Alba v Ronaldo & caraidean
An t-seann duan aig an t-seann phrìs.
Sin sgeulachd na h-oidhche uair eile do sgioba nàiseanta na h-Alba agus iad a’ call ri Croatia ann an Zagreb Disathairne.
Dh’fhaodadh nach e trì puingean a’ thogail an dùbhlan as motha air beulaibh Steve Clarke, ach an dòigh smaoineachaidh a tha sin atharrachadh.
Cha ghabh na h-àireamhan san droch shreath seo a sheachnadh.
Aona gheama air a bhuannachadh ann an 15 a-nise.
Tha còrr air bliadhna ann bho bhuannaich iad geama farpaiseach, agus iad ag aindeoin thadhail fhathast.
Tha boillsgeadh dòchais air a bhith anns na geamannan mu dheireadh ge ta.
Ged a tha iad fhathast gun phuing ann an Lìog nan Nàiseanan, tha iad air sealladh nas fheàrr a thoirt seachad air an cuid chomasan an aghaidh feadhainn de na sgiobaidhean as fheàrr san fharpais.
Feumar an dearbh rud a dhèanamh Dimàirt a-rithist agus aon de na rionnagan as motha riamh san spòrs aig baile.
Bi aire a mhòr-shluaigh a-nochd air aon duine: Cristiano Ronaldo.
Fuamhaire saoghal a-bhuill-coise.
Chan eil sin na iongnadh nuair a thig e gu fear a tha air duais am Ballon d’Or a bhuannachadh còig tursan.
Tha e air barrachd gheamannan a chluiche aig ìre eadar-nàiseanta na duine sam bith eile (215).
‘S ann aigeasan cuideachd a tha an àireamh thàdhail as motha, chan e mhàin aig ìre eadar-nàiseanta, ach ann am ball-coise san fharsaingeachd.
Fhuair e àireamh 906 na dhreuchd-cluiche an aghaidh a’ Phòlainn oidhche Shathairne.
Fiù's ged a tha e a-nise aig aois 39, tha e fhathast ag amas air 1000 tadhal a’ ruighinn.
Amas a chuireas ris an uallach air Steve Clarke agus an sgioba aige a-nochd.
Chan e Ronaldo a mhàin a dh’fhaodadh oidhche dhuilich a thoirt do dh’Alba.
Tha sgioba Phortugal a’ cuir thairis, cha mhòr a grodadh le tàlant.
Bho sgiobair Mhanchester United, Bruno Fernandes, gu Bernardo Silva a tha air 17 duais a bhuannachadh le Manchester City anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha eòlas gu leòr am measg an sgioba.
Tha, agus cunnart.
Tha Nuno Mendes aig Paris Saint-Germain a’ cruthachadh tadhal anns gach geama na làithean sa.
Sin, a thuilleadh air daoine a leithid Rafael Leão, João Félix agus Diogo Jota.
Tha 17 cluicheadair anns an sguad de 26 a th’aig Portugal airson a gheama sa, a tha an sàs anns na prìomh chòig lìogan san roinn eòrpa – agus chan eil Ronaldo nam measg.
Tha Portugal cuideachd fo stiùir fhear a tha eòlach gu leòr air ball-coise na h-Alba.
Chuir Roberto Martìnez naoi mìosan seachad aig Tobar na Màthair aig toiseach na linn.
Cha deach cùisean mar a mhiannaicheadh e air a phàirc – a’ cluiche dìreach 16 turas do na Steelmen, agus a’ call a dhreuchd nuair a chaidh an cluba ann an rianachd.
Far na pàirce gè-tà, choinnich e ri tè a tha an-diugh na bhean, agus dithis chloinne aca.
Tha e cuideachd eòlach air Steve Clarke.
Tha iad air coinneachadh seachd tursan mar mhanaidsearan an dà chuid aig ìre cluba ann an Sasainn, agus air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.
Chan eil an Spàinnteach ach air aona gheama a’ chall san ùine sin, an aghaidh coidse a tha sìor fhàs nas fheumaile air trì puingean a thogail a dh’aithghearr.
Nuair a chuireas tu a-huile càil a tha sin ri chèile, agus am fios gu bheil Portugal ann an sunnd cho math sa chunnacas fhathast fo stiùir Martínez, tha fios gur e oidhche dhuilich a th’air fàire.
Tha iad aig an ìre as àirde de Lìog nan Nàiseanan gè-tà, a’ cluiche sgiobaidhean a bhìodh duilich an gnothaich a dheanamh orra fiùis air na làithean as fheàrr.
‘S e an rud as cudromaiche bho shealladh nan Albannach dheth, gun tèid togail air an oidhirp a thathar air a dhèanamh anns na geamannan a dh’fhalbh, agus gun seall iad gu bheilear fhathast air an t-slighe cheart, fo stiùir a choidse cheart.