Main content

Aithris Naidheachd na Seachdain 10

Hallò agus fàilt’ oirbh gu Aithris Naidheachd Beag air Bheag. Tha an sgeulachd a th’ agam dhuibh an-diugh air a toirt thugainn leis an neach-naidheachd Anne Lundon.

Tha ceannardan boireann air feadh an t-saoghail air dèiligeadh ri staing a’ Choròna-bhìorais nas fheàrr na ceannardan fireann. Sin, a rèir ceann-suidhe Banca na h-Eòrpa, Christine Lagarde. ‘S e beachd a th’ ann a tha cuid eile air cur air adhart, agus dùthchannan leithid a’ Ghearmailt, Innis Tìle, agus an Danmhairg nan eisimpleirean de dh’àiteachan air an ruith le boireannaich, agus a tha, a rèir coltais, air tighinn tron staing, thuige seo, nas fheàrr, na mòran dhùthchannan a th’ air an ruith le fireannaich.

Anne Lundon an siud agus i ag innse dhuinn mu rudeigin a thuirt Christine Lagarde bho chionn ghoirid.

Cò th’ ann an Christine Lagarde? Is ise Ceann-suidhe Banca na h-Eòrpa.

Ceann-suidhe - ann am Beurla, President. Ceann-suidhe.

Ceann-suidhe Banca na h-Eòrpa – the President of the European Central Bank, Ceann-suidhe Banca na h-Eòrpa.

Dè thuirt Christine Lagarde ma-tha? Na beachd-sa, tha ceannardan boireann air dèiligeadh ri staing a’ Choròna-bhìorais nas fheàrr na ceannardan fireann.

Ceannard – ann am Beurla, head, leader, ceannard.

Dèilig ri – ann am Beurla, deal with, dèilig ri.

Tha ceannardan boireann air dèiligeadh ri staing a’ Choròna-bhìorais nas fheàrr na ceannardan fireann – female leaders have dealt better with the Coronavirus crisis than male leaders. Tha ceannardan boireann air dèiligeadh ri staing a’ Choròna-bhìorais nas fheàrr na ceannardan fireann.

A rèir na h-aithris, cha b’ ann a-mhàin air ceannardan boireann anns an Roinn Eòrpa a bha Christine Lagrande a-mach ach ceannardan air feadh an t-saoghail.

Air feadh an t-saoghail - throughout the world, air feadh an t-saoghail. Bu chòir do dh’ainmearan a tha a’ leantainn na h-abairt air feadh, throughout, air feadh, a bhith anns a’ chruth ghinideach - the genitive form, an cruth ginideach. The compound preposition air feadh takes the genitive case, an tuiseal ginideach.

Le sin, canaidh sinn an saoghal – the world, an saoghal – ach air feadh an t-saoghail, throughout the world, air feadh an t-saoghail.

A’ bruidhinn air na thuirt Christine Lagarde, dh’inns Anne dhuinn gur e beachd a th’ ann a tha cuid eile air cur air adhart – it’s a theory that others have also put forward, that others have suggested, ‘s e beachd a th’ ann a tha cuid eile air cur air adhart – agus thug i iomradh air cuid de dhùthchannan an t-saoghail aig a bheil ceannardan boireann; a bheil cuimhn’ agaibh orra?

Dh’ainmich Anne Innis Tìle - Iceland, Innis Tìle, a’ Ghearmailt – Germany, a’ Ghearmailt agus An Danmhairg – Denmark, an Danmhairg.

Tha ceannardan boireann air na dùthchannan seo agus a rèir coltais tha iad air tighinn tron staing, thuige seo, nas fheàrr na mòran dhùthchanan a th’ air an ruith le fireannaich.

A rèir coltais – gu litearail ann am Beurla, according to appearance, a rèir coltais no uaireannan cluinnidh sibh a rèir choltais; ann am Beurla nas puingeil, tha an abairt seo a’ ciallachadh rudeigin mar apparently, air neo is dòcha seemingly. A rèir coltais.

Staing – mar as trice ann am Beurla, tha seo a’ ciallachadh rudeigin mar predicament, ach anns a’ cho-theacsa seo tha a’ bhrìgh nas fhaisg air crisis. Staing.

Thuige seo – up until now, so far. Thuige seo.

Tha na dùthchannan seo a rèir coltais air tighinn tron staing, thuige seo, nas fheàrr na mòran dhùthchannan a tha air an ruith le fireannaich – these countries have seemingly weathered the crisis, up until now, better than many countries which are run by men. Tha iad, a rèir coltais, air tighinn tron staing, thuige seo, nas fheàrr na mòran dhùthchanan a tha air an ruith le fireannaich.

Sin e bhuamsa ma tha. Tha mi an dòchas gun do chòrd Aithris na Seachdain ribh. Mar sin leibh an-dràsta.