Willie Dòmhnallach na rèitire 'son cuairt dheireannach Chupa na Camanachd
'S e Willie Dòmhnallach à Baile a' Chaolais a bhios os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an ath-mhìos eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Lòbhat.
Cha robh Mgr Dòmhnallach ach 13 nuair a thòisich e a' cluich do Bhaile a' Chaolais.
Às dèidh bhliadhnaichean ann an dathan sgioba a' bhaile aige fhèin, ghluais e dhan Ghearasdan far an do ràinig e an ìre as àirde san spòrs mar phàirt den sgioba a bhuannaich Cupa na Camanachd ann an 1992.
Fhuair Willie cuideachd duais Albert Mhic a' Ghobhainn 'son sàr-chluicheadair an là.
Anns na bliadhnaichean às dèidh sin fhuair e duaisean eile agus aithne aig ìre eadar-nàiseanta, mus deach e an sàs ann an coidseadh aig ìre òigridh.
Tha Mgr Dòmhnallach air a bhith na rèitire bho 2014 is ged a bha e os cionn nan cuairtean deireannach mòra eile, 's e seo a' chiad turas a ghabhas e smachd air cuairt dheireannach Chupa na Camanachd.
"'S e urram mòr a th' ann dhomh a bhith os cionn a' gheama eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Lòbhat, 's dòcha an dà sgioba as fheàrr san spòrs an-dràsta", thuirt Mgr Dòmhnallach.
"Tha mi an dùil gur e geama luath, fosgailte a bhios ann, is leigidh mi leis sruthadh cho math 's as urrainn dhomh".
Dh'innis Willie gur e uncail dha, Hugh 'Seedy' Labhraidh nach maireann à Baile a' Chaolais, a bha na rèitire 'son cuairt dheireannach 1955 eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid.
Bhuannaich am Baile Ùr 5-2 an là sin ann an Glaschu.
"Thug Uncle Hugh dhomh an fhìdeag Acme Thunderer a bh' aige anns na làithean mu dheireadh aige", dh'innis Willie.
"Mar chuimhneachan airsan cleachdaidh mi e an fhìdeag aige airson cuairt dheireannach 2024 a thòiseachadh".