadh le dùthaich eile.
Co-obrachadh – ann am Beurla, co-operation, air neo is dòcha collaboration. Co-obrachadh.
Ged nach robh Sìona ag obair air a seo ann an co-obrachadh le dùthaich eile – in co-operation with another country, ann an co-obrachadh le dùthaich eile, chan i an aon dùthaich a tha air iomairt dhen leithid seo a chur air chois bho chionn ghoirid; an t-seachdain sa chaidh, chuir na h-Iomaratan Arabach Aonaichte soitheach – a craft, soitheach - a dh’ionnsaigh Mars cuideachd. Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte – ann am Beurla, the United Arab Emirates, na h-Iomaratan Arabach Aonaichte.
Mar a chuala sinn aig Derek, tha an t-astar – the distance, an t-astar - eadar An Talamh – sin Earth, An Talamh – agus Mars an còmhnaidh ag atharrachadh, le mar a tha iad a’ cuairteachadh na grèine.
A’ cuairteachadh na grèine; orbiting the sun, a’ cuairteachadh na grèine.
Grèine; seo am facal grian anns a’ chruth ghinideach - the genitive form, an cruth ginideach. Canaidh sinn a’ ghrian, ach, a’ cuairteachadh na grèine, orbiting the sun, gu litearail, at the orbiting of the sun, a’ cuairteachadh na grèine.
Agus mar a dh’inns Derek dhuinn, a-rèir choltais, tha an t-àm seo dhen bhliadhna air leth freagarrach airson iomairt – sin campaign, initiative, air neo anns a’ cho-theacsa seo, mission, iomairt – a chur a dh’ionnsaigh Mars. Cò aig a bha fios?!
Bhuamsa, Eilidh NicLeòid, mar sin leibh.