Main content

An t-seann duan aig an t-seann phrìs - Alba a-mach à Euro 2024

Briste. Sin mar a bha cluicheadairean na h-Alba às dèidh 99 mionaid agus 32 diog ann an Stuttgart, is iad a call an aghaidh na h-Ungaire.

Bha 10 mionaidean a bharrachd aig deireadh a' gheama air sgàth droch bhuille a dh’ fhuiling Barnabás Vargas 's an dàrna leth agus b’e an sgioba aigesan a chleachd an ùine sin gus na trì puingean fhaighinn.

Cha robh ach diogan air fhàgail air a' ghleoc is Alba a’ putadh airson tadhal ach 's ann aig a cheann eile a chuir Kevin Csoboth am ball seachad air Aonghas Gunn. An t-seann duan aig an t-seann phrìs – Alba air an t-slighe dhachaigh aig a' chiad chothrom.

Ron gheama, bha mòran den luchd-taic agus eòlaichean a’ bruidhinn air cho math ’s a bha an Ungaire an aghaidh na Gearmailt fiù 's ged a chaill iad.

Dùbhlan gu tur eadar-dhealaichte a bh’ann an Alba dhaibh ge-tà agus iad tuilleadh is deònach suidhe air ais is leigeil le Alba cluiche. Bha còrr is 60% den bhall aig Alba gu dearbha sa chiad leth, ach cha do rinn iad sian leis.

Ged nach robh cus cluiche aca fhèin, b’ iad an Ungair a chruthaich an aon chothrom 'sa chiad leth. Bho shaor-bhreab faisg air iomall a' bhogsa thug sgiobair na h-Ungair Szoboszlai car às loidhne-dìon na h-Alba le ball aotrom a-steach don bhogsa agus bhuail Willi Orbán am maide-tarsainn leis an oidhirp. Faochadh a bha sin do Aonghas Gunn agus an còrr den sgioba, ach aig a' cheann eile cha do dh'adhbhraich Alba trioblaid sam bith do Péter Gulácsi.

Ge bith dè thuirt Steve Clarke san t-seòmar deasachaidh, thòisich sgioba na h-Ungaire le làmh an uachdair. Chan eil John McGinn air cliù a’ chosnadh aig na farpaisean seo ach goirid às dèidh uair a thìde, chaidh e seachad air triùir gus an sgioba agus an t-arm tartain a thogail. Togail gu ìre, ach fhathast gun chothrom a’ chruthchadh.

Thàinig stad air a' gheama an uairsin is Barnabás Varga air droch bhuille fhaighinn ann am bogsa na h-Alba. Air sgàth 's cho dona ‘s a chaidh a ghoirteachadh cha d’ fhuair daoine aig an taigh no am broinn an stèideam dàrna sùil air na thachair. Chan eil sin gu mòran diofar. Chaidh Varga dhan ospadal agus sann air an sin a bhios smuaintean neach sam bith a bha ga choimhead agus a’ fèitheamh fios air mar a tha e.

Bha aon chothrom mhìorbhaileach aig Alba an tadhal prìseal sin fhaighinn. Chaidh Stuart Armstrong a chluiche troimhe le Scott McTominay agus bha coltas ann gun robh e troimhe air beulaibh an tadhail. Chaidh e sìos na chnap – cluicheadair-dìon ri thaobh agus Alba gu h-aona ghuthach ag iarraidh breab-pheanais. Cha d’ thàinig e, agus cha d’ thug VAR air Facundo Tello sùil eile a thoirt. An cothrom seachad.

Le beagan mhionaidean dhan 90 air fhàgail bha structur agus cumadh na h-Alba air a dhol a-mach an uinneig. Thàinig Shankland, Armstrong, McLean, Christie agus Morgan uile far na beingidh agus bha coltas ann gun robh iad a dol a dh’ fhaighinn na bha iad ag iarraidh. Le 98 mionaid air a chluiche, thuit am ball sa bhogsa aig casan Grant Hanley.

Duine sam bith eile agus 's dòcha gum bitheadh Alba air adhartas a dhèanamh – ach ‘s ann sa bhogsa aige fhèin a tha neartan Hanley seach bogsa na h-Ungaire, agus bha an oidhirp aige lag.

Le beagan dhiogan air fhàgail bha Alba a-mach às an fharpais. Bha cothrom aca fhèin air an tadhal ach bhris an Ungair suas a' phàirce. Ghabh an sgiobair aca, Dominik Szoboszlai, anail gus am pass ceart a lorg. Bha Kevin Csoboth a’ fèitheamh aig a' phost-chùil agus cha b'ann lag ach làidir a bha an oidhirp aigesan. Seachad air Aonghas Gunn agus a-steach don lìon.

Bocadaich agus dannsa aig ceann na h-Ungaire de Arena Stuttgart. Do luchd=leantainn na h-Alba bròn agus ticead air ais dhachaigh. Ge bith dè chaidh a sheinn, leanaidh am pàrtaidh gun sgeul air Alba.

https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/cn000vqde1wo