Main content

Urram Iomain a' Mhòid air an 'Shinty Referee'

Thèid urram Ceann Feadhna Camanachd a’ Mhòid a bhuileachadh air Eanruig MacAonghais san Òban Disathairne.

'S ann à Port nan Long bho thùs a tha Mgr MacAonghais is e an-diugh a' fuireach ann an Steòrnabhagh.

Bha e an sàs ann an rèitireachd iomain fad iomadh bliadhna, a' gabhail a-steach cuid de na cuairtean deireannaich as motha san spòrs.

Bha dlùth cheangal aige ri iomain a' Mhòid cuideachd, gu dearbh 's e Cupa a' Mhòid ann am Peairt ann an 2022 an geama mu dheireadh a rinn e.

Ach choisinn Eanruig cliù fiù 's seachad air saoghal na h-iomain tron phort agus òran an Shinty Referee aig Fergie Dòmhnallach nach maireann.

Shoirbhich gu mòr ris an òran nuair a chaidh a sgaoileadh ann an 2013 is e a' ruighinn mullach clàr iTunes.

Tha urram eile gu bhith ann dha Eanruig a-nise mar Cheann Feadhna Camanachd a’ Mhòid.

Chaidh a’ chiad chromag 'son urram a' Chinn Feadhna a thoirt do dh’Ùisdean MacIllinnein aig Mòd Phàislig an-uiridh, agus bidh Ùisdean fhèin an làthair aig Pàirc Mhossfield aig geamaichean camanachd a’ Mhòid Disathairne 'son cromag Eanruig a thoirt seachad.

"Tha mi air leth toilichte gum bi cromag a-nis aig Eanruig, ged nach eil feum aige air buileach fhathast", thuirt Ùisdean.

"Tha e gu math iomchaidh gur esan a tha a' tighinn às mo dhèidh agus e cho dealasach a’ frithealadh a' Mhòid agus geamaichean camanachd fad is farsainn.”

Thèid an t-urram a bhuileachadh air Eanruig mar phàirt de là mòr na h-iomain aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban Disathairne.

'S iad Camanachd an Òbain is Lòbhat a bhios a' farpais ann an geama nam fear airson Chupa a' Mhòid mar phàirt den gheama aca sa Phrìomh Lìog.

Tha An t-Òban air an cupa a thogail ceithir tursan agus thog Lòbhat e ann an 1972 aig Mòd Inbhir Nis.

’S e Lachie Wood an rèitire is an geama gus tòiseachadh aig 2.30f.

Ron sin bidh geama nam ban ann eadar Sgioba Thaghte Earra-Ghàidheal is Àird nam Murchan aig 12.15f 'son Geall-dùbhlain LearnGaelic, farpais a thòisich ann an 2018.

'S e Ceilteach an Òbain - nach eil air cluich san lìog am-bliadhna - a tha air sgioba Earra-Ghàidheal a chur ri chèile.

Thathar an dòchas gun toir an geam seo brosnachadh do spòrs nam bàn san sgìre a-rithist.

Tòisichidh an là le farpaisean na h-òigridh aig 10.30m.

Bidh clann-sgoile bho air feadh Earra-Ghàidheil a’ farpais airson Chupa Mòd Ghlaschu.

/naidheachdan/sgeulachdan/cdd4n3lvq65o