Main content

Ceistean ann an Loch Abar

Bho chionn 17 bliadhna bha Loch Abar aig cridhe saoghal na h-iomain anns a h-uile dòigh.

Chaidh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd 2005 air adhart aig an Àird is an Gearasdan a' dol an aghaidh Cill Mhàilidh, a' chiad turas a bha na nàimhdean ionadail air coinneachadh sa chuairt dheireannaich.

B' e deagh là Abrach a bh' ann cuideachd is an dìle ann bho thòiseach gu deireadh.

Air a' cheann thall 's iad an Gearasdan a rinn a' chùis 3-2 le tadhal anmoch bho James Clark, a dh'innis dha na meadhanan às dèidh làimh is e bog bàite ach air a dhòigh gun robh seo cho mòr ri Rangers is Celtic 'son muinntir Loch Abair.

Nas motha fiù 's, chanadh cuid.

Bha prìomh dhuais iomain nam ban ann an Loch Abar ann an 2005 cuideachd is Gleann Garadh air Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh, rud a rinn iad tric ann am bliadhnaichean tràth an 21mh linn.

Cha bu chòir sgioba Loch Abair fhèin a dhìochuimhneachadh nas motha. Ann an 2004 bha iadsan air saoghal na h-iomain a chur bun os cionn nuair a chuir iad Ceann a' Ghiuthsaich a-mach à Cupa na Camanachd 5-4 ann an Drochaid an Aonachain, a' chiad turas a bha Kings air geama a chall ann an Cupa na Camanachd bho 1996.

Trì sgiobaidhean tàlantach faisg air a' chèile ann an iomain nam fear is an sgioba as fheàrr ann an iomain nam ban, is a h-uile coltas ann gun robh linn soirbheachail an dàn do chlubaichean Loch Abair.

Duaisean

Gu ìre 's e sin a thachair. Bha an Gearasdan gu h-àraidh am measg nan duaisean is iad a' togail Chupa na Camanachd a-rithist ann an 2007, 2008, 2009 is 2010.

Bha Cill Mhàilidh is Loch Abar gu cunbhalach sa Phrìomh Lìog is iad a' nochdadh ann an cuairtean deireannach cuideachd.

Is nuair a thuit Gleann Garadh air falbh às dèidh dhaibh prìomh dhuaisean iomain nam ban a chàrnadh, nochd an uairsin Loch Abar aig àrd-ìre.

Tha an linn soirbheachail sin seachad.

Thàinig dearbhadh Disathairne gu bheil an Gearasdan air tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog còmhla ri Cill Mhàilidh. Bidh an dà sgioba san Lìog Nàiseanta an ath-sheusan còmhla ri Loch Abar, a bha air a dhol sìos ann an 2019.

Ann an iomain nam ban tha sia bliadhna ann a-nise bho bhuannaich Loch Abar Cupa Valerie Fhriseil is Bàideanach is na Sgitheanaich air leum seachad orra. Chan eil Gleann Garadh tuilleadh aig àrd-ìre.

Ann an spòrs mar iomain a tha gu ìre mhòir stèidhichte ann an coimhearnsnachdan dùthchail bidh linntean soirbheachail a' tighinn is a' falbh mar a thèid na ginealachdan seachad.

Nach cuala sinn Ceann a' Ghiuthsaich fhèin ag ràdh nuair a thog iad an Grand Slam am-bliadhna nach robh ann ach beagan bhliadhnaichean bho theab iad tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog.

Ach sin ann no às, 's e buille mhòr a tha seo do Loch Abar, mar a mhìnich fear a tha mion-eòlach air an sgìre is air an iomain.

"Tha sinn eòlach gu leòr ma thèid tomhas a dhèanamh air càite bheil no càite robh camanachd làidir, chuireadh na sgìrean leithid Bhàideanach, Inbhir Nis, an Iar Thuath is an uair sin Loch Abar is Earra-Ghàidheal am measg nan coimhearsnachdan sin", thuirt an Dtr Ùisdean MacIllinnein.

"Tha sgiobaidhean a' dol suas is sìos ach 's e rud gu math neònach a th' ann ann an aon dòigh ach gu math cudromach ann an dòigh eile gu bheil na trì air a dhol sìos aig an aon ìre", thuirt e.

Coimhearsnachd

A rèir an Dr MhicIllinnein, tha na tha air tachairt na shamhla air mar a tha an sgìre san fharsaingeachd ag atharrachadh.

"Tha a' choimhearsnachd fhèin air atharrachadh, tha ginealach ùr a' tighinn troimhe fhathast agus tha na sgiobaidhean air a bhith an eisimeil grunn dhaoine - tha an Gearasdan is Cill Mhàilidh air a bhith an eisimeil grunn dhaoine a tha a-nise suas ann am bliadhnaichean is tha sinn air cuid dhiubh a chall gu mì-fhortanach.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e turchartas a th' ann ann an dòigh gu bheil an dà sgioba air fulang aig an aon àm is tha iad air fulang le dìth taic comataidhean is dìth dhaoine, ach tha mi a' smaoineachadh gur e rud bunaiteach a th' ann gu bheil a' choimhearsnachd air atharrachadh gu buileach is chan urrainn dhaibh na sgiobaidhean camanachd a chumail a' dol mar a chleachd", thuirt e.

Tha sin a' togail na ceist a bheil e comasach do sgiobaidhean Loch Abair iad fhèin a thogail gu àrd-ìre às ùr.

Thog an Dr MacIllinnein air mar a tha an saoghal air atharrachadh is prìomhachasan eile aig daoine is cur-seachadan eile aig òigridh gu h-àraidh.

A' coimhead ris a' Ghearasdan, Cill Mhàilidh is Loch Abar gu sònraichte, tha e ag ràdh nach eil cinnt idir ann gun till na clubaichean uile gu àrd-ìre a' chiad ghreis, is gur e dèiligeadh ris na dùbhlain far na pàirce an rud as cudromaiche.

Ma thachras sin, tha e a' dèanamh dheth gur dòcha gin tig feum fhathast às an t-suidheachadh a th' ann.

"Ma thèid aca air comataidhean is taic a chur air dòigh a chumas sgiobaidhean air a' phàirc, tha mi a' smaoineachadh gum faodadh an fharpais a bhith feumail dhaibh is gun toir e air adhart 's dòcha a dhà de na trì", thuirt e.

/naidheachdan/63472671