Aithris Naidheachd na Seachdain 3
Hallò agus fàilt’ oirbh gu Aithris Naidheachd na Seachdain, còmhla riumsa, Angela NicIllEathain. Thug an neach-naidheachd Mìcheal MacNèill an sgeulachd a th' agam dhuibh an-diugh dhuinn goirid mus deach riaghailtean an lockdown a lagachadh beagan ann an Alba. Seo Mìcheal.
Chan e tilleadh chun an àbhaist a thèid fhoillseachadh leis a’ phrìomh mhinistear an-diugh ach 's e bhios ann ach gluasad mean air mhean gus lockdown a thogail. Am measg nan atharrachaidhean a dh’fhaodadh tachairt sa bhad ri linn na thèid fhoillseachadh leatha, tha cead a thoirt do dhaoine coinneachadh ri barrachd air aon teaghlach air taobh a-muigh an taighe, fhad ’s a thathar a’ cumail ri riaghailtean astarachadh sòisealta.
Thathar an dùil gun tèid cead a thoirt do bhùithtean air àrd-sràidean na h-Alba fosgladh aig deireadh na mìos, seo fhad ’s a bhios casg fhathast air ionadan bhùithtean a bhith fosgladh.
Bidh cead ga thoirt do phòsaidhean a dhol air adhart ach a-rithist, air a’ bhlàr a-muigh agus cha bhi cead aig mòran dhaoine a bhith an làthair aig leithid a thachartasan.
Bha Mìcheal ag aithris an siud, goirid mus tug Prìomh Mhinistear na h-Alba – Scotland’s First Minister, Prìomh Mhinistear na h-Alba - Nicola Sturgeon, òraid sin address, speech, òraid seachad agus i gu bhith ag innse mun an ath cheum do dh’Alba air an rathad a-mach à lockdown.
Mar a chuala sinn aig Mìcheal, 's e gluasad mean air mhean a tha gu bhith ann.
Mean air mhean – seo abairt aig a bheil an aon bhrìgh ri Beag air Bheag! Ann am Beurla little by little, gradual. Mean air mhean. 'S e gluasad mean air mhean a bha gu bhith ann – ach bha cuid do na h-atharrachaidhean a’ dol a thachairt anns a’ bhad – right away, anns a’ bhad.
Mar eisimpleir, bhathar an dùil, it was expected, bhathar an dùil gum biodh cead aig daoine coinneachadh ri barrachd air aon teaghlach air taobh a-muigh an taighe - outside no out of their homes - air taobh a-muigh an taighe - fhad ’s a chumadh iad ri raghailtean astarachadh sòisealta. Astarachadh sòisealta. Social distancing. Astarachadh sòisealta.
Bhathar an dùil cuideachd gum biodh cead aig bùithtean air àrd-sràidean na h-Alba, on Scotland’s high streets, air àrd-sràidean na h-Alba fosgladh a-rithist – fhad ’s a bhiodh casg fhathast air ionadan bhùithtean – shopping centres, ionadan bhùithtean a bhith fosgladh.
Casg – a stop, a ban. Casg. Bhiodh casg air ionadan bhùithtean a bhith fosgladh – shopping centres would be banned from opening, bhiodh casg air ionadan bhùithtean a bhith fosgladh.
Thuirt Mìcheal ionadan bhùithtean agus chan e ionadan bùithtean. Carson? Uill, nuair a bhios ainmear iolra, a plural noun, ainmear iolra anns an tuiseal ghinideach, in the possessive or genitive case, anns an tuiseal ghinideach, bu chòir dha a bhith air a shèimheachadh ma ghabhas sin a dhèanamh. Genitive plural nouns should be lenited if possible. Le sin, canaidh sinn, mar eisimpleir, ionad bhùithtean, a shopping centre, ionad bhùithtean, pàirce chàraichean – a car park, pàirce chàraichean, bùth shiùcairean, a sweet shop, bùth shiùcairean agus mar sin air adhart.
Air ais chun an aithris aig Mìcheal, agus dh’innis e dhuinn gum biodh cead aig pòsaidhean, weddings, pòsaidhean a dhol air adhart a-rithist ach dìreach air a’ bhlàr a-muigh - agus nach biodh cead aig mòran dhaoine a bhith an làthair.
Air a’ bhlàr a-muigh. Ann am Beurla outdoors. Air a’ bhlàr a-muigh.
An làthair – present, in attendance, an làthair. Deagh naidheachd do dhuine sam bith a tha an dùil pòsadh!
Bidh tuilleadh agam dhuibh an-ath-sheachdain ach an-dràsta bhuamsa, Angela, mar sin leibh.