Main content

Aithris Naidheachd na Seachdain 5

Hallò agus fàilt’ oirbh gu aithris naidheachd na seachdain, còmhla riumsa, Angela. Tha an sgeulachd a th’ agam dhuibh an-diugh air a toirt thugainn leis an neach-naidheachd Derek MacAoidh, agus an-diugh tha e gar toirt dha na Stàitean Aonaichte – the United States, na Stàitean Aonaichte.

Chaidh còrr is leth-cheud ‘s a dhà mìle cùis ùr de choròna-bhìoras a dhearbhadh anns na Stàitean Aonaichte anns na ceithir uairean fichead mu dheireadh, sin barrachd na ann an aon latha eile chun a seo. Tha an t-àrd-eòlaiche aig an riaghaltas an sin air galairean, an Dotair Anthony Fauci ag ràdh nach robh iad luath gu leòr a bhith cur riaghailtean an sàs a chuireadh maill air a’ bhìoras.

Dh’inns Derek dhuinn gun deach còrr is leth-cheud mìle cùis dhen choròna-bhìoras a dhearbhadh anns na ceithir uairean fichead mu dheireadh, in the last twenty four hours, anns na ceithir uairean fichead mu dheireadh sna Stàitean Aonaichte.

Còrr is... Ann am Beurla, more than. Còrr is. Còrr is leth-cheud ’s a dhà mìle cùis ùr de choròna-bhìoras. More than fifty two thousand cases of coronavirus, còrr is leth cheud ’s a dhà mìle cùis.

Cùis – ann am Beurla, case, cùis.

Mìle cùis – a thousand cases, mìle cùis.

Mìle. Nuair a tha ainmear a’ leantainn na h-aireimh seo, bidh e an còmhnaidh sa chruth shingilte. Any noun following the number one thousand – mìle - in Gaelic will always be in the singular form. Le sin, thuirt Derek mìle cùis agus chan e mìle cùisean. Mìle cùis.

Bidh an aon rud a’ tachairt le corra àireamh eile – nam measg fichead agus ceud. Mar sin, canaidh sinn mar eisimpleir, fichead duine – twenty people, fichead duine - agus chan e fichead daoine. Ceud taigh – a hundred houses, ceud taigh agus chan e ceud taighean. Fichead duine, ceud taigh agus mìle cùis.

Ach cha b’ ann air mìle cùis dhen chòrona-bhìoras a bha Derek a-mach an seo ach leth-cheud ’s a dhà mìle cùis – ann am Beurla, fifty two thousand cases, leth-cheud ’s a dhà mìle cùis de choròna-bhìoras a chaidh a dhearbhadh sna Stàitean Aonaichte.

Dearbh – ann am Beurla, prove, air neo anns a’ cho-theacsa seo, confirm. Dearbh. Chaidh còrr is leth-cheud ’s a dhà mìle cùis a dhearbhadh – over fifty two thousand cases were confirmed, chaidh còrr is leth-cheud ’s a dhà mìle cùis a dhearbhadh.

Ach carson a chaidh uiread de chùisean dhen choròna-bhìoras a dhearbhadh anns na ceithir uairean fichead mu dheireadh? Tha beachd aig an Dotair Anthony Fauci. Is esan an t-àrd-eòlaiche aig an riaghaltas air galairean.

Àrd-eòlaiche – a leading expert, àrd-eòlaiche.

Riaghaltas – government, riaghaltas.

An t-àrd-eòlaiche aig an riaghaltas air galairean – the government’s leading expert on diseases – galairean. An t-àrd-eòlaiche aig an riaghaltas air galairean.

A-rèir an Dotair Anthony Fauci, carson a bha uiread de chùisean ùra dhen choròna-bhìoras ann? Na bheachd-san, cha robh iad luath gu leòr ann a bhith a’ cur riaghailtean – rules, riaghailtean an sàs a chuireadh maill air a’ bhìoras.

Cuir an sàs. Ann am Beurla, tha seo a’ ciallachadh rudeigin mar implement, air neo is dòcha put in place. Cuir an sàs.

Chuireadh riaghailtean an sàs – rules were put in place, chuireadh riaghailtean an sàs.

Maill – ann am Beurla, delay, impediment, maill.

Cuir maill air – to delay, to slow down, cuir maill air.

Cha robh iad luath gu leòr ann a bhith a’ cur riaghailtean an sàs a chuireadh maill air a’ bhìoras – they weren’t quick enough in putting rules in place that would hold back the virus, that would slow the spread of the virus, a chuireadh maill air a’ bhìoras.

Agus sin na th‘ agam dhuibh an-diugh – chun an ath thurais, beannachd leibh.