Main content

Aithris Naidheachd na Seachdain 1

Hallò agus fàilte gu Aithris Naidheachd na seachdain, còmhla riumsa, Angela NicIllEathain. Tha an sgeulachd a th’ agam an-diugh air a toirt thugainn leis an fhear-naidheachd, Derek MacAoidh.

Tha rùnaire gnothachais na Rìoghachd Aonaichte, Alok Sharma, ga chumail fhèin ann an iomalachd le dragh gu bheil Coròna-bhìoras air, às dèidh dha fàs meadhanach ann na Taigh nan Cùmantan an-dè. Bha Maighstir Sharma gu follaiseach mi-chòmhartail is e a' bruidhinn bho phrìomh bheing a’ Riaghaltais. Tha seo air dragh a chur air feadhainn mu mar a thathas a’ toirt air buill cruinneachadh anns a’ Phàrlamaid a-rithist airson deasbadan agus bhòtadh.

Derek MacAoidh agus e ag innse dhuinn bho chionn ghoirid mu Alok Sharma. Ach cò a th’ ann an Alok Sharma? Mar a chuala sinn, is esan Rùnaire Gnothachais na Rìoghachd Aonaichte.

Rùnaire Gnothachais. Ann am Beurla, Business Secretary. Rùnaire Gnothachais.

Rùnaire – secretary, rùnaire.

Gnothachas – business, gnothachas.

Rùnaire Gnothachais.

Ach carson a bha Alok Sharma, Rùnaire Gnothachais na Rìoghachd Aonaichte – sin the United Kingdom, An Rìoghachd Aonaichte - anns na naidheachdan?

A chionn ‘s gu robh e ga chumail fhèin ann an iomalachd.

Ga chumail fhèin. Ann am Beurla, keeping himself, ga chumail fhèin. Nam biodh sinn a’ bruidhinn air boireannach, chanadh sinn ga cumail fhèin, keeping herself, ga cumail fhèin.

Ga chumail fhèin agus ga cumail fhèin. Agus cluinnear cuideachd ga mo chumail fhèin – keeping myself, ga mo chumail fhèin, ga do chumail fhèin – keeping yourself, ga do chumail fhèin agus mar sin air adhart.

Ach càit’ an robh Alok Sharma ga chumail fhèin? Bha e ga chumail fhèin ann an iomallachd.

Ann an iomallachd. Abairt fheumail aig an àm seo agus buaidh fhathast aig a’ choròna-bhìoras air ar beatha.

Tha am facal iomallachd a’ ciallachadh rudeigin mar remoteness ann am Beurla – neo, anns a’ cho-theacsa seo, isolation. Iomallachd.

Bha Alok Sharma ga chumail fhèin ann an iomallachd – ann am Beurla keeping himself in isolation neo mar as tric a chluinnear, self-isolating. Ga chumail fhèin ann an iomallachd.

Cuin a thòisich Alok Sharma ga chumail fhèin ann an iomallachd? Thòisich an dèidh dha fàs meadhanach ann an Taigh nan Cumantan – the House of Commons, Taigh nan Cumantan.

Meadhanach. Cluinnear am facal seo gu tric agus buadhaire na chois. The word meadhanach often precedes an adjective in Gaelic. Mar eisimpleir:

Meadhanach math: reasonably good, meadhanach math.

Meadhanach furasta: fairly easy, meadhanach furasta.

Ach tha a’ bhrìgh a th’ aig meadhanach ann an seo cuideachd cumanta; sin unwell air neo is dòcha, poorly. Meadhanach. An dèidh dha fàs meadhanach. After becoming ill, after he became ill. An dèidh dha fàs meadhanach.

A-rèir aithris Derek, bha Maighstir Sharma gu follaiseach mi-chofhurtail – he was visibly uncomfortable, bha e gu follaiseach mi-chofhurtail - agus e a’ bruidhinn bho phrìomh bheing an Riaghaltais.

Prìomh bheing an Riaghaltais. Ann am Beurla, the Government front bench, prìomh bheing an Riaghaltais.

Being – air neo beingidh, mar a chanas cuid; bench. Being, no beingidh.

Riaghaltas – ann am Beurla, government, riaghaltas.

Prìomh bheing – no prìomh bheingidh an Riaghaltais.

Ach mar a tha fios againn a-nis, gu fortanach cha robh an coròna-bhìoras air Alok Sharma!

Sin na th’ agam dhuibh an-diugh. Chun an ath thurais bhuamsa, Angela, mar sin leibh.