Main content

Aithris Naidheachd na Seachdain 4

Hallò agus fàilt’ oirbh gu Aithris Naidheachd na Seachdain còmhla riumsa, Angela. Tha na th’ agam dhuibh an-diugh stèidhichte air sgeulachd a chaidh a thoirt thugainn leis an neach-naidheachd Derek MacAoidh bho chionn ghoirid.

Bidh cothrom aig daoine tadhal air luchd-còmhnaidh ann an dachaighean cùraim na h-Alba a-rithist seachdain bho màireach. Bidh aig daoine ri riaghailtean teann a leantainn, ge-tà, ‘s cha bhi ach aon duine ainmichte ceadaichte tadhal air aon duine aig àm sam bith. Sin mar dhòigh air dìon a dhèanamh air na dachaighean cùraim fhathast bho choròna-bhìoras. Tha iad air fulang gu mòr bho nochd an galair, ’s barrachd dhaoine air bàsachadh annta ri lìnn a’ bhìorais na ann an ospadalan eile na h-Alba. Thuirt rùnaire na slàinte Jeane Freeman gu robh tadhal a-rithist air a cheadachadh leis an adhartas a rinneadh ann a bhith cumail a’ bhìorais fo smachd.

Mar a chuala sinn bho Derek, chaidh innse dhuinn gum biodh cothrom aig daoine tadhal air luchd-còmhnaidh ann an dachaighean cùraim.

Luchd-còmhnaidh; ann am Beurla, residents. Luchd-còmhnaidh.

Dachaighean cùraim – care homes, dachaighean cùraim.

Bha cead gu bhith aig daoine tadhal air luchd-còmhnaidh ann an dachaighean cùraim – ach mar a chuala sinn, bhiodh aig daoine ri riaghailtean teann – strict rules, riaghailtean teann – a leantainn.

Tha aig daoine ri - people have to, tha aig daoine ri... Agus cluinnear cuideachd, tha agam ri... I have to, tha agam ri..., tha agad ri... you have to, tha agad ri... agus mar sin air adhart.

Bidh aig daoine ri riaghailtean teann a leantainn – people will have to follow strict rules, bidh aig daoine ri riaghailtean teann a leantainn.

Chan e a-mhàin gum feumadh daoine riaghailtean teann a leantainn ach cha bhiodh ach aon duine aithnichte – one known person, aon duine aithnichte - ceadaichte tadhal air aon duine aig àm sam bith.

Ceadaichte. Tha am facal seo co-cheangailte ris an ainmear cead – permission, cead. Ceadaichte. Ann am Beurla, tha seo a’ ciallachadh rudeigin mar allowed, permitted, ceadaichte.

Agus anns a’ phìos aig Derek, chuala sinn dòigh eile air allowed no permitted, a ràdh. Dh’inns e dhuinn gu robh Rùnaire na Slàinte, the health secretary, Rùnaire na Slàinte Jeane Freeman air a ràdh gu robh tadhal a-nis air a cheadachadh. Air a cheadachadh – tha seo a’ ciallachadh permitted. Air a cheadachadh. Tha tadhal ceadaichte air neo tha tadhal air a cheadachadh – visting is allowed. Ceadaichte air neo air a cheadachadh. Anns an aon dòigh, canaidh sinn, mar eisimpleir: sgrìobhte air neo air a sgrìobhadh – written. Sgrìobhte air neo air a sgrìobhadh. Dèanta air neo air a dhèanamh – done, made. Dèanta air neo air a dhèanamh. Agus mar sin air adhart.

Air ais gu aithris Derek - agus carson a tha aig daoine ri riaghailtean teann a leantainn? Airson na dachaighean cùraim a dhìon – to protect the care homes, airson na dachaighean cùraim a dhìon agus iad air fulang cho mòr ri linn a’ choròna-bhìorais.

Ri linn. Tha seo a’ ciallachadh rudeigin mar because of - air neo as a result of. Ri linn. Tha na dachaighean cùraim air fulang cho mòr ri linn a’ bhìorais – they’ve suffered so much because of the virus, ri linn a’ bhìorais.

Carson ma tha a tha Rùnaire na Slàinte air tadhal air dachaighean cùraim a cheadachadh a-nis? Tha ri linn an adhartais a rinneadh, because of the progress which was made, ri linn an adhartais a rinneadh ann a bhith a’ cumail a’ bhìorais fo smachd – under control, fo smachd.

Agus gu dearbha, bidh sinn uile an dòchas gum bi a’ bhìoras air a chumail fo smachd bho seo a-mach.