Main content

An Gàidheal a bhuannaich bonn Oilimpigeach

Sheas an sluagh mòr san Stèideam Oilimpigeach ann an Stockholm gus moladh a dhèanamh air an fheadhainn a bha air soirbheachadh ann an tilgeil an ùird - nam measg fear òg tapaidh à Gleann Comhann is làn a chlaigeinn de Ghàidhlig aige.

Air thoiseach air Geamaichean 1912 bha an New York Times air innse gum bu chòir sùil gheur a chumail air Donnchadh MacIllÌosa, is pàipearan eile ag ràdh gun robh e am measg nan lùth-chleasaichean a b’ fheàrr a bha san t-saoghal.

‘S e sin, ‘s dòcha, a dh’fhàg gun deach a thaghadh gus a' bhratach nàiseanta a ghiùlain a-steach dhan stèideam aig toiseach nan Geamaichean.

A-nise bha e air an ìre as àirde ann an spòrs na Cruinne a ruighinn is bonn airgid Oilimpigeach mu amhaich.

Ach cha b’ ann aig ceann sgioba Bhreatainn idir a bha MacIllÌosa, gu dearbh cha robh Donnchadh a-riamh air cas a chur air tìr ann an Alba.

Rugadh e ann an Ceap Breatainn ann an 1882 ann an Stèisean Ghleann Comhann ann an Iar-Dheas Mhàbu, pàirt de Pharaiste Port Hood, no Seastago mar a th' aca air sa Ghàidhlig.

'S ann à Mùideirt bho thùs a bha an teaghlach air taobh athar. 'S e fear Iain MacIllÌosa, Iain MacPheadair, a bha air a dhol a dh'Alba Nuadh an toiseach, far an do phòs e tè Anna Pheutan à teaghlach a bha mar-tha ann.

'S e Donnchadh, mac Iain MhicIllÌosa is Màiri NicMhaighstir, an treas ginealach às dèidh sin a rugadh ann an Ceap Breatainn ann an coimhearsnachd làidir Ghàidhealaich, is an cunntas-sluaigh ag innse dhuinn gur e a' Ghàidhlig cànan an teaghlaich.

"Bhiodh Gàidhlig aig a h-uile duine aig an àm ud," dh'innis Oighrig NicFhraing, a tha a' fuireach ann am Màbu is a tha na h-eòlaiche air eachdraidh an àite.

"Bhiodh Èireannaich air tighinn a-staigh cuideachd ach dh'ionnsaich cuid mhath aca sin a' Ghàidhlig againne.

"'S e Gàidhlig a bhiodh aca - is bha daoine a' cur meas air daoine làidir anns a h-uile baile."

Agus abair gur e sin a bh' ann an Donnchadh Òg.

Mar dheugaire bha e an sàs ann a bhith a' togail loidhne-rèile san sgìre.

Bha an teaghlach a' miannachadh, tha e coltach, gum fuiricheadh am balach tapaidh far an robh e is gun gabhadh e fearann athar os làimh, ach le airgead na companaidh-rèile na phòcaid, chuir Donnchadh roimhe falbh gu siar is beatha ùr.

Tha Iain MacIllÌosa am measg na stèidhich Taigh-tasgaidh Sheastago ann an Ceap Breatainn is tha e air sgeulachd Dhonnchaidh a rannsachadh.

"Chruinnich e airgead gu leòr airson faradh trèana gu British Columbia is rinn e a dhachaigh ann am Vancouver," tha Iain ag ràdh.

"Fhuair e obair na phoileas an sin - is chaidh e na bhall ann an Cluba Lùth-Chleasachd Vancouver.

"'S e shot put, discus is tilgeil an ùird a dhèanadh e ach chaidh moladh dha beagan a bharrachd cuideim a chur air is oidhirp shònraichte a dhèanamh ann an tilgeil an ùird gu h-àraidh."

Ged a bha e air tiotal Canadianach a bhuannachadh ann an shot put, dh'èist Donnchadh ri comhairle nan coidisichean is chaidh e an sàs gu sònraichte ann an tilgeil an ùird.

'S e bha math air agus e air a' cheann thall a' glèidheadh àite ann an sgioba Oilimpigeach Chanada ann an 1912, an dà chuid ann an discus agus tilgeil an ùird.

Aig còrr is sia tròighean a dh'àirde is le 225 punnd de chuideam ann, 's e an duine as motha a bha san sgioba. 'S beag an t-iongnadh, 's dòcha, gun deach a thaghadh gus a' bhratach a ghiùlain aig toiseach nan Geamaichean.

Nuair a thilg e an t-òrd cha mhòr 160 tròigh ann an Stockholm bha dòchas am measg nan Canadianach gur e bonn òir a gheibheadh e.

Air a' cheann thall rinn Matt McGrath às na Stàitean Aonaichte an gnothach air is 's e bonn airgid a choisinn MacIllÌosa, is teisteanas airgid a thug Rìgh na Suaine seachad dha.

Chanadh Donnchadh na sheann aois, tha e coltach, gur e am bonn airgid sin an duais a bu phrìseile a bh' aige.

Sin a dh'aindeoin is gun deach e an sàs anns na bliadhnaichean às dèidh 1912 ann an carachd, a' buannachadh tiotal Chanada agus a' farpais airson tiotal na Cruinne ann an 1920, sabaid ghlè fhaisg, tha e coltach, a chaill e aig a' cheann thall.

Tha e coltach nach do thill Donnchadh a Cheap Breatainn às dèidh dha falbh ann an 1904, ach bha cuimhne aige a-riamh air cò às a bha e.

Tha cuimhne aig muinntir an àite airsan cuideachd, is thàinig na rinn e am bàrr às ùr gu nàiseanta as t-Samhradh nuair a bhuannaich Canada dà bhonn ann an tilgeil an ùird aig Geamaichean 2024 ann am Paris.

'S e seo a' chiad turas a bha an dùthaich air buinn a chosnadh san fharpais bho shoirbheachas Dhonnchaidh ann an 1912.

"Tha teaghlach aige ann an Seastago, Màbu is sgìre Ghleann Comhann fhathast is tha sinn gu math moiteil às," dh'innis Iain MacIllìosa.

"Chuir an taigh-tasgaidh Donnchadh air adhart e 'son Talla Ghaisgeach Spòrs na h-Albann Nuaidh is fhuair e àite ann."

Fhuair is ann an tallaichean British Columbia is Chanada gu lèir.

Ach tha car iongantach eile san sgeulachd. Oir chan e Donnchadh an aona Ghàidheal a bha air àite a chosnadh ann am farpais tilgeil an ùird aig Geamaichean Stockholm ann an 1912 - chan e fiù 's an aona Ghiollasach.

Cuideachd gus farpais bha fear Sìm MacIllÌosa à Gillisdale ann am Margaree ann an Ceap Breatainn, fear eile a bha làn Gàidhlig, a bhiodh ri dannsa-ceum tha e coltach, is à teaghlach a thàinig à Mòrar bho thùs.

Bha Sìm air Alba Nuadh fhàgail cuideachd is air a dhachaigh a dhèanamh ann an New York.

Coltach ri Donnchadh 's e biast mòr de dhuine a bh' ann, is coltach ri Donnchadh bha e na oifigear poilis.

Tha aithris às an New York Times bhon àm ag innse mar a chaidh eucoireach a chur an grèim le "Big Simon Gillis, the hammer throwing athlete of the police force".

Bha Sìm mar-thà air farpais às leth nan Stàitean Aonaichte aig na Geamaichean Oilimpigeach ann an 1904 is 1908, ged nach d' fhuair e bonn.

Gu mì-fhortanach, chaidh a ghoirteachadh goirid ro fharpais Stockholm is ged a tha ainm a' nochdadh air liosta nan lùth-chleasaichean airson tilgeil an ùird, cha b' urrainn dha pàirt a ghabhail.

Tha Sìm cuideachd a' nochdadh ann an Taigh-tasgaidh Sheastago is òrd a thilg e ga thaisbeanadh ann.

Còrr air 100 bliadhna bho Gheamaichean 1912, tha an sgeulachd fhathast a' còrdadh gu mòr ri Iain MacIllìosa.

"Tha dealbh agam nam cheann air an dithis a tha seo, Donnchadh MacIllÌosa à Seastago is Sìm MacIllÌosa à Margaree is Gàidhlig a' chiad chànan aca, is iad a' cabadaich ri chèile aig na Geamaichean Oilimpigeach ann an Stockholm sa Ghàidhlig".

Anail nan Gàidheal, aig an fhìor mhullach.

/naidheachdan/sgeulachdan/clynzde79gro