Aithris Naidheachd na Seachdain 9
Fàilt’ oirbh gu Aithris Naidheachd na Seachdain còmhla riumsa, Eilidh NicLeòid. Tha na th’ agam dhuibh an-diugh stèidhichte air sgeulachd a thugadh dhuinn leis an neach-naidheachd Shona Nic a’ Phiocair.
San fharsaineachd, tha crìonadh air a bhith anns an àireamh de phòsaidhean uile gu lèir ann an Alba. Eadar dà mhìle ’s a h-ochd-deug agus dà mhìle ’s a naoi-deug, bha crìonadh de chòig per cent. Ach airson a’ chiad turas riamh, ann an dà mhìle ’s a naoi-deug, bha barrachd phòsaidhean daonnaire clàraichte san dùthaich na pòsaidhean Crìosdail no pòsaidhean creideimh eile, is Comunn Daonnaire na h-Alba air mothachadh gu bheil barrachd ag aontachadh leis an fheallsanachd aca. A-rèir an fhiosrachaidh as ùire bho Oifis nan Statastaig Nàiseanta, chaidh faisg air sia mìle pòsadh daonnaire a chlàradh ann an dà mhìle ’s a naoi-deug. Fhuair pòsaidhean daonnaire ann an Alba inbhe laghail ann an dà mhìle 's a còig, agus iad air fàs nas cumanta bhon uair sin.
Mar a dh’inns Shona dhuinn, san fharsaingeachd – in general, san fharsaingeachd - tha crìonadh air a bhith anns an àireamh de phòsaidhean uile gu lèir ann an Alba.
Crìonadh – ann am Beurla, decline. Crìonadh.
Uile gu lèir – altogether, air a neo anns a’ cho-theacsa seo, in total. Uile gu lèir.
Tha crìonadh air a bhith anns an àireamh de phòsaidhean uile gu lèir ann an Alba; there’s been a decline in the total number of marriages in Scotland. Tha crìonadh air a bhith anns an àireamh de phòsaidhean uile gu lèir ann an Alba.
Ach mar a chuala sinn, an-uiridh, airson a’ chiad turais riamh, bha barrachd phòsaidhean daonnaire clàraichte – registered, clàraichte - ann an Alba na pòsaidhean Crìosdail no pòsaidhean creidimh eile.
Daonnaire. Ann am Beurla, humanist, daonnaire.
Pòsadh daonnaire – humanist wedding, pòsadh daonnaire.
Bha barrachd phòsaidhean daonnaire na pòsaidhean Crìosdail – Christian weddings, pòsaidhean Crìosdail no pòsaidhean creidimh eile.
Bu chòir do dh’ainmearan iolra a tha a’ leantainn uimhreadairean – sin quantifiers, uimhreadairean - an leithid barrachd, tòrr, mòran, beagan, agus mar sin air adhart a bhith air an sèimheachadh – lenited - air an sèimheachadh. Plurals which follow quantifiers such as barrachd, tòrr, mòran, beagan, and so on should be lenited when possible, bu chòir dhaibh a bhith air an sèimheachadh. Le sin, thuirt Shona barrachd phòsaidhean agus chan e barrachd pòsaidhean. Barrachd phòsaidhean.
Carson a tha barrachd phòsaidhean daonnaire ann a-nise? Uill, tha Comunn Daonnairean na h-Alba – the Scottish Humanist Society, Comunn Daonnairean na h-Alba air mothachadh – they’ve noticed, tha iad air mothachadh, gu bheil barrachd ag aontachadh leis an fheallsanachd aca.
Feallsanachd – philosophy, world-view. Feallsanachd.
Mar a dh’inns Shona dhuinn, chaidh faisg air sia mìle pòsadh daonnaire a chlàradh an-uiridh a-rèir an fhiosrachaidh as ùire bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta – sin the Office for National Statistics, Oifis nan Staitistig Nàiseanta.
A-rèir. Ann am Beurla, tha seo a’ ciallachadh rudeigin mar “according to”. A-rèir. Bu chòir do dh’ainmearan a tha a’ leantainn na h-abairt seo a bhith anns an tuiseil ghinideach – the phrase a-rèir takes the genitive case, an tuiseil ginideach. Le sin, thuirt Shona a-rèir an fhiosrachaidh as ùire, according to the latest information, a-rèir an fhiosrachaidh as ùire, agus chan e a-rèir am fiosrachadh as ùire. A-rèir an fhiosrachaidh as ùire.
Mar a chuala sinn, fhuair pòsaidhean daonnaire inbhe laghail ann an dà mhìle sa còig.
Inbhe – ann am Beurla status, inbhe.
Inbhe laghail – legal status, inbhe laghail.
Fhuair pòsaidhean daonnaire inbhe laghail ann an dà mhìle sa còig agus tha iad air fàs cumanta – they’ve become common, tha iad air fàs cumanta bhon uair sin.
Agus sin e bhuamsa an t-seachdain s'. Mar sin leibh.