Main content

Aithris Naidheachd na Seachdain 6

Fàilt’ oirbh chun na h-aithris naidheachd. Chaidh an sgeulachd a th’ agam dhuibh an-diugh a thoirt thugainn leis an neach-naidheachd Dòmhnall Moireasdan agus an neach-aithris poilitigeach, Anna NicLeòid.

Seumas: Cha bhi “Viva Espana” ann do mhuinntir na h-Alba dol air saor-làithean dhan a’ Spàinn – sin mur a h-eil iad deònach a dhol ann an quarantine cola-deug nuair a thilleas iad dhachaigh – agus tha na h-uimhir a chonnspaid mun a sin.

Anna: Tha – tha liosta de leth-cheud dùthaich ’s a naoi aig Riaghaltas Bhreatainn ’s faodaidh daoine siubhal an sin ‘s cha leig iad a leas a dhol ann an quarantine nuair a thilleas iad. Tha dà dhùthaich air a’ liosta tha sin nach eil air liosta Riaghaltas na h-Alba – sin Serbia agus an Spàinn. Uill tha fios againn g’ eil an t-uabhas dhaoine a’ taghadh a dhol dhan a’ Spàinn a h-uile bliadhna, agus ’s e buille a th’ anns an naidheachd tha seo dhaibhsan.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gu bheil a’ bhìoras fhathast gu math nas bitheanta anns an Spàinn na tha e ann na Alba agus ‘s e ceum a bha seo, air dhòigh, thuirt i, airson an dùthaich a dhìon, bho shuail eile dhan a’ bhìoras anns na seachdainean a tha ri thighinn.

Mar a dh’inns Dòmhnall dhuinn, feumaidh duine sam bith ann an Alba a tha ag iarraidh siubhal dhan Spàinn a dhol ann an quarantine airson cola-deug – a fortnight, cola-deug - nuair a thilleas iad. Agus mar a thuirt e, tha na h-uimhir a chonnspaid mun a sin. Connspaid – ann am Beurla, controversy. Connspaid. Tha na h-uimhir a chonnspaid mun a sin – there’s a great deal of controversy about that, tha na h-uimhir a chonnspaid mun a sin.

Mar a dh’inns Anna dhuinn, tha liosta aig Riaghaltas Bhreatainn – the British Government, Riaghaltas Bhreatainn - de leth-cheud dùthaich ’s a naoi – fifty-nine countries, leth-cheud dùthaich sa naoi - agus faodaidh daoine siubhal dha na dùthchannan sin agus cha leig iad leas a dhol ann an quarantine nuair a thilleas iad.

Cha leig iad leas – they don’t have to, cha leig iad leas. Neo cha leig iad a leas a dhol ann an quarantine nuair a thilleas iad.

Ach mar a dh’inns Anna dhuinn, tha dà dhùthaich ann nach eil air an liosta aig Riaghaltas na h-Alba; is iad sin Serbia agus an Spàinn – Spain, an Spàinn.

Mar a chuir Anna nar cuimhne, bidh an t-uamhas dhaoine a’ dol dhan Spàinn gach bliadhna – le sin, ‘s e buille a th’ ann dhaibh – it’s a blow to them, ‘s e buille a th’ ann dhaibh.

An t-uabhas – an awful lot, an t-uabhas. Nuair a tha ainmear an cois na h-abairt seo, bu chòir dha a bhith air a shèimheachadh – nouns with this phrase should be lenited, when possible. Le sin, thuirt Anna an t-uabhas dhaoine – an awful lot of people, an t-uabhas dhaoine.

Mar a dh’inns Anna dhuinn cuideachd, a-rèir a’ Phrìomh Mhinisteir – the First Minister, am Prìomh Mhinistear, tha am bhìoras nas bitheanta san Spàinn – it’s more prevelant in Spain, tha e nas bitheanta san Spàinn na tha e ann an Alba. Le sin, ghabhadh an ceum seo airson an dùthaich a dhìon – to protect the country, airson an dùthaich a dhìon bho shuail eile dhen bhìoras.

Suail – ann am Beurla, swell of the sea, suail. Ach ‘s e a’ bhrìgh a th’ aige an seo, wave. Suail eile dhen bhìoras, another, a second wave of the virus, suail eile dhen bhìoras.

Uill, tha mi ’n dòchas nach robh sibh fhèin an dùil a dhol dhan Spàinn air ur saor-làithean agus ma tha, gun cùm sibh sib’ fhèin sàbhailt'! Bhuamsa, Angela, mar sin leibh.