Aithris Naidheachd na Seachdain 7
Hallò agus fàilt’ oirbh gu Aithris Naidheachd na Seachdain. Bidh na th’ agam dhuibh an-diugh a’ tarraing air sgeulachd a thugadh dhuinn bho chionn ghoirid leis an neach-naidheachd Mìcheal MacNèill.
Mìcheal: Dh’innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh gun deach ceud mìle a bharrachd de luchd-obrach na h-Alba a chur air an sgeama fòrlaidh gus daoine a chumail ann an obair air a’ mhìos a chaidh seachad. Tha na h-àireamhan bho Roinn nan Cusbainn agus nan Cìsean a’ sealltainn gun do dh’iarr faisg air an treasa cuid de luchd-obrach na h-Alba uile gu lèir taic bhon a’ sgeama. Dh’iarr Rùnaire na h-Eaconamaidh aig Riaghaltas na h-Alba air na t-Seansailear an sgeama seo a leudachadh, ’s roinnean fhathast a’ cur feum air.
Anns an aithris aige, dh’inns Mìcheal dhuinn mu fhiosrachadh a thàinig bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte – the Government of the United Kingdom, the U.K. Government, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt Mìcheal na Rìoghachd Aonaichte agus chan e an Rìoghachd Aonaichte a chionn ‘s gu bheil “rìoghachd” na fhacal boireann. Na Rìoghachd Aonaichte.
Seo mar a bhios ainmearan boireann ag obrachadh anns an tuiseal ghinideach - this is how feminine nouns work in the genitive, or possessive case, an tuiseal ginideach. Chan eil e an còmhnaidh furasta obrachadh a-mach an ann boireann no fireann a tha ainmear, ach tha riaghailtean ann – agus ‘s e fear dhiubh seo gu bheil faclan a tha a’ crìochnachadh le “-achd” – sin A.C.H.D. – mar as trice boireann.
Le sin, chanamaid, mar eismpleir: seusan na turasachd – the season of tourism, no ann am Beurla nas pongail, the tourist season, seusan na turasachd. Milleadh na h-àrainneachd – the destruction of the environment, milleadh na h-àrainneachd agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, the Government of the United Kingdom, the UK Government, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Air ais gu aithris Mhìcheil agus dè am fiosrachadh a fhuaireas bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte?
B’ e gun deach ceud mìle a bharrachd de luchd-obrach na h-Alba a chur air an sgeama fòrlaidh, air a’ mhìos a chaidh seachad – in this past month, air a’ mhìos a chaidh seachad.
Ceud mìle a bharrachd – one hundred thousand more, ceud mìle a bharrachd.
Fòrladh – ann am Beurla, leave from work air neo anns a’ cho-theacsa seo, furlough. Fòrladh. Mar a bhiodh dùil, ‘s e facal-iasaid - a loan word, facal-iasaid a th’ ann an fòrladh a thàinig bhon fhacal furlough.
An sgeama fòrlaidh – the furlough scheme, an sgeama fòrlaidh.
Chaidh ceud mìle a bharrachd de luchd-obrach na h-Alba a chur air an sgeama fòrlaidh – a hundred thousand more workers were put on the furlough scheme, an sgeama fòrlaidh.
Mar a dh’inns Mìcheal dhuinn, dh’iarr faisg air an treas cuid de luchd-obrach na h-Alba taic bhon sgeama seo – nearly a third of Scotland’s workers have applied for support through this scheme, faisg air an treas cuid de luchd-obrach na h-Alba.
Cò às a thàinig na figearan seo, ge-tà? Thàinig bho Roinn nan Cusbainn agus nan Cìsean – HM Customs and Revenue, Roinn nan Cusbainn agus nan Cìsean.
Agus a-nis, a-rèir choltais, tha Rùnaire na h-Eacomomaidh ann an Alba, Scotland’s Cabinet Secretary for the Ecomomy, Rùnaire na h-Eacomomaidh ann an Alba air iarraidh air an t-Seansailear – the Chancellor, an Seansailear an sgeama a leudachadh.
Leudaich – ann am Beurla, extend, leudaich. Dh’iarr i air an t-Seansailear an sgeama a leudachadh – she asked the Chancellor to extend the scheme, an sgeama a leudachadh.
Agus, ma tha sibhse air fòrladh tha mi an dòchas nach bi e ro fhada mus bi sibh air ais ag obair!
Bhuamsa, Angela, mar sin leibh.