Main content

Oidhche mhòr san Roinn Eòrpa

The Hearts agus Cille Mheàrnaig gan dèanamh fhèin deiseil air thoiseach air a' chiad gheama playoff aca san Roinn Eòrpa.

'S iad Viktoria Plzeň à Poblachd nan Seiceach a bhios a' seasamh ann an àite Hearts airson faighinn a-steach gu Lìog Europa.

Cluichidh iad nan aghaidh thairis air dà gheama - ann am Poblachd nan Seiceach an toiseach agus an uair sin aig Tynecastle san dàrna geama.

Tha Cille Mheàrnaig a' feuchainn ri faighinn a-steach gu Lìog Chonference Europa - an fharpais as ìsle san Roinn Eòrpa - agus feumaidh iad a' chùis a dhèanamh air F.C. Copenhagen thairis air dà gheama airson sin a chosnadh.

A bheil Hearts deiseil airson a' gheama seo?

Tha Steven Naismith agus an sgioba aige aig Hearts air a bhith a' feitheamh gus cluich san Roinn Eòrpa is iad a' faicinn briseadh-cridhe St Mirren ann an Lìog Chonference Europa agus gàirdeachas Chille Mheàrnaig an t-seachdain seo chaidh nuair a thàinig iad am bàrr an aghaidh Tromsø airson playoffs an aon fharpais a ruighinn.

Dh'fhaodar a ràdh gu bheil gu leòr ùine air a bhith aca airson ullachadh fhaighinn air thoiseach air geama mòr eile san Roinn Eòrpa.

A-mach às na trì geamaichean aca gu ruige seo air an t-seusan ùr ge-tà, tha iad fhathast a' feitheamh air geama a bhuannachadh agus tha iad air dìreach aon tadhal a chur.

Ach 's e gu bheil iad a' dol a-steach dhan gheama an aghaidh Viktoria Plzeň às dèidh dhaibh call an aghaidh na h-Eaglaise Brice bhon Championship ann Cupa na Lìge - cluba a bha a' cluich ann an Lìog a h-Aon air an t-seusan a dh'fhalbh.

Air pàipear, chan eil coltas dòchasach air seusan ùr Hearts.

Ach 's dòcha nach bu chòir cus dragh a bhith aig Steven Naimsith mun sgioba aigesan fhad 's a tha e a' sgrùdadh Viktoria Plzeň air thoiseach air a' gheama nan aghaidh.

B' e Rangers a' chiad gheama farpaiseach aca den t-seusan ùr agus chùm iad cùisean co-ionnann gun tadhal.

Chan e Hearts a' chiad sgioba, no an sgioba mu dheireadh a chailleas geama ann an cupa an aghaidh sgioba "nas ìsle".

Chan eil Hearts air geama farpaiseach a chall aig Pàirce Tynecastle bho dheireadh 2023 nuair a rinn Rangers a chùis orra dusan geama air ais.

Tha Naismith air a bhith a' faighinn càineadh bhon luchd-taice le mar a tha e air a bhith ag atharrachadh na sgioba aige eadar na trì geamaichean aca - laigse 's dòcha gu ruige seo ach an e rud glic a tha seo air thoiseach air iomairt san Roinn Eòrpa?

Cha do thòisich Lawrence Shankland, Barrie MacAoidh agus ceathrar eile an geama an aghaidh na h-Eaglaise Brice às dèidh dhabh tòiseachadh an aghaidh Rangers agus shaoilleadh tu gum biodh a' mhòr-chuid dhiubh cho fiot 's a ghabhas airson oidhche Ardaoin.

Tha seo a' togail na ceiste am measg an luchd-taice - dè an rud as cudromaiche, na farpaisean ann an Alba no ball-coise Eòrpach?

Coltas Viktoria Plzeň

'S ann anns na 15 bliadhna mu dheireadh a tha Viktoria Plzeň air iad fhèin a stèidheachadh mar thè de na sgiobaidhean as soirbheachaile ann am Poblachd nan Seiceach còmhla ri Sparta Prague agus Slavia Prague.

Bho 2011, tha Viktoria Plzeň air sia tiotalan lìge a bhuannachadh agus tha iad air crìochnachadh san dàrna àite ceithir tursan.

Fo stiùir a' mhanaidseir aca, Miroslav Koubek, bha iad an sàs ann an cairteal-chuairtean deireannach Lìog Chonference Europa mus do rinn Fiorentina a' chùis orra ann an ùine a bharrachd.

A' bhòn-uiridh, chluich iad aig ìre na buidhne de Lìog na h-Eòrpa còmhla ri Barcelona, Inter Milan agus Bayern Munich.

A dh'aindeoin 's gun do chaill iad na geamaichean air fad aca nan aghaidh, shaoilleadh tu gu bheil sin agus an eachdraidh làidir aca ann am ball-coise Eòrpach na neart dhaibh.

A rèir nan geamaichean acasan air an t-seusan ùr, tha iad air sia a-mach à seachd geamaichean a bhuannachadh eadar an lìog ann am Poblachd nan Seiceach agus a' chuairt dhearbhaidh mu dheireadh de Lìog na h-Eòrpa.

Mar sin, feumaidh Hearts an seusan acasan a thòiseachadh le brag oidhche Ardaoin.

Cille Mheàrnaig

Ma sheallas tu ris na geamaichean mu dheireadh aig Cille Mheàrnaig bhon a thòisich an seusan ùr, chì thu dearg air feadh an àite - air sgàth an dà chuid na sgòran agus an dà chairt-dhearg a tha an loidhne dìon air cosnadh gu ruige seo.

Tha iad air ceithir a-mach às na seachd geamaichean aca san lìog, Cupa na Lìge agus an Roinn Eòrpa a chall.#

Tha iad air gu leòr thadhal a chall cuideachd - dusan dhiubh a-mach às na seachd geamaichean sin.

An aon gheama a tha iad air buannachadh gu ruige seo - an dàrna geama an aghaidh Tromsø a choisinn àite dhaibh sa cheum mu dheireadh airson faighinn a-steach gu Lìog Chonference Europa.

Agus abair dùbhlan a bhios nan aghaidh - F.C. Copenhagen a bha an sàs ann an Lìog na h-Eòrpa air an t-seusan a dh'fhalbh.

Bidh cuimhne aig gu leòr air mar a chaidh dhaibh san fharpais.

Rinn iad a' chùis air Manchester United aig Old Trafford 4-3 agus chrìochnaich iad co-ionnann ri Bayern Munich sa Ghearmailt.

Ach aig a' cheann thall, cha d' fhuair iad a-mach às à' bhuidhinn.

Cha deach cùisean mar a bha iad an dòchas ann am Prìomh Lìog na Danmhairg le bhith a' crìochnachadh san treasamh àite, gam fàgail le aon chothrom cluich san Roinn Eòrpa tro cuairtean dearbhaidh Lìog Chonference Europa.

Bho 2019, tha iad air an Superliga san Danmhairg a bhuannachadh trì tursan agus tha iad air a' bhith am measg nan trì sgiobaidhean às àirde gach seusan.

Agus a dh'aindeoin 's gun robh breaban-peanais a dhìth orra sa chuairt mu dheireadh san Roinn Eòrpa an aghaidh Baník Ostrava, chan eil mòran an dùil gum bi an dà gheama aig Cille Mheàrnaig nan aghaidh furasta.

Sguad làn tàlant

Air taobh a deas na loidhne aghaidh, dh'fhaodadh Jordan Larsson, balach seann chluicheadair Celtic agus Barcelona, Henrik Larsson, cluich oidhche Ardaoin.

Air taobh eile na loidhne dh'fhaodadh Cille Mheàrnaig dèiligeadh ri sgilean seann chluicheadair Celtic agus Southampton, Mohamed Elyounoussi.

Barrachd na seachd bliadhna bhon a dh'fhàg e an cluba, Tha Thomas Delayney air ais a' cluich do Chopenhagen.

Aig 32 bliadhna de dh'aois, tha e air cluich do Werder Bremen agus Borussia Dortmund sa Ghearmailt agus Sevilla san Spàinn am emasg eile. Dh'fhaodadh eòlas aigesan a bhith cunnartach cuideachd.

Co-dhiù, tha manaidsear Chille Mheàrnaig, Derek MacAonghais air a bhith ag atharrachadh na sgioba aige eadar na diofar gheamaichean aca airson dèanamh cinnteach nach eil iad cho sgìth 's a dh'fhaodadh iad a bhith le dà gheama a chluich gach seachdain.

Cuideachd, tha e air seann chluicheadair Coventry Jack Burroughs fhaighinn a-steach airson taobh a deas na loidhne-dìon a neartachadh - àite a tha air a bhith caran lag aig amannan ann an cuid de na geamaichean aca o chionn ghoirid.

Rud eile a bhios aig Derek MacAonghais an turas seo nach robh aige an aghaidh Cercle Brugge agus Tromsø - bidh an dàrna geama aca aig an taigh agus ma thilleas iad dhachaigh às dèidh a' chiad gheama fiù 's dìreach aon tadhal air dheireadh, bidh dòchas gu leòr aig an luchd-taice agus 's dòcha nas cudromaiche na sin, na cluicheadairean aca.

/naidheachdan/sgeulachdan/ckg5j3djz87o