Ceann a' Ghiùthsaich a' togail Chupa na Camanachd
Thìll Ceann a' Ghiùthsaich bho bhith air dheireadh dà thuras an aghaidh Lòbhat airson Cupa na Camanachd 2024 a thogail.
Ged a fhuair Danny Kelly agus Fraser Heath tadhail do Lòbhat, bha dà thadhal bho Dylan Borthwick agus fear bho Chammie Bremnar gu leòr airson an treasamh cupa dhen t-seusan fhaighinn dha Kings.
Chrìochnaich an geama le dìreach 22 cluicheadairean air a' phàirce, le cluicheadair bho gach sgioba a' faighinn cairt dhearg.
Às dèidh do Cheann a' Ghiùthsaich Cupa MhicAmhlaigh agus Cupa MhicThàmhais a thogail mar tha air an t-seusan sa chan eil feum aca a-nis ach air dà phuing son na Prìomh Lìog agus grand slam eile a bhuannachadh.
Toiseach a' gheama
Ged a bha cothrom no dhà aig an dà sgioba cha robh cus aig an dà neach-glèidhidh ri dhèanamh sa chiad deich mionaidean.
Dh'fhaodadh gun do dhùisg an cluicheadair-aghaidh aig Ceann a' Ghiùthsaich, Savio Genini, an geam ge-tà is e a' tionndadh sa bhogsa agus a' lasadh oidhirp chruaidh air an tadhal a chaidh a shàbhaladh le Stuart Dòmhnallach.
Ach b' ann aig taobh eile na pàirce a thàinig a' chiad tadhal le Danny Kelly a' cur Lòbhat air thoiseach bho astar.
Cha robh an luchd-taic aig Lòbhat aig taobh na pàirce a' dèanamh gàirdeachais airson mòran a bharrachd air mionaid nuair a chaidh stad a chuir orra.
Cò eile ach Dylan Borthwick a' faighinn an t-siathamh tadhal aige dhen fharpais.
Lòbhat gun stad
Mu dheich mionaidean às dèidh dha Borthwick an geama fhaighinn co-ionnann b' e cothrom Fraser Heath a bh' ann oidhirp bho astar fheuchainn air tadhal Bob MhicGriogair.
Agus abair oidhirp a bh' ann - am bàlla a' dol àrd a-steach dhan lìon.
Gun cheist sam bith bha Lòbhat a' sealltainn misneachd, miann agus comas sa chuairt dheireannach seo.
Ro leth-ùine
Chan eil teagamh ann mun tàlant ann an sgioba Chinn a' Ghiùthsaich nas motha ge-tà.
Thòisich iad a' cur barrachd is barrachd cuideam air loidhne-dìon Lòbhat agus bhrist iad troimhe airson an darna turas.
Am bàlla air a chur a-steach a bhogsa Lòbhat far an robh Cammie Bremnar le rùm mun cuairt air agus chuir esan am balla gu sgiobalta, ìosal, seachad air Stuart Dòmhnallach.
Dylan Borthwick
Tha Dylan Borthwick air grunn tadhail chudromach fhaighinn air an t-seusan seo ach dh'fhaodadh gun tàinig am fear as cudromaiche trì mionaidean a-steach dhan dàrna leth.
An dàrna thadhal aige dhen gheama airson Kings a chur air thoiseach airson a' chiad turas agus e a-niste le 40 tadhail anns na farpaisean gu lèir air an t-seusan seo.
Cha b' e sin deireadh an dràma sa chuairt dheireannach.
Bha e follaiseach gun robh Lòbhat a' feuchainn ri tadhail fhaighinn bho astar.
Bha deagh oidhirpean aig MacLachlainn agus MacMhathain dhaibh ach cha do lorg iad an tadhal.
Dà chairt dhearg
Thug droch ionnsaigh sa bhogsa aig Lòbhat cothrom dha Borthwick an ceathramh tadhal aige fhaighinn ach chaidh am buille-peanais a shàbhaladh leis an Dòmhnallach airson an sgòr a chumail aig 3-2.
Dh'fhàs an geam car sradagach an uairsin.
Thug Cammie Bremner slaic air Calum Crudden às dèidh dha Crudden seasamh air a chas, ach 's e Bremner a-mhàin a chaidh a pheanasachadh agus a chaidh a chur far na pàirce.
Le beagan nas lugha na deich mionaidean air fhàgail air a' ghleoc, chaidh Lòbhat sìos gu 11 cuideachd.
An turas seo, Fraser Heath a' fhaighinn chairt dhearg airson slaic chunnartach air druim Zander Michie a bh' air an talamh.
Crìoch a' gheama
Dh'aidich manaidsear Lòbhat, Jamie MacMathain, gun do shàbhal e cuid dhe na cluicheadairean aige anns na geamaichean eile aca airson na cuairt-dheireannaich.
Cha mhòr nach do dh'obraich am plana aige agus an sgioba gun stad airson a' gheama air fad.
Ach cha do sguir sgioba Iain Borthwick nas motha agus bha na trì tadhail aca gu leòr airson an cupa a thogail airson an 26mh uair.
Mus do thog Calum Grannd, sgiobair Kings, Cupa na Camanachd air beulaibh an luchd-taic aca, chaidh bonn Albert Mhic a' Ghobhainn, a thoirt do Ruairidh MacAnndrais.
Tha Kings air Cupa MhicThàmhais, Cupa MhicAmhlaigh agus Cupa na Camanachd a choisinn air an t-seusan seo.
Agus le ceithir geamaichean aca ri chluich san lìog, bidh aire Chinn a' Ghìuthsaich a-niste a' tionndadh gu bhith a' faighinn an dà phuing a tha a dhìth orra airson na lìog agus an grand slam a bhuannachadh.