Aithris Naidheachd na Seachdain 2
Hallò agus fàilte gu Aithris Naidheachd na Seachdain, còmhla riumsa, Angela NicIllEathain. Tha an sgeulachd a th’ agam dhuibh an-diugh air a toirt thugainn leis an fhear-naidheachd, Seumas Dòmhnallach.
Uill, ‘s e Mòd Nàiseanta Rìoghail Bhiortail air-loidhne a bhios ann am-bliadhna an dèidh dhan a’ Choròna-bhìoras cur as dhan a’ chruinneachadh àbhaisteach a bha gu bhith ann an Inbhir Nis anns an Dàmhair; tha An Comunn Gàidhealach a-nis a’ cur fàilte air clàraidhean bho dhaoine a’ seinn, ri bàrdachd, a’ cluich ionnstramaidean ciùil is eile. Tha Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach, air a’ loidhne an-dràsta. Madainn mhath dhut a Sheumais.
Madainn mhath.
Uill gu h-annasach ged a thàinig oirbh am Mòd traidiseanta, mar gum biodh, a chur dheth am-bliadhna, ‘s ann a tha seo a' dol a thoirt 's dòcha cothrom do fheadhainn nach b’ urrainn pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd.
Tha gu dearbha fhèin. Chan ann a’ feuchainn ri Mòd Nàiseanta Rioghail àbhaisteach a tharraing ri chèile tha seo – ‘s e tha seo ach dreach air-loidhne de Mhòd Nàiseanta. Tha e a' toirt cothrom do dhaoine fhios agad pàirt a ghabhail ann fhathast.
Seadh, agus 's e an rud mu dheidhinn gu bheil nàdar de dhearbhadh ann gu bheil seo ag obair. Tha e air tachairt le mòdan ionadail bho chionn ghoirid an seo.
Seumas Dòmhnallach agus e a’ còmhradh ann an siud ri Seumas eile; b’ esan Àrd-oifigear – the Chief Executive Officer, Àrd-oifigear - a’ Chomuinn Ghàidhealaich. ‘S e An Comunn Gàidhealach a’ bhuidheann a bhios a’ cur a’ Mhòid Nàiseanta air dòigh. Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Bha an dà Sheumas a’ bruidhinn air a’ Mhòd Nàiseanta, the Royal National Mòd, Am Mòd Nàiseanta, a bhios a’ tachairt air-loidhne am-bliadhna an dèidh dhan Choròna-bhìoras cur às dhan chruinneachadh àbhaisteach.
Cuir às do. Ann am Beurla tha seo a’ ciallachadh rudeigin mar kill, do away with air neo, anns a’ cho-theacsa seo, put a stop to, put paid to. Cuir às do.
Às dèidh dhan Choròna-bhìoras cur às dhan chruinneachadh àbhaisteach; after the Coronavirus put a stop to the usual gathering, an cruinneachadh àbhaisteach.
Mar a chuala sinn aig Seumas, bidh An Comunn Gàidhealach a’ cur fàilte air clàraidhean – recordings, clàraidhean bho dhaoine is iad ri bàrdachd no a’ seinn no a’ cluich ionnstramaid ciùil.
Ri bàrdachd. Ma tha thu ri rudeigin, tha thu ga dhèanamh. Le sin ma tha thu ri bàrdachd, tha thu a’ sgrìobhadh – air neo, anns a’ cho-theacsa seo, ag aithris, reciting, ag aithris bàrdachd. Ri bàrdachd.
Agus leis gu bheil An Comunn Gàidhealach cuideachd a’ sireadh chlàraidhean de dhaoine a’ cluich ionnstramaidean ciùil, is dòcha gum faigh iad bhidiothan de cheòladairean, is iad ri pìobaireachd – playing the pipes, ri pìobaireachd no ri fìdhlearachd – playing the fiddle, ri fìdhlearachd, a bharrachd air daoine a tha ri bàrdachd.
Mar a chuala sinn, bidh seo a’ toirt cothrom do dhaoine nach b’ urrainn pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd, ged a thàinig air a’ Chomunn Ghàidhealach am Mòd “traidiseanta” a chur dheth am-bliadhna.
Thàinig air a’ Chomunn Ghàidhealach – an Comunn Gàidhealach had to, thàinig air a’ Chomunn Ghàidhealach. Air neo mar a thuirt Seumas Dòmhnallach fhèin ged a thàinig oirbh am Mòd “traidiseanta”, mar gum biodh, a chur dheth – although you had to cancel the “traditional” Mòd, as it were, this year.
Thàinig oirbh – you, plural, had to. Thàinig oirbh.
Agus cluinnear cuideachd thàinig orm – I had to, thàinig orm, thàinig ort – you had to, thàinig ort, agus mar sin air adhart.
Agus sin e bhuamsa an t-seachdain sa; tha mi an dòchas gun do lean sibh an leasan seo agus nach tàinig oirbh a dhol gu faclair ro thric! Bhuamsa, Angela, mar sin leibh.