Ceistean ann an Loch Abar
- Air fhoillseachadh
Bho chionn 17 bliadhna bha Loch Abar aig cridhe saoghal na h-iomain anns a h-uile dòigh.
Chaidh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd 2005 air adhart aig an Àird is an Gearasdan a' dol an aghaidh Cill Mhà ilidh, a' chiad turas a bha na nà imhdean ionadail air coinneachadh sa chuairt dheireannaich.
B' e deagh là Abrach a bh' ann cuideachd is an dìle ann bho thòiseach gu deireadh.
Air a' cheann thall 's iad an Gearasdan a rinn a' chùis 3-2 le tadhal anmoch bho James Clark, a dh'innis dha na meadhanan às dèidh là imh is e bog bà ite ach air a dhòigh gun robh seo cho mòr ri Rangers is Celtic 'son muinntir Loch Abair.
Nas motha fiù 's, chanadh cuid.
Bha prìomh dhuais iomain nam ban ann an Loch Abar ann an 2005 cuideachd is Gleann Garadh air Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh, rud a rinn iad tric ann am bliadhnaichean trà th an 21mh linn.
Cha bu chòir sgioba Loch Abair fhèin a dhìochuimhneachadh nas motha. Ann an 2004 bha iadsan air saoghal na h-iomain a chur bun os cionn nuair a chuir iad Ceann a' Ghiuthsaich a-mach à Cupa na Camanachd 5-4 ann an Drochaid an Aonachain, a' chiad turas a bha Kings air geama a chall ann an Cupa na Camanachd bho 1996.
Trì sgiobaidhean tà lantach faisg air a' chèile ann an iomain nam fear is an sgioba as fheà rr ann an iomain nam ban, is a h-uile coltas ann gun robh linn soirbheachail an dà n do chlubaichean Loch Abair.
Duaisean
Gu ìre 's e sin a thachair. Bha an Gearasdan gu h-à raidh am measg nan duaisean is iad a' togail Chupa na Camanachd a-rithist ann an 2007, 2008, 2009 is 2010.
Bha Cill Mhà ilidh is Loch Abar gu cunbhalach sa Phrìomh Lìog is iad a' nochdadh ann an cuairtean deireannach cuideachd.
Is nuair a thuit Gleann Garadh air falbh às dèidh dhaibh prìomh dhuaisean iomain nam ban a chà rnadh, nochd an uairsin Loch Abar aig à rd-ìre.
Tha an linn soirbheachail sin seachad.
Thà inig dearbhadh Disathairne gu bheil an Gearasdan air tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog còmhla ri Cill Mhà ilidh. Bidh an dà sgioba san Lìog Nà iseanta an ath-sheusan còmhla ri Loch Abar, a bha air a dhol sìos ann an 2019.
Ann an iomain nam ban tha sia bliadhna ann a-nise bho bhuannaich Loch Abar Cupa Valerie Fhriseil is Bà ideanach is na Sgitheanaich air leum seachad orra. Chan eil Gleann Garadh tuilleadh aig à rd-ìre.
Ann an spòrs mar iomain a tha gu ìre mhòir stèidhichte ann an coimhearnsnachdan dùthchail bidh linntean soirbheachail a' tighinn is a' falbh mar a thèid na ginealachdan seachad.
Nach cuala sinn Ceann a' Ghiuthsaich fhèin ag rà dh nuair a thog iad an Grand Slam am-bliadhna nach robh ann ach beagan bhliadhnaichean bho theab iad tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog.
Ach sin ann no à s, 's e buille mhòr a tha seo do Loch Abar, mar a mhìnich fear a tha mion-eòlach air an sgìre is air an iomain.
"Tha sinn eòlach gu leòr ma thèid tomhas a dhèanamh air cà ite bheil no cà ite robh camanachd là idir, chuireadh na sgìrean leithid Bhà ideanach, Inbhir Nis, an Iar Thuath is an uair sin Loch Abar is Earra-Ghà idheal am measg nan coimhearsnachdan sin", thuirt an Dtr Ùisdean MacIllinnein.
"Tha sgiobaidhean a' dol suas is sìos ach 's e rud gu math neònach a th' ann ann an aon dòigh ach gu math cudromach ann an dòigh eile gu bheil na trì air a dhol sìos aig an aon ìre", thuirt e.
Coimhearsnachd
A rèir an Dr MhicIllinnein, tha na tha air tachairt na shamhla air mar a tha an sgìre san fharsaingeachd ag atharrachadh.
"Tha a' choimhearsnachd fhèin air atharrachadh, tha ginealach ùr a' tighinn troimhe fhathast agus tha na sgiobaidhean air a bhith an eisimeil grunn dhaoine - tha an Gearasdan is Cill Mhà ilidh air a bhith an eisimeil grunn dhaoine a tha a-nise suas ann am bliadhnaichean is tha sinn air cuid dhiubh a chall gu mì-fhortanach.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e turchartas a th' ann ann an dòigh gu bheil an dà sgioba air fulang aig an aon à m is tha iad air fulang le dìth taic comataidhean is dìth dhaoine, ach tha mi a' smaoineachadh gur e rud bunaiteach a th' ann gu bheil a' choimhearsnachd air atharrachadh gu buileach is chan urrainn dhaibh na sgiobaidhean camanachd a chumail a' dol mar a chleachd", thuirt e.
Tha sin a' togail na ceist a bheil e comasach do sgiobaidhean Loch Abair iad fhèin a thogail gu à rd-ìre às ùr.
Thog an Dr MacIllinnein air mar a tha an saoghal air atharrachadh is prìomhachasan eile aig daoine is cur-seachadan eile aig òigridh gu h-à raidh.
A' coimhead ris a' Ghearasdan, Cill Mhà ilidh is Loch Abar gu sònraichte, tha e ag rà dh nach eil cinnt idir ann gun till na clubaichean uile gu à rd-ìre a' chiad ghreis, is gur e dèiligeadh ris na dùbhlain far na pà irce an rud as cudromaiche.
Ma thachras sin, tha e a' dèanamh dheth gur dòcha gin tig feum fhathast às an t-suidheachadh a th' ann.
"Ma thèid aca air comataidhean is taic a chur air dòigh a chumas sgiobaidhean air a' phà irc, tha mi a' smaoineachadh gum faodadh an fharpais a bhith feumail dhaibh is gun toir e air adhart 's dòcha a dhà de na trì", thuirt e.